Hechingen
Hechingen
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | A' Ghearmailt | ||||
Ceàrn | Tübingen | ||||
Sgìre | Baden-Württemberg | ||||
Co-chomharran | 48° 21 06' Tuath 08° 57' 48 Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 66.44 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 18,741 (2013) | ||||
Dlùths | 282.07/km² | ||||
Àireamh fòn | +49 (0)7471 agus (0)7477 | ||||
Duilleag oifigeil | A' Chomhairle |
‘S e baile meadhanach faisg air Sigmaringen ann an ceann a deas na Gearmailte a th’ ann an Hechingen. Tha e suidhichte aig 328m os cionn ìre na mara, aig comar nan aibhnichean Reichenbach agus Feilbach leis an abhainn Starzel, faisg air na Beanntan Schwäbischer Alb,[1] anns an stàit Baden-Württemberg. Tha am baile 50km air falbh bho Stuttgart, 77km bho Ulm, 195km bho Mhünchen agus 561km bho Bherlin.[2] Tha 18,741 duine a' fuireach ann.[3] Chaidh Hechingen a chlàradh airson a’ chiad turais ann an 786 le manaich à St. Gallen (An Eilbheis) mar Hahhingum[4] agus thog an t-Iarla Hohenzollern caisteal shuas air a' bheinn os cinn a' bhaile ann an 1255.[5] Chaidh a chuairteachadh le feachdan an Diùc Eberhard II à Württemberg ann an 1388 ach dh' fhàilnich an oidhirp. Rinn teine mòr lèir sgrios an seo ann an 1401 agus bha tòrr thrioblaid aig a' bhaile a thaobh airgid air sàilleabh sin fad iomadach bliadhna. B' e prìomh-bhaile Hohenzollern-Hechingen a bh' ann bho 1567 gu ruige deireadh na stàite ann an 1849.[6] Cha do ghabh sluagh na sgìre leis an Ath-leasachadh. Thug Arm na Suaine ionnsaigh air Hechingen ann an 1632 ach dh' fhàilnich iad. Ghèill e gu saighdearan à Württemberg ann an 1634 agus rinn A' Phlàigh droch mhilleadh dhan sluagh ann an 1635. Thoisich Iùdhaich a' tighinn dhan bhaile san 18mh Linn an dèidh còrr is ceud bliadhna às an aonais. Ann an 1842 bha 809 dhuibh a' fuireach ann, neo ¼ nan daoine uile gu lèir, ged a chaidh na h-àireamhan seo sìos fad an 19mh Linn. Chaidh 32 Iùdhaich à Hechingen a thoirt gu campaichean na Mairbh ri linn An Dàrna Cogaidh.[7]
Bailtean Co-cheangailte
[deasaich | deasaich an tùs]Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Schwäbische Albnatur
- ↑ Luft Linie
- ↑ Destatis
- ↑ Max Miller, Gerhard Taddey: Handbuch der historischen Stätten Deutschlands, Band 6, Baden-Württemberg. 2. Auflage. 1980, ISBN 3-520-27602-X, S. 297.
- ↑ Almanach de Gotha
- ↑ Loher EG: Geschichte, Land und Ortskunde der Souverainen Teutschen Fürstenthümer Hohenzollern Hechingen und Sigmaringen. Stettinischen Buchhandlung,Ulm, 1842
- ↑ Jewish Virtual Library