Jump to content

Guðni Thorlacius Jóhannesson

O Uicipeid
Guðni Thorlacius Jóhannesson
president-elect (en) Translate

25 dhen Ògmhios 2016 - 31 dhen Iuchar 2016
6. Ceann-suidhe Innis Tìle

1 dhen Lùnastal 2016 - 31 dhen Iuchar 2024
Ólafur Ragnar Grímsson - Halla Tómasdóttir
Taghadh: 2016 Icelandic presidential election (en) Translate
Beatha
Breith Reykjavík, 26 dhen Ògmhios 1968
Dùthaich  Innis Tìle
Ciad chànan Innis Tìlis
Teaghlach
Athair Jóhannes Sæmundsson
Màthair Margrét Thorlacius
Cèile Elín Haraldsdóttir (en) Translate
Eliza Reid (en) Translate  (2004 -
Bràithrean ⁊ peathraichean
Foghlam
Foghlam Oilthigh Warwick
Oilthigh Bonn
Oilthigh Reykjavík
Oilthigh na Banrighe Màiri Lunnainn
Oilthigh Innis Tìle
St Antony's College (en) Translate
Oilthigh Oxford
Cànain Innis Tìlis
Beurla
Danmhairgis
Nirribhis
Ruisis
Gearmailtis
Dreuchd
Dreuchd eachdraiche, neach-teagaisg oilthigh, eadar-theangair agus neach-poileataigs
Àitichean-obrach Reykjavík agus Lunnainn
Fastaichean Oilthigh Lunnainn
Oilthigh Bifröst
Oilthigh Innis Tìle
Duaisean a fhuaras
Creideamh
Pàrtaidh poileataigeach no value
gudnith.is

'S e eachdraiche, eadar-theangair, neach-teagaisg oilthigh, sgrìobhadair agus neach-poileataigs à Innis Tìle a th' ann an Guðni Thorlacius Jóhannesson (ˈkʏðnɪ ˈtʰɔrlaˌsiːjʏs ˈjouːhanːɛsˌsɔn).[1] Rugadh e air 26 an t-Ògmhios 1968 ann an Reykjavík ach thogadh e ann an Garðabær. Fhuair Jóhannesson a chuid foghlaim sgoile aig Menntaskólinn í Reykjavík agus an uair sin thug e ceum ann an Saidheans Poileataigeach bho Oilthigh Warwick (1991) agus an uair sin rinn e MA ann an Eachdraidh bho Oilthigh Innis Tìle (1997).[2] Fhuair e MSt bho Oilthigh Oxford agus dotaireachd bho Oilthigh na Banrighe Màiri Lunnainn (2003). Phòs e aig Elín Haraldsdóttir ann an 1995 agus fhuair iad nighean. Dhealaichte iad ann an 1996.[3] Ann an 2004 phòs e a-rithist, an turas seo aig Eliza Reid. Tha ceathrar chloinne aca. Chuir Jóhannesson bliadhnaichean a' teagasg eachdraidh ann an iomadh oilthigh ann Innis Tìle agus thall thairis: Oilthigh Lunnainn, Oilthigh Reykjavík, Oilthigh Bifröst agus Oilthigh Innis Tìle, far an robh e na ollamh.[4] A bharrachd air sin tha còig cànain aige cuideachd: Innis-Tìlis, Beurla, Danmhairgis, Nirribhis, Ruisis agus Gearmailtis. Eadar 2011 agus 2015 bha e na chathraiche Sögufélag (Gàidhlig: Comman Eachdraidh Innise Tìle).[5] Chaidh a thaghadh mar cheann-suidhe ann an 2016.

Taghaidh dhan Cheannas

[deasaich | deasaich an tùs]

Chaidh a thaghadh dhan cheannas dìreach ann an 2016. Seo na torridhean a fhuair e:

Bliadhna Bhòtaichean %
2016 71,356[6] 39.08%

Prìomh-mhinistearan fo Jóhannesson

[deasaich | deasaich an tùs]

Cha deach Jóhannesson a thaghadh dhan cheannas ach ann an 2016 ach tha triùir prìomh-mhinistear, a riochdachadh trì pàrtaidhean th fodha san àm sin, mar a leanas:

Ro-theachdair:
Ólafur Ragnar Grímsson
(2016)
Forseti Íslands
Neach-ionlaid:
Fhathast san dreuchd
(2020)

Leabhraichean

[deasaich | deasaich an tùs]
  • Kári í jötunmóð. Saga Íslenskrar erfðagreiningar og Kára Stefánssonar (Reykjavík: Nýja bókafélagið, 1999).
  • Völundarhús valdsins. Stjórnarmyndanir, stjórnarslit og staða forseta Íslands í embættistíð Kristjáns Eldjárns, 1968–1980 (Reykjavík: Mál og menning, 2005).
  • Óvinir ríkisins. Ógnir og innra öryggi í kalda stríðinu á Íslandi (Reykjavík: Mál og menning, 2006).
  • Þorskastríðin þrjú. Saga landhelgismálsins 1948–1976 (Reykjavík: Hafréttarstofnun Íslands, 2006).
  • Hrunið. Ísland á barmi gjaldþrots og upplausnar (Reykjavík: JPV, 2009).
  • Gunnar Thoroddsen. Ævisaga. (Reykjavík: JPV, 2010).
  • Fyrstu forsetarnir. Embætti þjóðhöfðingja Íslands á 20. öld. (Reykjavík. Sögufélag, 2016).

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Guðni
  2. Morgunblaðið
  3. Harvard University
  4. UGLA
  5. Sögufélag
  6. Kosningasaga

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]