Jump to content

Dòmhnall Mac an Deòir

O Uicipeid
(Air ath-sheòladh o Domhnall Deòireach)
Dòmhnall Mac an Deòir
Ball de Chomhairle Dhìomhair na Rìoghachd Aonaichte


prìomh-chuip


Ceannard Pàrtaidh Làbarach na h-Alba


member of the 44th Parliament of the United Kingdom (en) Translate

31 dhen Mhàrt 1966 - 29 dhen Chèitean 1970
Sgìre: Obar Dheathain a Deas
Taghadh: 1966 United Kingdom general election (en) Translate
member of the 47th Parliament of the United Kingdom (en) Translate

13 dhen Ghiblean 1978 - 7 dhen Ghiblean 1979
Sgìre: Glaschu Gart Sgadain
Taghadh: 1978 Glasgow Garscadden by-election (en) Translate
member of the 48th Parliament of the United Kingdom (en) Translate

3 dhen Chèitean 1979 - 13 dhen Chèitean 1983
Sgìre: Glaschu Gart Sgadain
Taghadh: 1979 United Kingdom general election (en) Translate
member of the 49th Parliament of the United Kingdom (en) Translate

9 dhen Ògmhios 1983 - 18 dhen Chèitean 1987
Sgìre: Glaschu Gart Sgadain
Taghadh: 1983 United Kingdom general election (en) Translate
Rùnaire Dùbhlanach na Stàite airson Alba

31 dhen Dàmhair 1983 - 18 dhen Iuchar 1992
Bruce Millan (mul) Translate - Tom Clarke (mul) Translate
ball 50mh Pàrlamaid na Rìoghachd Aonaichte

11 dhen Ògmhios 1987 - 16 dhen Mhàrt 1992
Sgìre: Glaschu Gart Sgadain
Taghadh: taghadh nàiseanta na Rìoghachd Aonaichte, 1987
ball 51mh Pàrlamaid na Rìoghachd Aonaichte

9 dhen Ghiblean 1992 - 8 dhen Ghiblean 1997
Sgìre: Glaschu Gart Sgadain
Taghadh: taghadh nàiseanta na Rìoghachd Aonaichte, 1992
Rùnaire Dùbhlanach na Stàite airson Obraichean is Peinnseanan

18 dhen Iuchar 1992 - 19 dhen Dàmhair 1995
Michael Meacher (mul) Translate - Chris Smith, Baron Smith of Finsbury (mul) Translate
prìomh-chuip a’ Phàrtaidh Làbaraich

19 dhen Dàmhair 1995 - 2 dhen Chèitean 1997
Derek Foster, Baron Foster of Bishop Auckland (en) Translate - Alastair Goodlad (mul) Translate
ball 52mh Pàrlamaid na Rìoghachd Aonaichte

1 dhen Chèitean 1997 - 11 dhen Dàmhair 2000
Sgìre: Glaschu Fearann Anna
Taghadh: taghadh nàiseanta na Rìoghachd Aonaichte, 1997
Rùnaire Stàite na h-Alba

2 dhen Chèitean 1997 - 17 dhen Chèitean 1999
Michael Forsyth, Baron Forsyth of Drumlean (en) Translate - John Reid, Baron Reid of Cardowan (en) Translate
Ball 1mh Phàrlamaid na h-Alba

6 dhen Chèitean 1999 - 11 dhen Dàmhair 2000
Sgìre: Glaschu Fearann Anna
Taghadh: Taghadh Albannach 1999
1. Prìomh-mhinistear na h-Alba

13 dhen Chèitean 1999 - 11 dhen Dàmhair 2000
← no value - Seumas Uallas
Beatha
Breith Glaschu, 21 dhen Lùnastal 1937
Dùthaich  Alba
Bàs Dùn Èideann, 11 dhen Dàmhair 2000
Nàdar a’ bhàis  (ruith-fala san eanchainn)
Teaghlach
Cèile Alison Mary McNair (en) Translate
Foghlam
Foghlam Oilthigh Ghlaschu
The Glasgow Academy (en) Translate
University of Glasgow School of Law (en) Translate
Cànain Beurla
Dreuchd
Dreuchd neach-poileataigs agus neach-lagha
Àitichean-obrach Lunnainn
Creideamh
Pàrtaidh poileataigeach Pàrtaidh Làbarach na h-Alba
Am Pàrtaidh Làbarach

B' e neach-poileataigs na h-Alba a bha ann an Dòmhnall Mac an Deòir (no Dòmhnall Deòireach, Beurla: Donald Dewar). B' esan a' chiad Prìomh Ministear aig Alba.

