Prionnsalachd Hohenzollern-Hechingen

O Uicipeid
Prionnsalachd Hohenzollern-Hechingen
Fürstentum Hohenzollern-Hechingen
16231849
Bratach na dùthcha Gearradh-arm
Mapa
Fiosrachadh
Bliadhna Tòiseachaidh 1623
Bliadhna mu Dheireadh 1849
Prìomh-Bhaile Hechingen
Càna(i)n Oifigeil Gearmailtis
Farsaingeachd 256 km2
Àireamh-shluaigh 20,471 (1849)
Dlùths 79.96/km2

B’ e meanbh-dhùthaich ann an ceann a deas na Gearmailt a mhair bho 1623 gu ruige 1849 a bh’ anns A' Phrionnsalachd Hohenzollern-Hechingen (Gearmailtis: Fürstentum Hohenzollern-Hechingen).[1] Chaidh a' Phrionnsalachd a chruthachadh ann an 1623 tro àrdachadh Iarla Hechtingen gu Prionnsa.[2] Ann an 1803 chaidh a leasachadh, a' gabhail a-steach oighreachdan ann an Geulle, Mouffin, Baillonville, Hirschlatt agus fiù 's taigh-cràbhadh faisg air Stettin,[3] nuair a dh' atharraich Napoleon Bonaparte structair phoileataigeach na Gearmailt, a' cur às do dh' Ìmpireachd Naomh na Ròimhe.[4] Bha Hohenzollern-Hechingen, a bha dìreach cho beag ri Pabaigh faisg air Barraigh, na ball Co-chaidreachas na Rèine bho 1806 agus bhathar dhen bheachd gum b' e dìreach stàit-pupaid fo bhuaidh na Frainge a bh' ann cuideachd.[5] Chuir Hohenzollern-Hechingen dìreach 97 saighdearan do Fheachdan a' Cho-chaidreachais.[6] B’ e Hechingen a bh’ ann prìomh-bhaile na dùthcha. Thug Ar-a-mach 1848 buaidh mhòr air a' Phrionnsalachd agus b' fheudar dhan Phrionnsa Bun-reachd a chur air dòigh.[7] A sàilleabh sin, thug feachdan na Pruise ionnsaigh air an stàit ann an 1849. Reic am Prionnsa a chuid talmhainn dhan a' Phruis an ath-bhliadhna, leis gu robh e anns na h-oghaichean le Friedrich Wilhelm IV.[8] Chaidh a dh' aonachadh ri Hohenzollern-Sigmaringen mar aon roinn am broinne na Pruise.

Ceannardan na Stàite[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. HGISG MAINZ
  2. Almanach de Gotha
  3. Kloester
  4. Alain Pigeard, Dictionnaire de la Grande Armée, Tallandier,‎ septembre 2002 (ISBN 2-84734-009-2), duilleag. 374
  5. Napoleon
  6. Jean Tulard (dir.), Dictionnaire Napoléon, vol. A-H, Fayard,‎ octobre 1999 (ISBN 2-213-60485-1), duilleag. 486
  7. Verfassungen
  8. Almanach de Gotha