Faclairean Gàidhlig
Tha eachdraidh nam faclairean Gàidhlig a' dol air ais gu toiseach na seachdamh linn deug agus b' ann aig toiseach na naoidheamh linn deug a bha foillseachadh nam faclairean aig àirde a ghnìomhachd. Cha robh uiread a dh'fhaclairean a' tighinn a-mach ann an clò a-rithist on àm sin, fiù san fhicheadamh linn. 'S e faclairean Gàidhlig gu Beurla a tha sa mhòrchuid dhiubh gu ruige seo.
Na briathrachain
[deasaich | deasaich an tùs]Mus robh faclairean fhèin ann, bha briathrachain ann, leabhraichean beaga a bha na b' fhaisge air liostaichean de dh'fhaclan na faclairean. Nochd a' chiad dhiubh ann an 1702 nuair a dh'fhoillsich an t-Urr. Robert Kirk liosta de dh'fhaclan mar leasachan dhan Scottish Historical Library aig William Nicolson.[1][2] Bha liostaichean na bu mhotha san leabhair aig Edward Lhuyd, a' chiad duine a rinn rannsachadh blàir eadar 1699-1700, gu h-àraidh briathrachas Earra Ghàidheal is Siorrachd Inbhir Nis, ged nach deach fhoillseachadh ach greis mhath 'na dhèidh sin.
Dh'fhoillsich an Society in Scotland for Propagating Christian Knowledge leabhar air an robh Leabhar a Theagasc Ainminnin 40 bliadhna an dèidh sin ann an 1741, air a chruinneachadh le Alasdair mac Mhaighstir Alasdair.[1]
Loidhne-ama
- 1702 "A Vocabulary of the Irish Dialect spoken by the Highlanders of Scotland" leis an Urr. Robert Kirk ann an The Scottish Historical Library le William Nicolson cruth digiteach feumar cunntas
- 1699-1700 rannsachadh-blàir le Edward Lhuyd
- 1741 Leabhar a Theagasc Ainminnin / A Galick an English vocabulary
Faclairean
[deasaich | deasaich an tùs]An 18mh is 19mh linn
[deasaich | deasaich an tùs]Cha do ràinig a' chiad fhìor fhaclair ach ann an 1780 nuair a dh'fhoillsich an t-Urr. Uilleam MacSheathain faclair air an robh Galic and English Dictionary ach bha cuid mhath dheth làn de dh'fhaclan Gaeilge.[1] Ge-tà, cha b' fhada gus an do nochd an Nuadh Fhoclair Gaidhlig agus Beurla aig Raibeart MacPhàrlain ann an 1795.[1] Gu pongail deich bliadhna 'na dhèidh-sa, thug Peadar MacPhàrlain a bha 'na eadar-theangaiche de stuthan cràbhach a' chiad fhaclair a-mach a bha a' dol on Ghàidhlig gun Bheurla agus an caochladh slighe, an New English and Gaelic Vocabulary - Focalair Gaelig agus Beurla.[1]
Ged a stèidhich Comann Gàidhealtachd na h-Alba comataidh ann an 1806 gus faclair mòr fhoillseachadh, bha Raibeart Armstrong air thoiseach orra leis an Gaelic Dictionary ann an 1825, trì bliadhna mus do nochd am faclair aig a' Chomann ann an 1828 fon ainm Dictionarium Scoto-Celticum - A Dictionary of the Gaelic Language I & II.[1][3]
Nochd grunn fhaclairean eile ri linn sin, an Etymological Dictionary of the Gaelic Language aig Alasdair MacGilleBhàin 'nam measg ann an 1896, an aon fhoillseachadh d' a leithid airson na Gàidhlig gu ruige seo.[1]
