Jump to content

Bad Urach

O Uicipeid
Bad Urach
Baile
 
gun bhratach Gearradh-arm

Ceàrnag-mhargaidh agus talla-baile
Map
Suidheachadh anns a' Ghearmailt
Suidheachadh anns a' Ghearmailt
Bad Urach
48°29′36″N 9°23′56″E
Dùthaich A' Ghearmailt
Stàit Baden-Württemberg
Sgìre-rianachd Tübingen
Ceàrn Reutlingen
Mèar (2024[1] –) Elmar Rebmann
Farsaingeachd 55.42 km²
Àirde 463 m
Àireamh-shluaigh 12,751 (2024)
Dlùths 230.08/km²
Àireamh fòn +49 (0) 7125
+49 (0) 7381
Còd-puist 72562–72574
Clàradh carbaid RT
bad-urach.de

'S e baile Gearmailteach ann an ceàrn Reutlingen ann an stàit Bhaden-Württemberg a th' ann am Bad Urach. Tha e suidhichte aig 463m os cionn ìre na mara ri taobh Abhainn Elms aig cois nan Ailpeannan Swabianach, 530km air falbh bho Bherlin, 111km bho Augsburg, 45km bho Ulm agus 36km bho Stuttgart.[2]

Tha am baile ainmeil air sgàth a spatha.

Thathar air fuighealan a lorg a sheallas gu robh daoine a' fuireach san àite seo ri Linn na Cloiche mar-thà. B' e treubhan Gearmailteach air an robh na h-Alamanii a thug seilbh air an àite ri linn nan Ròmanach ach chaidh caisteal a thogail an seo mu 1025, ris an canadh Hohenurach. Chaidh am baile a thoirt a-steach do Dhiùcachd Württemberg mu 1260.[3] Bha e na prìomh-bhaile na Diùcachd eadar 1442 agus 1482.

Chaochail an sgrìobhadair Nikodemus Frischlin an seo ann an 1590.[4]

Chaidh ainm a' bhaile-spatha seo atharrachadh bho Urach gu Bad Urach ann an 1983.

Bailtean co-cheangailte

[deasaich | deasaich an tùs]

Tha Bad Urach co-cheangailte ri:[5]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Bürgermeisterwahl Bad Urach 2024 (sa Ghearmailtis) le Staatsanzeiger. Air inntrigeadh 22-02-2026.
  2. Luftlinie
  3. Bad Urach Turismus
  4. Burgenwelt
  5. Partnerstadt Enying (Gearmailtis). Baile Bhad Urach. Air a thogail 14mh dhen t-Samhain 2020.

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]