Jump to content

Alasdair MacCoinnich

O Uicipeid
Alasdair MacCoinnich
Ball de Sheanadh Iarach Reachdail Chanada

Beatha
Breith Steòrnabhagh, 1764
Dùthaich  Alba
Bàs Dùn Chailleann, 12 dhen Mhàrt 1820
Nàdar a’ bhàis adhbharan nàdarra (nephritis (en) Translate
fàilligeadh nan dubhan)
Dreuchd
Dreuchd taisgealaiche
Duaisean a fhuaras

B' e ceannaiche bhian a bha ann an Alasdair MacCoinnich, a' chiad duine Eòrpach a shiubhail thairis air Tir-mòr Ameireaga a Tuath agus a ràinig an Cuan Sèimh.

Rugadh e an, neo faisg air, Steornabhagh, Eilean Leòdhais an 1764. Às dèidh bàs a mhàthar an 1774 chaidh e còmhla ri athair gu Eabhraig Nuadh. Nuair a thòisich an t-Ar-a-mach Aimearaganach ann an 1775, chaidh athair Alasdair, a bha air a bhith na oifigeach airson Rìgh Deòrsa ann an Arm Bhreatainn rè Bhliadhna Theàrlaich, dhan Arm Dearg a-rithist agus chuireadh Alasdair fhèin tuath gu Canada. Ghabh e an sàs ann am malairt nam bian gun e ach còig bliadhna deug. Chuir e suim anns na bh' aig na h-Innseanaich ri ràdh mu chumadh na tìre anns an àirde an ear-thuath agus an 1789, aois còig bliadhna fichead, bha e os cionn iomairt a bha a' miannachadh slighe a lorg bho Chanada, nach robh ach na dùthaich bheag aig an am sin ach mun taobh sear, an iar dhan Chuan Sèimh.

Cha do shoirbhich leis an sgrìob a rinn e an 1789. Lorg e ceann aibhne a bha a' ruith an iar a mach à Loch Slèibh Mòr, ach cha do lean i ach dhan Cuan Argtach. (an-diugh 's e Abhainn MhicCoinnich a chanar ris an abhainn seo).

Dh'fheuch MacCoinnich a-rithist an 1793, 's e a' fàgail Fort Fork air 9 an Cèitein. An turas seo lorg e beàrn sna Rockies agus ràinig a sgioba cladach a' Chuain Shèimh air 22 Iuchar 1793.[1]

Thill MacCoinnich a dh'Alba na sheann aois. Chaochail e an 1820 agus chaidh a thìodhlacadh ann an Abhach, san Eilean Dubh.

  1. Fionnlagh MacLeòid, Alasdair MacChoinnich ann an Canada, Steòrnabhagh: Acair, 1991, ISBN 0-86152-843-3