Stuart Christie

O Uicipeid
Jump to navigation Jump to search
Stuart Christie
Beatha
Breith Glaschu, 10 dhen Iuchar 1946
Dùthaich  Alba
Ciad chànan Beurla
Foghlam
Cànain Beurla
Dreuchd
Dreuchd cànanaiche, eadar-theangair, fèin-bheatha-eachdraiche agus anarcaiche

'S e anarcach, sgrìobhadair agus deasaiche à Alba a th'ann an Stuart Christie (Glaschu, 10 an t-Iuchar 1946).

Ann an 1962, nuair a bha e dìreach 16 bliadhna a dh'aois, dh'aontaich e ri Caidreachas eadar-nàiseanta nan Anarcach ann an Glaschu. An ceann dà bhliadhna, chaidh e gu Lunnainn is an uair sin gu Paris agus mu dheireadh thall chaidh e gu Madrid, mar bhall na buidhne Defensa Interior (Dìon Taobh A-staigh), buidheann iomairteach dhìomhair na Confederación Nacional del Trabajo (Caidreachas Nàiseanta na h-Obrach), is iad airson ionnsaigh marbhtach le bomaichean a thoirt air an Deachdaire Francisco Franco. Mus do dh'fhàg e Sasainn, rinn am fear-aithris agus fear-brathaidh na stàite bhreatannach Malcolm Muggeridge agallamh dha air an Telebhisean, far an tuirt Christie cho math 's am bhiodh An Spàinn às aonais Franco. Chuireadh an greim Christie air an 11mh latha dhen Lùnasdal 1964 le poileas na Spàinne, còmhla ri anarcach eile, Fernando Carballo Blanco. Nochd an dithis ri beulaibh cùirt an airm le casaidean gun robh stuth-spreadhaidh agaibh. Bhathar airson gan cur gu bàs. Chleachdadh an t-agallamh telebhisein mar fhianais na aghaidh. Mu dheireadh thall fhuair Christie binn-phrìosain dhe 20 bliadhna agus fhuair Fernando Carballo Blanco 30.

An dèidh trì bliadhna sa phrìosan, chaidh Christie a shaorachadh air an 21mh latha dhen Shultain 1967 an dèidh iomairt sgileil eadar-nàiseanta a fhuair taic bho iomadh daoine ainmeil mar na feallsanaichean Bertrand Russell agus Jean-Paul Sartre, a sheall do Riaghaltas na Spàinne nach robh fianais làidir an aghaidh MhicGhilleChrìosta idir ann. A bharrachd air sin, nochd e ri beulaibh cùirte a-rithist airson a bhith na bhall bhuidheann anarcach eile, air an robh The Angry Brigade. Cha do deach na casaidean sin a dhearbhadh. Saor a-rithist, thill e dhan Dùthaich aige far an robh e an sàs mar fear-iomairt na h-ain-riaghalteachd fad na bliadhnaichean. 'S e esan a dh'ath-leasaich am buidheann Crois Dubh nan Anarcach, stèidhich e am pàipear-naidheachd Black Flag còmhla ri Albert Meltzer, na h-irisean Cienfuegos Press, Anarchist Review, an t-iris mìosachail Orcaibh agus The Free-Winged Eagle. A thuilleadh air sin, stèidhich e an taigh-fhoillseachaidh Cienfuegos Press.

Tha Christie air tòrr leabhar agus aithris a sgrìobhadh neo a dheasachadh, mar eisimpleir an dreach Bheurla Pravda (pàipear-naidheachd ainmeil san Aonadh Sobhiat ach gun chead bhon phàipear ann am Moscobha fhèin) agus Argumenty i Fakty, an aon phàipear-naidheachd saor ro àm perestroika agus glàsnost co-dhiù.

A Chuis Obrach[deasaich | deasaich an tùs]

  • Granny Made me an Anarchist, fèin-eachdraidh, 2004.
  • General Franco Made Me A Terrorist.
  • Edward Heath Made Me Angry.
  • The Floodgates of Anarchy còmhla ri Albert Meltzer.
  • Stefano Delle Chiaie: Portrait of a Black Terrorist.
  • We, the Anarchists! A study of the Iberian Anarchist Federation (FAI), 1927-1937.

A bharrachd air sin, tha Christie air mòran leabhar eadar-theagachadh bho Spàinntis gu Beurla mar Sabate: An Extraordinary Guerrilla le Antoni Téllez i Solà. Tha e air dreachan sa Bheurla a dheasachadh dhe tòrr leabhrichean mar an fheadhainn a sgrìobh Josep Peirats, The CNT in the Spanish Revolution neo an nobhail eachdraidheil The man who killed Durruti le Pedro de Paz.

Leabhraichean[deasaich | deasaich an tùs]

  • Dolors Marín Silvestre. Clandestinos. El Maquis contra el franquismo, 1934-1975. Plaza & Janés, Barcelona 2002. ISBN 84-01-53053-9

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]