Raonaid Walker (seinneadair)
Raonaid Walker (seinneadair) | |
---|---|
Beatha | |
Breith | Salisbury (en) , 1976 |
Dùthaich | Rìoghachd Aonaichte |
Foghlam | |
Foghlam |
Àrd-Sgoil Ghearrloch Conservatoire Rìoghail na h-Alba |
Cànain |
Gàidhlig Beurla |
Luchd-teagaisg | Ceana Chaimbeul |
Dreuchd | |
Dreuchd | seinneadair agus seinneadair is sgrìobhaiche |
Fastaichean | Colaiste na Gàidhealtachd an Iar OGE |
Duaisean a fhuaras |
liosta
|
Ballrachd | Cruinn |
Gnè ealain | ceòl tradaiseanta |
Inneal-ciùil | guth |
rachelwalker.co.uk |
'S e seinneadair Gàidhlig agus ceòladair a th' ann an Raonaid Walker (1976–) (Beurla: Rachel Walker). Bidh i a ' seinn leatha fhèin cho math ri ann an còmhlain, leithid Cruinn is Skipinnish. Choisinn i Bonn Òir a' Chomuinn Gàidhealaich ann an 2017.
Beatha
[deasaich | deasaich an tùs]Rugadh e ann an Salisbury, Wiltshire, agus dh'imrich a teaghlach gu taobh siar Rois nuair a bha i ochd. Chaidh i gu Bun-Sgoil Cheann Loch Iù agus Àrd-Sgoil Gheàrrloch far an do dh'ionnsachadh i òrain Ghàidhlig agus ceòl tradaiseanta.
Às dèidh dhi an sgoil fhàgail, rinn Walker cùrsa ann an ceòl clasaigeach aig Oilthigh Napier.[1] Ann an 1996, bu i tè de na ciad oileanaich air a' chùrsa ùr air ceòl Albannach aig Conservatoire Rìoghail na h-Alba (Royal Scottish Academy of Music is Drama mar a bhà).[1] Dh'ionnsaich i òrain Ghàidhlig an sin fo stiùir an seinneadair cliùiteach Ceana Chaimbeul.[1]
Tha i pòsta aig a' phìobaire ann an Skipinnish Andrew Stevenson agus tha dithis chloinne aca.
Ceòl
[deasaich | deasaich an tùs]Tha trì clàran aice fhèin agus tha i a' seinn air iomadh clàr eile le còmhlan agus an taic ri seinneadairean eile leithid Art MacCormaig. Is i òraidiche ciùil aig Colaiste na Gàidhealtachd an Iar OGE far a bheil i a' stiùireadh an roinn ciùil. Tha i cuideachd a' teagasg òrain Ghàidhlig aig Sgoil Chiùil na Gàidhealtachd sa Phloc.[2]
Còisir
[deasaich | deasaich an tùs]'S i an stiùiriche aig Còisir Loch Abar. Còmhla rithe, bhuannaich iad Cuach Cuimhneachain Mairead NicDhonnchaidh airson coisirean sgìreil trì tursan eadar 2015-17 aig a' Mhòd Nàiseanta.
Còmhlain-ciùil
[deasaich | deasaich an tùs]Tha i na phàirt den chòmhlan-seinn, Cruinn. Bidh i ag obair gu tric leis an fhìdhlear Archie McAllister.[1]
Sgrìobhaiche-ciùil
[deasaich | deasaich an tùs]Tha Walker air ceòl a sgrìobhadh as leth bhuidhnean leithid Scotland Sings and NàdarAlba.
Sgrìobh i an t-òran 'Fada Bhuam' a riochdaich Alba aig an fharpais òrain Liet international. Ann an 2018, bha single aice 'Arms of the Ocean' aig àireamh 1 anns na World Music download chart.
Duaisean
[deasaich | deasaich an tùs]- 2013 - Seinneadair Gàidhlig na Bliadhna aig Na Trads.
- 2017 - Bonn Òir a' Chomuinn Ghàidhealaich, aig Mòd Loch Abar.[3]
Clàran
[deasaich | deasaich an tùs]- Braighe Loch Iall (2004)
- Fon Reul-Sholus (2006)
- Air Chall (2010)[4]
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ 1.0 1.1 1.2 1.3 “About Rachel” (Beurla). Air a thasglannadh [o https://www.rachelwalker.co.uk/about] 6mh dhen Dùbhlachd 2018. Air a thogail 6mh dhen Dùbhlachd 2018.
- ↑ “Rachel Walker - Gaelic Song & NC Course” (Beurla). Sgoil Chiùil na Gàidhealtachd. Air a thogail 6mh dhen Dùbhlachd 2018.
- ↑ “Fiosrachadh Farpaisean - Am Bonn Òir Farpais Crìochnachaidh (Mnathan)” (Gàidhlig). An Comunn Gàidhealachd. Air a thogail 6mh dhen Dùbhlachd 2018.
- ↑ “Album review: Rachel Walker”. Ann an: An t-Albannach, 14 March 2010. Air a thogail 6mh dhen Dùbhlachd 2018.
Ceanglaichean a-muigh
[deasaich | deasaich an tùs]- Làrach-lìn oifigeil
- Rachel Walker air Twitter