A bharrachd air sin, tha àireamh de dh'fhaclairean ann on àm seo nach deach am foillseachadh fhathast, can an Highland Gentleman's Dictionary a chaidh a chruinneachadh mun bhliadhna 1776 's a tha san leabharlann aig Ban-Iarla Chataibh an-dràsta.[1]
Loidhne-ama
- 1780 Galic and English Dictionary leis an Urr. Uilleam MacSheathain
- 1795 Nuadh Fhoclair Gaidhlig agus Beurla le Raibeart MacPhàrlain
- 1815 New English and Gaelic Vocabulary - Focalair Gaelig agus Beurla le Peadar MacPhàrlain
- 1825 Gaelic Dictionary le Robert Armstrong
- 1828 Dictionarium Scoto-Celticum - A Dictionary of the Gaelic Language I & II
- 1831 Dictionary of the Gaelic Language leis an Dr Tormod MacLeòid agus an Dr Daniel Mac an Deòir
- 1832 Pronouncing Gaelic Dictionary le Niall MacAilpein
- 1842 Gaelic-English Dictionary leis an Athair Eòghann MacEachainn (stèidhichte air an fhear aig MacLeòid ⁊ Mac an Deòir)
- 1845 Pronouncing Gaelic Dictionary le rudan a chuir Iain MacCoinnich ris
An 20mh linn
[deasaich | deasaich an tùs]Thòisich an fhicheadamh linn le faclair mòr - am Faclair Gàidhlig 'us Beurla le Dealbhan aig Eideard Dwelly. Bha pàirt dheth stèidhichte air faclairean a bh' ann roimhe ach chuir Eideard mòran susbaint ris, an dà chuid o thùsan eile 's an obair rannsachaidh aige fhèin.[1] A dh'aindeoin aoise, 's e am faclair aig Eideard Dwelly am faclair as ùghdarrasaiche ann an saoghal na Gàidhlig fhathast.
Nochd iomadh faclair na bu lugha na sin an dèidh an fhaclair aig Dwelly.
Loidhne-ama
- 1901 Illustrated Gaelic English Dictionary le Edward Dwelly (cuid dheth stèidhichte air an fhear aig MacLeòid ⁊ Mac an Deòir)
- 1912 Am Briathrachan Beag le Calum MacPhàrlain
- 1925 Gaelic Dictionary le Calum MacGilleFhinnein
- 1932 Pronouncing Dictionary of Scottish Gaelic le Henry Cyril Dieckhoff
- 1958 Gaelic Words and Expressions from South Uist and Eriskay leis an Urr. Ailean MacDhòmhnaill
- 1979 Abair Facail, a pocket-dictionary le Iain MacDhòmhnaill agus Raghnall Renton
- 1981 The New English-Gaelic Dictionary le Ruaraidh MacThòmais
- 1991 Appendix to Dwelly's Gaelic-English Dictionary le Dùghlas Clyne (deasaiche)
- 1991 Brìgh nam Facal, faclair sgoile leis an Ollamh Richard Cox
- 1993 The Modern Gaelic-English Dictionary le Robert C. Owen
- 1998 Gaelic-English English-Gaelic Dictionary, faclair pòcaid le Dougal Bochanan
A' 21d linn
[deasaich | deasaich an tùs]Cha do nochd faclairean mòra an dèidh an fhaclair aig Dwelly gu toiseach na ciad linn ar fhichead nuair a nochd am faclair mòr Gaelic English Dictionary le Colin Mark ann an 2003.[4]
B' e am Faclair Beag a' chiad fhaclair mòr a tha a' dol an dà chuid on Ghàidhlig gun Bheurla agus on Bheurla gun Ghàidhlig. 'S e faclair air loidhne le Michael Bauer agus Uilleam MacDhonnchaidh a th' ann agus chaidh fhoillseachadh ann an dà cheum. Dh'fhoillsich iad tionndadh digiteach dhen fhaclair aig Dwelly an toiseach tràth ann an 2009 agus beagan as dèidh sin leis an fhaclair ùr as a bheil barrachd air 40,000 innteart a-nis.
