Halldór Ásgrímsson
B' e bancair, cunntasair, neach-teagaisg, neach-poileataigs agus riochdaire dioplòmasach à Innis Tìle a bh' ann an Halldór Ásgrímsson (ˈhalːtour ˈaːuskrimsɔn).[1] Rugadh e air 8 an t-Sultain 1947 faisg air Vopnafjörður (Austurland). Fhuair e a chuid foghlaim aig Oilthigh Bifröst, Oilthigh Bergen agus Oilthigh Copenhagen. Chuir e seachad bliadhna no dhà a' teagasg aig Oilthigh Innis Tìle. Chaidh a thaghadh dhan Alþingi airson a' chiad turais ann an 1974 agus bha e na Mhinistear an Èisg eadar 1983 agus 1991 agus na Mhinistear nan Dùthchannan Cèin. Bha e na fhorsætisráðherra (Gàidhlig: Prìomh-mhinistear) bho 2004 gu ruige 2006 às leth Framsóknarflokkurinn (Gàidhlig: Am Pàrtaidh Adhartach), ann an co-bhann le Sjálfstæðisflokkurinn. Phòs e aig Sigurjóna Sigurðardóttir ann an 1967 agus fhuair iad triùir chloinne còmhla.[2] Bha e os cionn Seðlabanka (Gàidhlig: Banca Nàiseanta Innse Tìle) bho 1980 gu ruige 1983.[3] Chaochail Ásgrímsson le greim cridhe ann an Reykjavík air 18 an Cèitean 2015.[4]
Caibineit Ásgrímsson
[deasaich | deasaich an tùs]Seo, mar a leanas, liosta nan daoine a ghabh pàirt ann an caibineit fhad 's a bha Ásgrímsson os cionn an riaghaltais.[5] Bhuinneadh ias uile gu Framsóknarflokkurinn agus Sjálfstæðisflokkurinn:
- Halldór Ásgrímsson: Prìomhaire agus (bho 27.09.2005) Ministear Staitistig
- Davíð Oddsson: Dùthchannan Cèin agus Ministear Staitistig (gu ruige 27.09.2005)
- Geir Hilmar Haarde: Ionmhais (gu ruige 27.09.2005) agus Rùnaire na Stàite (bho 27.09.2005)
- Árni M. Mathiesen: Iasgach (gu ruige 27.09.2005) agus Ionmhais (bho 27.09.2005)
- Guðni Ágústsson: Àiteachas
- Jón Kristjánsson: Slàinte agus Tèarainteachd Shòisealta (gu ruige 07.03.2006) agus Cùisean Sòisealta (bho 07.03.2006)
- Sturla Böðvarsson: Còmhdhail
- Valgerður Sverrisdóttir: Gnìomhachas agus Malairt
- Björn Bjarnason: Ceartas agus Cùisean Eaglaiseil
- Árni Magnússon: Cùisean Sòisealta (gu ruige 07.03.2006)
- Þorgerður Katrín Gunnarsdóttir: Foghlam
- Sigríður Anna Þórðardóttir: Àrainneachd (bho 27.09.2005)
- Einar K. Guðfinnsson: Iasgach (bho 27.09.2005)
- Siv Friðleifsdóttir: Slàinte agus Tèarainteachd Shòisealta (bho 07.03.2006)
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]Ceanglaichean a-mach
[deasaich | deasaich an tùs]Ro-Theachdair: Davíð Oddsson (2004) |
Forsætisráðherra |
Neach-ionlaid: Geir Hilmar Haarde (2006) |