Jump to content

Prionnsalachd Hohenzollern-Sigmaringen

O Uicipeid
Prionnsalachd Hohenzollern-Sigmaringen
Fürstentum Hohenzollern-Sigmaringen
16231850
Bratach na dùthcha Gearradh-arm
Mapa
Fiosrachadh
Bliadhna Tòiseachaidh 1623
Bliadhna mu Dheireadh 1850
Prìomh-Bhaile Sigmaringen
Càna(i)n Oifigeil Gearmailtis
Farsaingeachd 960 km2
Àireamh-shluaigh 40,492 (1849)
Dlùths 42.18/km2

B’ e meanbh-dhùthaich ann an ceann a deas na Gearmailt a mhair bho 1623 gu ruige 1850 a bh’ anns A' Phrionnsalachd Hohenzollern-Sigmaringen (Gearmailtis: Fürstentum Hohenzollern-Sigmaringen).[1] B’ e Sigmaringen a bh’ ann prìomh-bhaile na dùthcha agus b' e an teaghlach uasal Hohenzollern a bha cionn a cionn.

Chaidh a' Phrionnsalachd a chruthachadh ann an 1623 tro àrdachadh Iarla Johann Hohenzollern-Sigmaringen gu Prionnsa.[2] Chaidh a leasachadh ann an 1767 nuair a chuireadh na h-oighreachdan a bhuineadh dhan Iarla Hohenzollern-Haigerloch rithe nuair a chaochail e. Thug Ar-a-mach na Frainge buaidh mhòr oirre agus ann an 1801 chailleadh a h-uile oirghreachd air an taobh thall na Rèine. Ann an 1803 chaidh a leasachadh, a' gabhail a-steach taighean-cràbhach ann an Inzigkofen, Klosterbeuern agus Holzhen, oighreachdan ann an Glatt agus abaid ann am Muri. Chaidh a leasachadh a-rithist ann an 1806, a' gabhail a-steach oighreachdan ann an Achberg, Hohenfels, Altshausen, Gammerling, Hetingen, Trochtelfinger,Strassburg, Ostrach, Messkien agus fiù 's taigh-cràbhadh ann an Wald, nuair a dh' atharraich Napoleon Bonaparte structair phoileataigeach na Gearmailt, a' cur às do dh' Ìmpireachd Naomh na Ròimhe.[3] Bha Hohenzollern-Sigmaringen, a bha dìreach cho beag ri Rònaigh faisg air Ratharsair, na ball Co-chaidreachas na Rèine bho 1806 agus bhathar dhen bheachd gum b' e dìreach stàit-pupaid fo bhuaidh na Frainge a bh' ann cuideachd.[4] Chuir Hohenzollern-Sigmaringen dìreach 193 saighdearan do Fheachdan a' Cho-chaidreachais.[5]

Thug Ar-a-mach 1848 buaidh mhòr air a' Phrionnsalachd agus b' fheudar dhan Phrionnsa Bun-reachd a chur air dòigh.[6] Chaidh a' Phrionnsalachd aonachadh ri Hohenzollern-Hechingen mar roinn na na Pruise ann an 1850, leis gu robh am prionnsa Karl Anton anns na h-oghaichean le Friedrich Wilhelm IV.[7] B' e esan athair Righ Carol à Romàinia.

Ceannardan na Stàite

[deasaich | deasaich an tùs]
  • Johann (1623 – 1638)
  • Meinrad I. (1638 – 1681)
  • Maximilian (1681 – 1689)
  • Meinrad II. (1689 – 1715)
  • Joseph Friedrich Ernst (1715 – 1769)
  • Karl Friedrich (1769 – 1785)
  • Anton Aloys (1785 – 1831) (Pòsta aig Amalie Zephyrine à Prionnsalachd Salm-Kyrburg)
  • Karl (1831 – 1848)
  • Karl Anton (1848 – 1849) Athair Righ Carol à Romàinia

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. HGISG Mainz
  2. Almanach de Gotha
  3. Alain Pigeard, Dictionnaire de la Grande Armée, Tallandier,‎ septembre 2002 (ISBN 2-84734-009-2), duilleag. 374
  4. Napoleon
  5. Jean Tulard (dir.), Dictionnaire Napoléon, vol. A-H, Fayard,‎ octobre 1999 (ISBN 2-213-60485-1), duilleag. 486
  6. Verfassungen
  7. Almanach de Gotha