Làmh-sgrìobhainn Fheàrnaig
Anns an Làmh-sgrìobhainn Fheàrnaig (Beurla: Fernaig Manuscript) tha mu 4200 loidhne de bhàrdach - air cuspairean poileataics agus creideimh dhan chuid as motha. Chaidh a sgrìobhadh eadar 1688 agus 1693 le Donnchadh nam Pìos (Donnchadh MacRàth) ann an Taobh Siar Rois. Chleachd e dòigh-litreachaidh sònraichte aige fhéin, stéidhte air litreachadh a’ Bheurla mar a tha an litreach anns an làmh-sgrìobhainn nas ainmeile Leabhar Deathan Lios Mòir. Sa bhliadhna 1923 dh’fhoillseachadh Calum MacPhàrlain cnuasachadh air an làimh-sgrìobhainn, agus “eadar-theangachadh” dì don chiad uair ann an litreachadh àbhaisteach na Gàidhlig.
Eisimpleir dhen dàn "Gillimichells ansr to ye ford lyns":
Teacsa tùsail[1] | a rèir MhicPhàrlainn[2] |
---|---|
is trouh i cheile veg Ri Vlliam |
Is truagh a' chiall bh'aig Rìgh Uilleam, |