Abhach
Abhach | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Alba |
Comhairle | Comhairle na Gàidhealtachd |
Siorrachd | Ros an Ear |
Co-chomharran | 57° 34′ 9.58″ T 4° 10′ 31.21″ I |
Comharradh-clèithe | NH699553 |
Feartan fiosaigeach | |
Àireamh-shluaigh | 1,052 (2011) |
Àireamh fòn | 01381 62 |
Còd-puist | IV9 |
'S e baile beag air an Eilean Dubh a th' ann an Abhach (Beurla: Avoch)[1]. Tha e suidhichte air an A832 eadar Poll Lochaidh san iar agus a' Chananaich san ear air taobh an ear-dheas an leth-eilein air bruach Linne Mhoireibh. Ann an 2011 bha 1,052 duine a' fuireach an seo[2].
Am baile
[deasaich | deasaich an tùs]Bha eaconamaidh a' bhaile stèidhichte gu ìre mhòir air iasgach, gu h-àraidh sgadan agus gearra-sgadain. An-diugh thèid am port-mara a chleachdadh airson bhàtaichean eile agus airson turas air bàta a thoirt don luchd-turais, gu h-àraidh gu Rubha na Cananaich gus leumadairean fhaicinn. Tha am port-mara suidhichte aig ceann an ear dhen t-seann bhaile iasgaich. Chaidh a thogail ann an 1815 a rèir planaichean Thomas Telford. Chaidh an cala a leasachadh ann an 1903 agus chuireadh an Avoch Harbour Trust air bhonn, a tha a' stiùireadh gnothaichean a' phuirt gus an latha an-diugh[3]. Tha an seann bhaile timcheall air a' chala agus inbhir an abhainn Rosehaugh Burn a' gabhail a-steach sraidean beaga ris an canar ‘streeties’ Tha iad a' ruith aig ceart-cheàrn chun a' chladaich. Tha pàirt dhen bhaile, eadar a‘ chala, Long Street agus Henrietta Street na raoin-ghlèidhteachais[4][5]. Chithear seann taighean beaga nan iasgairean ann an Henrietta Street.
Àitichean timcheall air Abhach
[deasaich | deasaich an tùs]Tha tobar chlùdaidh (clootie well), "Craigie Well", iar-dheas air a' bhaile, eadar Abhach is Poll Lochaidh faisg air Bàgh Poll Lochaidh. Cuiridh daoine aodaich agus buinn-airgid air na craobhan timcheall air an tobar seo mar gheasagan an aghaidh draoidheachd[6].
Iar-dheas air Abhach tha Ormonde Hill far an robh Ormond Castle no Castle of Avoch. Chaidh an caisteal a thogail timcheall air 1179 [7] agus bha e na dhachaigh Andrew de Moray a bha a' sabaid còmhla ri Uilleam Uallas an aghaidh Èideard I Shasainn[3]. Canar gun deach a sgriosadh timcheall air 1650 nuair a chaidh airm Cromwell dlùth air a' chaisteal[7]. Chan eil ach tobhtaichean air fhàgail an-diugh. Tha an caisteal clàraichte mar charragh-chuimhne àrsaidh air liosta nan togalaichean clàraichte, roinn-seòrsa A[8].
Tuath air Abhach chithear togalach clàraichte eile a nochdas air liosta roinn-seòrsa A cuideachd. Tha tobhtaichean taighe-thùir dhìonadaich, Arkendeith Tower, às an 16mh/17mh linn ann a bha e aithnichte fon ainm "Airc-Eoin-dubh" cuideachd[9].
B' e Roseaugh Estate aon de na oighreachdan a bu bheartaiche anns an sgìre seo. Bha i suidhichte iar-thuath air Abhach. Bhon 1864 a-mach chaidh an oighreachd a leasachadh le James Fletcher. Bha togalaichean ann an stoidhlichean diofraichte ann, leithid stoidhle Seòrasach is Tudair[3]. An dèidh bàs Lilian Fletcher, an tè mu dheireadh san teaghlach seo, ann an 1953, chaidh an taigh mòr a leigeil, ach tha togalaichean eile rim faicinn fhathast[10].
Daoine ainmeil
[deasaich | deasaich an tùs]Chaidh Alasdair MacCoinnich a thìodhlacadh ann an Abhach. B' e esan a' chiad duine Eòrpach a shiubhail thairis air tìr-mòr Ameireaga a tuath agus a ràinig an Cuan Sèimh.
Dealbhan
[deasaich | deasaich an tùs]-
Taighean nan iasgairean
-
Cala Abhach
-
Henrietta Street
-
Craigie Well
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ “Avoch - Abhach”. Ainmean-Àite na h-Alba. Air a thogail 25mh dhen Iuchar 2020.
- ↑ Brinkhoff, Thomas: “City Population” (Beurla). Air a thogail 17mh dhen Ògmhios 2017.
- ↑ 3.0 3.1 3.2 “Avoch” (Beurla). Black Isle Info. Air a thogail 17mh dhen Ògmhios 2017.
- ↑ “Avoch” (Beurla). Comhairle na Gàidhealtachd. Air a thogail 16mh dhen Ògmhios 2017.
- ↑ “Avoch” (Beurla). Canmore. Air a thogail 17mh dhen Ògmhios 2017.
- ↑ Sharp, Mick (1997) Holy Places of Celtic Britain. Lunnainn, Blandford. ISBN 1-85079-315-8. td. 172.
- ↑ 7.0 7.1 “Ormond Castle” (Beurla). Canmore. Air a thogail 4mh dhen Ògmhios 2017.
- ↑ “Ormond Castle” (Beurla). Àrainneachd Eachdraidheil Alba. Air a thogail 17mh dhen Ògmhios 2017.
- ↑ “Ground Arkendeith Tower” (Beurla). Àrainneachd Eachdraidheil Alba. Air a thogail 18mh dhen Ògmhios 2017.
- ↑ “Rosehaugh Mains” (Beurla). Canmore. Air a thogail 18mh dhen Ògmhios 2017.
Ceanglaichean a-mach
[deasaich | deasaich an tùs]- Black Isle Info - Avoch (Beurla)
Bailtean | Abhach • Am Blàr Dubh • A' Chananaich • A' Mhanachainn • An Todhar • Cromba • Drochaid Sguideil • Poll Lochaidh • Ros Maircnidh |
Uisgeachan | Abhainn nam Manach • Abhainn Chonainn • Linne Chrombaidh • Linne Mhoireibh • Linne Fharair |
Àitichean sònraichte | Eaglais Chille Mhìcheil • Camas Uadail • Tarbhdail • Rubha na Cananaich |