Jump to content

Calum MacPhàrlain

O Uicipeid
Calum MacPhàrlain
Beatha
Breith Dail Abhaich, 30 dhen t-Samhain 1853
Dùthaich  Alba
Bàs Grianaig, 22 dhen Ghearran 1931
Foghlam
Cànain Beurla
Dreuchd
Dreuchd sgrìobhadair, sgrìobhaiche òran agus bàrd
Gnè ealain bàrdachd
IMDb nm3858346

Bha Calum MacPhàrlain (1853-1931[1]) (sa Bheurla: Malcolm MacFarlane) na sgoilear Gàidhlig agus na sgrìobhadair òran. B' e rùnaire agus cheann-suidhe air Comunn Gàidhlig Ghlaschu a bh' ann, agus ghabh e pàirt san obair a bh' aig An Comunn Gàidhealach.


Rugadh e ann an Dail Abhaich, Taobh Loch Obha, Earra-Ghàidheal[1], ach thogadh e ann am Pàislig.[1] Dh'fhàs e suas sa bhaile, agus fhuair e obair mar neach-tomhais. Dh'fhuirich e an siud fad a bheatha às dèidh sin.

B' esan a' chiad deasaiche de Làmh-sgrìobhainn Fheàrnaig, a dh'fhoillsicheadh ann an 1923. Ach b' ann mar sgrìobhadair agus mar eadar-theangair a fhuair e cliù, agus rinn e iomadh òran - fuinn agus faclan - cuideachd, a chaidh fhoillseachadh anns The Songs of the Highlands (c.1900).

Clàr-leabhraichean

[deasaich | deasaich an tùs]

Mar ùghdar

[deasaich | deasaich an tùs]
  • 1925?. Am Mosgladh Mòr (Glascho [Glaschu]: An Comunn Gàidhealach). Pdf ri fhaighinn aig NLS.


Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. 1.0 1.1 1.2 Thomson, Derick S. (1994) The Companion to Gaelic Scotland Glasgow: Gairm, d. 188 ISBN: 1-871901-31-6