Loidhne-ama
- 2001 The Essential English-Gaelic Dictionary le Aonghas MacBhatair
- 2003 Gaelic English Dictionary le Colin Mark
- 2004 Gaelic Dictionary (Teach Yourself) le Iain MacDhòmhnaill ⁊ Boyd Robastan
- 2009 Dwelly-d agus Am Faclair Beag, faclairean air loidhne le Michael Bauer agus Uilleam MacDhonnchaidh
- 2011 Faclair na Sgoile le Stòrlann. ISBN: 9781907054037
- - ùrachadh de Brìgh nam Facal le Cox.
Faclairean sònraichte
[deasaich | deasaich an tùs]A bharrachd air foillseachaidhean mu ainmean-àite, tha faclairean air cuspairean sònraichte glè ghann fhathast agus a' chuid mhòr dhiubh ag amas air an nàdar no briathrachas rianachd. Bha An Stòr-dàta Briathrachais 'na eisgeachd 's e a' cruinneachadh briathrachas teicnigeach o iomadh raon 's air fhoillseachadh le Sabhal Mòr Ostaig.
Faclair eachdraidheil
[deasaich | deasaich an tùs]Chan eil faclair eachdraidheil ann fhathast, ged a tha Roinn na Ceiltis aig Oilthigh Ghlaschu air obair a dhèanamh air fear o chionn fhada 's air a bheil Faclair na Gàidhlig.
Loidhne-ama
- 1883 The Gaelic Names of Plants le Iain Camshron
- 1890 The Gaelic Names of Diseases and Diseased States le Camshron MacGilleÌosa
- 1905 Gaelic Names of Beasts, Birds, Fishes, Insects, Reptiles etc. le Alasdair Forbais
- 1989 Gaelic Names for Flowers and Plants le Dùghlas Clyne
- 1993 An Stòr-dàta Briathrachais
- 1999 Ainmean Gàidhlig Lusan - Gaelic Names of Plants le Joan Clark agus Iain MacDhòmhnaill
- 2001 Faclair na Pàrlamaid
- 2011 Dictionary for Local Government - Scottish Gaelic and English, faclair air loidhne le Comhairle nan Eilean Siar
Ceanglaichean a-muigh
[deasaich | deasaich an tùs]- Faclairean Gàidhlig - duilleag aig Sabhal Mòr Ostaig
- Faclairean Gàidhlig air loidhne tro Multidict
Faclairean fa leth air loidhne
- Am Faclair Beag
- An Stòr-dàta Briathrachais Gàidhlig
- Tionndadh de Dwelly a ghabhas a rannsachadh
- Am Briathrachan Beag le Calum MacPhàrlain
- Faclair airson Riaghaltas Ionadail
WebArchive (ìomhaighean de dhuilleagan)
- Tionndadh digiteach dhen Dictionarium Scoto-Celticum Vol I
- Tionndadh digiteach dhen Dictionarium Scoto-Celticum Vol II
- Tionndadh digiteach dhen fhaclair aig Dwelly
Pròiseact
Tùsan
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ 1.0 1.1 1.2 1.3 1.4 1.5 1.6 1.7 1.8 Thomson, D. The Companion to Gaelic Scotland (1994) Gairm ISBN 1-871901-31-6
- ↑ Nicolson, William. (1702) "The scottish historical library: containing a short view and character of most of the writers, records, registers, law-books, &c. Which may be serviceable to the undertakers of a general history of Scotland, down to the union of the two kingdoms in K. James the VI. By W. Nicolson, Arch-Deacon of Carlisle." London: printed for T. Childe, at the White Hart in St. Paul's Church-Yard, pp.334-346.
- ↑ Dictionarium Scoto-Celticum - A Dictionary of the Gaelic Language Highland Society of Scotland 1828
- ↑ Mark, C. Gaelic English Dictionary (2003) Routledge ISBN 978-0415297608