Diùcachd Württemberg

O Uicipeid
Diùcachd Württemberg
Herzogtum Württemberg
14951806
Bratach na dùthcha Gearradh-arm
Mapa
Fiosrachadh
Bliadhna Tòiseachaidh 1495
Bliadhna mu Dheireadh 1806
Prìomh-Bhaile Stuttgart, Bad Urach, Ludwigsburg
Càna(i)n Oifigeil Gearmailtis

B’ e dùthaich neo-eisimeileachd am broinn Ìmpireachd Naomh na Ròimhe anns a’ Ghearmailt a bh’ anns an Diùcachd Württemberg (Gearmailtis: Herzogtum Württemberg) eadar 1495 agus 1806. Chaidh an Diùcachd àrdachadh gu Rìoghachd ann an 1806 nuair a ghairm Napoleon Bonaparte gur e rìgh an àite diùc a bh' ann ceannard na Diùcachd ri linn atharrachadh mòr a rinn e air structair phoileataigeach na Gearmailt.[1] B’ e Stuttgart a bh’ ann prìomh-bhaile na dùthcha, a bharrachd air greiseagan nuair a chleachdadh Bad Urach air neo Ludwigsburg na àite.[2] B' e an Teaghlach uasal Württemberg a bha os a cionn.[3] Fhuair e ainm bho chnoc air a bheil Württemberg a tha faisg air Stuttgart.

Ceannardan na Diùcachd[deasaich | deasaich an tùs]

  • Eberhard I. (1495 – 1496)[4]
  • Eberhard II. (1496 – 1498)
  • Ulrich (1498 – 1550)
  • Christoph (1550 – 1568)
  • Ludwig (1568 – 1593)
  • Friedrich I. (1593 – 1608)
  • Johann Friedrich (1608 – 1628)
  • Eberhard III. (1628 – 1674)
  • Wilhelm Ludwig (1674 – 1677)
  • Eberhard Ludwig (1677 – 1733)
  • Karl Alexander (1733 – 1737)
  • Carl Eugen (1737 – 1793)
  • Eadar 1738 agus 1744 bha Carl Friedrich von Württemberg-Oels na riaghladair
  • Ludwig Eugen (1793 – 1795)
  • Friedrich Eugen (1795– 1797)
  • Friedrich II. (1797 – 1806) Air chrùnadh na rìgh air 1 am Faoilleach 1806.

Daoine Ainmeil[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Napoleon
  2. Bekanntmachungen vom 26. März 1803 und vom 30. April 1803 / Kurfürstenbrief vom 21. August 1803 (abgedruckt in: August Ludwig Reyscher: Vollständige, historische und kritisch bearbeitete Sammlung der württembergischen Gesetze. Band II. 1991, S. 642ff)
  3. Almanach de Gotha
  4. Teach Sam