Am Blàr Dubh

O Uicipeid
Jump to navigation Jump to search
Am Blàr Dubh
Muir of Ord.jpg
Meadhan aʼ bhaile
Suidheachadh
Am Blàr Dubh is located in Alba
Am Blàr Dubh
Am Blàr Dubh (Alba)
Dùthaich Flag of Scotland.svg Alba
Comhairle Comhairle na Gàidhealtachd
Siorrachd Ros an Ear
Co-chomharran 57° 31′ 12″ T
4° 27′ 36″ I
Comharradh-clèithe NH5250
Feartan fiosaigeach
Àireamh-shluaigh 2,555 (2011)
Àireamh fòn 01463
Còd-puist IV6
Duilleag oifigeil muiroford.org

'S e baile air a' Ghàidhealtachd ann an Alba a tha anns a' Bhlàr Dhubh (Beurla: Muir of Ord).[1] Tha e suidhichte air oir an iar den Eilean Dubh, 20 km an iar air Inbhir Nis agus 10 km deas air Inbhir Pheofharain.

Eachdraidh a' bhaile[deasaich | deasaich an tùs]

Anns an 19mh linn dh'fhàs am baile seo iar-thuath air a' chlachan Tarbhdail air sgàth 's stèidheachadh taigh-staile "Glen Ord" ann an 1838[2] agus mar àite math airson giùlain[3]. Tha stèisean rèile ann, Stèisean a' Bhlàir Dhuibh, a chaidh fhosgladh ann an 1869. Tha an taigh-staile "Glen Ord" ann gus an latha an-diugh, tha e aig a' chompanaidh eadar-nàiseanta Diageo a-nis.[4] Ann an 2001 bha 1812 duine a' fuireach an seo[5], agus dh'fhàs am Blàr Dubh gu 2555 duine ann an 2011[6].

Tha roinn na turasachd làidir anns a' Bhlàr Dhubh. Tha am Black Isle Show[7], tè de na fèillean àiteachais as motha ann an Albainn, ga chumail gach bliadhna faisg air aʼ bhaile. Anns na linntean sa chaidh bha am Blàr Dubh na àite cudromach airson dròbhaireachd gus crodh a reic[8].

Daoine ainmeil[deasaich | deasaich an tùs]

Dealbhan[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Am Blàr Dubh/ Muir of Ord”. Ainmean-Àite na h-Alba. Air a thogail 25mh dhen Chèitean 2017.
  2. Glen Ord Distillery”. Air a thogail 9mh dhen Ògmhios 2017.
  3. Muir of Ord”. Gazetteer for Scotland. Air a thogail 9mh dhen Ògmhios 2017.
  4. Glen Ord(Beurla). maltmadness.com. Air a thogail 9mh dhen Ògmhios 2017.
  5. Scrol
  6. Scotland's Census 2011
  7. Black Isle Show
  8. Muir of Ord(Beurla). Black Isle Info. Air a thogail 9mh dhen Ògmhios 2017.
  9. William (Willie) Logan”. Gazetteer for Scotland. Air a thogail 9mh dhen Ògmhios 2017.

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]

Commons-logo.svg
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: