An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Glaschu"

O Uicipeid
Content deleted Content added
b r2.7.3) (Robot: Modifying ar:غلاسغو to ar:غلازغو
b r2.7.1) (Robot: Adding ckb:گلاسگۆ
Loidhne 161: Loidhne 161:
[[ca:Glasgow]]
[[ca:Glasgow]]
[[ce:Глазго]]
[[ce:Глазго]]
[[ckb:گلاسگۆ]]
[[co:Glasgow]]
[[co:Glasgow]]
[[cs:Glasgow]]
[[cs:Glasgow]]

Mùthadh on 20:04, 5 dhen Mhàrt 2013

Glaschu
Glasgow
Gearradh-arm
no Seula

Suidheachadh
Dùthaich Alba
Ceàrn Srath Chluaidh
Co-chomharran 55° 51′ 28.8″ Tuath
4° 15′ 32.4″ Iar
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 3,298 km²
Àireamh-shluaigh 580,690 (2007)
Dlùths 176.07/km²
Àireamh fòn 0141
Duilleag oifigeil Comhairle Cathair Ghlaschu

'S e am baile as motha ann an Alba a th' ann an Glaschu [ˈɡ̊ɫ̪as̪əxu] (Beurla: Glasgow, Albais: Glesga no Glesca), agus 's e aon de na 32 ùghdarrasan ionadail na h-Alba a tha ann (ged as e Dùn Èideann am prìomh-bhaile na dùthcha). Tha an t-ainm air a fhreumhachadh bho glas + cu, a' ciallachadh "sloc glas/gorm" anns a' Bhriothannais.[1][2] Tha e suidhichte ann an taobh an iar na h-Alba air Abhainn Chluaidh ann an Srath Chluaidh. Chaidh a stèidheachadh anns an 6mh linn leis an Naomh Mungo (ris an canar Kentigern cuideachd) aig an àite far a bheil a' chathair-eaglais (a thòisich air a togail anns an 12na linn) an diugh.

Tha an dàrna oilthigh as sine ann an Alba anns a' bhaile (bho 1451, an ceathramh as sine anns a' Bhreatainn). Le còmhdhail tombaca, gàrraidhean-iarainn agus gnìomhachas eile, bha An Dàrna Cathair san Ìompaireachd ("The Second City of the Empire") air Glaschu aig deireadh 19mh linn. Chaidh gnìomhachas trom anns a' bhaile a chrìonadh gu mòr aig deireadh an fhicheadamh linn, ach dh'èirich leas-gnìomhachas, m.e. roinn ionmhasail, turasachd agus coimpiutaireachd, agus fhuair rannsachadh ann an 2005 gun rob làn-thoradh dùthchail gach pearsa nas motha anns an Rìoghachd Aonaichte dìreach ann an Lunnainn agus Dùn Èideann.[3]

Ceàrnan

Uàrdan Ghlaschu.

Ged a bha caochladh thuineachaidhean airson nam mìltean de bhliadhnaichean far a bheil Glaschu na laighe aig an àm a tha an làthair, chaidh a' bhaile fhèin a stèidheachadh le Naomh Mungo timcheall eaglais far a bheil an Cathair-eaglais Ghlaschu an-diugh. Rè nan linntean, sgaoil am baile gu mòr anns gach àird, thar Abhainn Chluaidh mar an ceudna, agus thionndaich iomadh clachan is baile eile gu pàirt den chathair. Tha e a-nis ann an crìch ri Rinn Friù agus Bruach Chluaidh gu taobh an iar. Chaidh Comhairle Cathair Ghlaschu a chuir air bonn ann an 1996 agus tha 21 uàrdan fon t-smachd aice a-nis.

Uàrdan

1. Linn 2. Newlands/Auldburn 3. Greater Pollok 4. Craigton 5. Govan 6. Pollokshields 7. Langside 8. Southside Central 9. Calton 10. Anderston/City 11. Hillhead 12. Partick West 13. Garscadden/Scotstounhill 14. Drumchapel/Anniesland 15. Maryhill/Kelvin 16. Canal 17. Springburn 18. East Centre 19. Shettleston 20. Baillieston 21. North East

Meadhan na Cathrach

Tha Meadhan na Cathrach air a chuairteachadh le Abhainn Chluaidh air a thaobh a deas, leis an t-Sràid Àird is Margadh an t-Salainn air a thaobh an ear, agus air a thaobhan a tuath is an iar leis a' mhòr-rathad M8 a chaidh a thogail eadar 1968 agus 1972. Tha iomadh àite agus togalach cudromach suidhichte ann am meadhan na cathrach, m.e.:

Ceann an Iar

Tha Ceann an Iar air a' cheàrn dìreach ri taobh Meadhan na Cathrach, ged a tha farsaingeachd na h-abairte a' fàs. Tha Abhainn Cheilbhinn a' ruith tron cheàrn ro a comar le Abhainn Chluaidh. Am measg nan àiteachan cudromach ann tha Oilthigh Ghlaschu, Pàirc Kelvingrove (anns a bheil Gailearaidh Ealain is Taig-tasgaidh Kelvingrove), taigh-tasgaidh còmhdail ann an Taigh-tasgaidh Taobh na h-Aibhne agus Gàrradh Lusan Ghlaschu. 'S ann ann an Ceann an Iar a tha Pàrtaig, a' phàirt Ghlaschu as motha a tha co-cheangailte ris a' Ghàidhlig agus na Gàidheil, le buidhnean mar Comhairle nan Leabhraichean.

Ceann an Ear

Tha Ceann an Ear Ghlaschu a' sìneadh bho Mheadhan na Cathrach gu siorrachdan Lannraig a Tuath is Lannraig a Deas. Dlùth ri Cathair-eaglais Ghlaschu tha cladh air a tha Glasgow Necropolis; beagan a deas air tha pàirc Lèanag Ghlaschu leis taigh-tasgaidh Lùchairt a' Phobaill. Tha taigh-grùide Wellpark Brewery far a bheil Tennent's Lager air a dhèanamh, margaid ainmeil Barrowland agus ionad-cluiche ball-coise aig C.B. Celtic (Celtic Park) ann cuideachd. Ge-tà, 's e sònaichean taigheadais mar Charntyne agus Easterhouse a tha a' cruthachadh pàirt as motha dhen cheàrn.

Taobh a Deas

Thathar Taobh a Deas air a' phàirt de Ghlaschu a tha deas air Abhainn Chluaidh. Ged as e gu mòr ceàrn còmhnaidheach a tha innte, tha caochladh fheartan ainmeil ann, m.e. na prìomh-àrosan aig a' BhBC Scotland agus an STV, lann-cluiche buill-choise nàiseanta Pàirc Hampden no grun phàircean, nam measg Pàirc Dùthcha Pollok, an tè as motha ann an Glaschu anns a tha an cruinneachadh ealain cliùiteach Cruinneachadh Bhurreill. Tha mòran iomall-bhailtean agus bailtean-eisimeil aig Glaschu anns na siorrachdan an cois a' bhaile, m.e. An Ruadh-Ghleann agus Camas Long ann an Siorrachd Lannraig a Deas no Giofnag ann an Siorrachd Rinn Friù an Ear.

Glaschu a Tuath

Tha Glaschu a Tuath a' sgaoileadh gu Bruach Chluaidh ann an Siorrachd Dhùn Bhreatainn an Iar agus Cille Phàdraig Ùr, Muileann Dhàibhidh agus Coille Dobhair ann an Siorrachd Dhùn Bhreatainn an Ear. Lorgar ann an dà chuid ceàrnan nas beartaiche mar Thaobh Cheilbhin a Tuath ann an Cnoc Mhoire, ceàrnan ath-ghinte mar Ruchill agus ceàrnan nas bochda mar Phàirc Phosail no Sighthill far a bheil as àirde àireamh nan comraichean. Tha Rathad-Uisge Fhoirthe is Chluaidh a' ruith troimhe: canàl a bha glè chudromach airson eaconomaidh a' bhaile anns an 19mh linn, mar a bha factaraidh airson pùdair gealachaidh Naomh Rollox ann an Allt an Fhuarain, aig aon àm factaraidh ceimigeach nas motha anns an t-saoghal.[4]

Staitistearachd

Tha coimhearsnachd mhòr Ghaidhealach ann an Glaschu agus canar feadhainn gur e Baile nan Gaidheal a th' ann. Tha barrachd air 1,749,154 ann an sluagh Ghlaschu le gu-leòr a bharrachd a' fuireach aig oir a' bhaile. Tha pàirt mhòr de muintir na Gàidhlig (eadar 10,000 agus 15,000) a' fuireach ann an, no mu chuairt air, Glaschu.

Suidheachadh Àireamh-shluaigh Ceàrnaidh Dùmhlachd
Glaschu[5] 578,790 67.76 sq mi (175 km²) 8,541.8/sq mi (3,298/km²)
Greater Glasgow Urban Area[6] 1,168,270 142.27 sq mi (368 km²) 8,212.9/sq mi (3,171/km²)
màthair-adhbhar: Scotland's Census Results Online[7]

Tha Glaschu dòchas-beatha beag airson cathair ann An Rìoghachd Aonaichte aig 72.9 bliadhna.

Giùlan

Rathad-iarainn

Sràid na Banrighinn

Tha siostam mòr giùlan ann an Glaschu. Tha Stèisean-rèile Meadhan Ghlaschu agus Sràid na Banrighinn nam prìomh stèisean-rèile ann an Glaschu. Tha seirbheisean ann bho Chentral Station gu Alba a Deas, Glaschu a Deas agus Sassain agus seirbheisean bho Sràid na Banrighinn gu Alba a Tuath agus Dùn Èideann.

Fo-rèile

Rathaidean

Tha mòran rathaidean mòra ann an Glaschu a tha a' ceangal a' bhaile gu bailtean eile. Tha M8 a' ruith tron a' chathair agus a' ceangal gu M77 (gu Inbhir Àir), M78 (gu deas) agus M80 (gu Sruighlea agus gu tuath).

Busaichean

Puirt-adhair

Tha trì puirt-adhair faisg air Glaschu: Port-adhair Eadar-nàiseanta Ghlaschu (còd GLA) eadar Glaschu, Pàislig agus Rinn Friù, an dàrna port-adhair as motha ann an Alba (an dèidh Port-adhair Dhùn Èideann); Port-adhair Ghlaschu Phreastabhaig (PIK) aig Preastabhaig (an taobh a tuath air Inbhir Àir); agus Port-adhair Dhùn Èideann (EDI) fhèin.

Foghlam

Oilthigh Ghlaschu

Tha trì oilthighean ann an Glaschu:

Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu

A bharrachd air sin tha Oilthigh na h-Alba an Iar ann am Pàislig, dìreach 7 mìle bho mheadhan Ghlaschu. Cuideachd, tha seachd colaisdean fhoglaim adhartaich anns a' bhaile: Colaisde Fhearann Anna, Colaisde Chair Dhòmhnaill, Colaisde Bhaile Ghlaschu, Colaisde Stow (a tha a' tairgsinn cùrsaichean Ghàidhlig), Colaisde Ghlaschu a Tuath, Colaisde John Wheatley agus Colaisde a' Thaobh Fhada. Mar sin, tha 168,000 oileanach anns a bhaile, àireamh as motha ann an Alba.[fianais a dhìth]

Tha 29 àrd-sgoiltean, 149 bun-sgoiltean agus trì sgoiltan àraidh ann an Glaschu, nam measg Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu, bun-sgoil is àrd-sgoil a' lìbhrigeadh Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig as motha ann an Alba.


Na Meadhanan

Tha Glaschu na dhachaigh airson mòran mheadhanan a tha ann an Alba. Tha BBC Scotland agus STV suidhichte ann an Glaschu. Tha na pàipearan-naidheachd An Herald agus an Daily Record suidhichte ann an Glaschu cuideachd.

Daoine ainmeil

Bailtean Co-cheangailte

Iomraidhean

  1. Iain Mac an Tàilleir (2003)
  2. Ainmean ¬aite na h-Alba
  3. Edinburgh UK's second most prosperous city. An t-Albannach, 3 an Cèitean 2005.
  4. T.C. Smout: A History of the Scottish People 1560-1830, 1969, td 361.
  5. Land area and population density, by administrative area: 30 June 2005”. General Register Office for Scotland. Air a thogail 9mh dhen Iuchar 2007 (Microsoft Excel).
  6. Graham Pointer: “Focus on People and Migration”. Air a thogail 9mh dhen Iuchar 2007 (PDF).
  7. www.scrol.gov.uk/: “2001 Census”. Air a thogail 9mh dhen Iuchar 2007.
  8. Annuaire de France

Ceanglaichean a-mach

Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo:

Teamplaid:Link FA Teamplaid:Link FA