Eachdraidh-bheatha

[deasaich | deasaich an tùs]

Rugadh e ann an Glaschu agus chaidh e gu Acadamaidh Glaschu agus an uairsin gu Oilthigh Glaschu. 'S ann aig Oilthigh Glaschu a choinnich e Iain Smith, a bha às déidh sin 'na cheannard aig Pàrtaidh Làbarach na h-Alba, aig comunn deasbaid an oilthigh.

Bha e na bhall de Phàrtaidh Làbarach na h-Alba agus den Phàrtaidh Làbarach Breatannach bho aois òg. Fhad 's a bha e ag obair ann an Glaschu mar neach-lagha chaidh a thaghadh 'na Bhall-Phàrlamaid airson an roinn-taghaidh Obar Dheathain a Deas, aig aois 28, anns an taghadh coitcheann 1966. Ann an 1970 dh'fhàg a bhean 's màthair an dithis cloinne e airson am fear-lagha Albannach Derry Irvine. Cha do rèitich an dithis fear a-riamh ged a bha iad còmhla anns an aon Chaibineat ann an 1997. Cha do phòs e a-rithist. Cuideachd ann an 1970 chaill e an seat aige anns an taghadh coitcheann 1970.

Thug e greis a mach a poileataigs anns na seachdadan ach thill e ann an 1978 mar Ball-Phàrlamaid ann san fhrith-thaghadh Glaschu Gart Sgadain.[1] Dh'èirich e gu luath troimh na h-ìrean agus ann an 1984 bha e 'na bhall den chaibineat dùbhlanach.

Pàrlamaid na h-Alba

[deasaich | deasaich an tùs]

Ann an 1997 nuair a bhuannaich am Pàrtaidh Làbarach an taghadh coitcheann rinn Tony Blair e 'na Rùnaire Stàite na h-Alba. Anns an dreuchd seo b' urrainn dha cumail air leis a' phròiseact a thòisich Iain Smith mus do bhàsaich e - Achd na h-Alba. Thòisich agus bhrosnaich e an tiomnadh chumhachdan agus ann an 1999 thàinig an obair a rinn e gu buil nuair a fhuair Alba a ciad Phàrlamaid airson 300 bliadhna, agus chaidh esan a thaghadh mar Phrìomh Mhinistear. Chaidh e cuideachd a thaghadh mar Bhall Pàrlamaid na h-Alba airson Glaschu Fearann Anna.

An obair mhór a bha e air dèanamh airson a' Phàrlamaid seo fhaighinn, thòisich e a' cur dragh air shlàinte agus bha aige ri obair-lannsa cridhe fhaighinn anns a' Chèitean 2000.

Thug e seachad Òraid an t-Sabhail ann an 2000.[2]

Air 10 an Dàmhair sa bhliadhna sin bha call-fala mòr aige na cheann. Bhàsaich e an ath latha ann an Ospadail Coitcheann an Iar ann an Dùn Èideann.[3] Bha an tìodhlacadh aige ann an Cathair-eaglais Glaschu agus bha bròn ann nach fhaiceadh sa bhaile roimhe airson neach-poileataigs. Chaidh a chorp a losgadh agus a luaithre a sgapadh aig Ceann Loch Gilb.

Anns a' Chèitean 2002 dh'fhosgail Tony Blair ìomhaigh de Dhòmhnall Mac an Deòir aig ceann Rathaid Bhochanain ann an Glaschu.

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Kelly, Deirdre: “Remembering Garscadden”, BBC. 17mh dhen t-Samhain 2000. Air a thogail 28mh dhen Dùbhlachd 2017. 
  2. Òraid an t-Sabhail”. Sabhal Mòr Ostaig. Air a thogail 19mh dhen t-Samhain 2017.
  3. 'Father of nation' dies”, BBC. 11mh dhen Dàmhair 2001. Air a thogail 13mh dhen Iuchar 2017.