Art MacCormaig

O Uicipeid
Jump to navigation Jump to search
Art MacCormaig
Art MacCormaig a' seinn aig SMO air 2016-04-21 (bearradh).jpg
Beatha
Breith Port Rìgh, 1965
Dùthaich  Alba
Foghlam
Cànain Beurla
Gàidhlig
Dreuchd
Dreuchd seinneadair agus neach-ciùil
Fastaichean Fèisean nan Gàidheal
Duaisean a fhuaras
Inneal-ciùil guth

Tha Art MacCormaig (1965-) (Beurla: Arthur Cormack) ’na sheinneadair Ghàidhlig agus ceòladair bho Phort Rìgh san Eilean Sgitheanach.

Bha e ’na chathraiche air Bòrd na Gàidhlig bho 2009 (cathraiche eadraiginn bho 2008[1]) gu ruige am Màrt 2012. Tha e air a bhith ’na stiùiriche air Fèisean nan Gàidheal fad iomadh bliadhna. Chaidh urram OBE a bhuileachadh air ann an Urraman na Callainne 2015 airson a sheirbheisean dha foghlam Gàidhlig.[2]

Rugadh agus thogadh Art ann am Port Rìgh, agus air sgàth ’s gu robh a phiuthair màthar Connie agus a bhràthair màthar Ronnie a’ seinn aig Mòdan, thòisich esan ri seinn cuideachd, agus bhuannaich e am Bonn Òr aig a’ Mhòd Nàiseanta nuair a bha e 18. Às dèidh sin, tha e air a bhith a’ nochdadh ann an iomadh consairt agus air TBh ’s rèidio, agus a’ dèanamh mòran chlàir - uaireannan ag obair leis fhèin, uaireannan còmhla ri cuid dhe na seinneadairean agus dhen luchd-ciùil traidiseanta as ainmeile san t-saoghal.

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Bòrd na Gàidhlig (fios naidheachd air Riaghaltas na h-Alba, 2008-07-01, air a tharraing 2013-12-13
  2. BBC:Naidheachdan: Urraman na Callainne do Ghàidheil, 2014-12-3, air a tharraing 2015-01-051

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]