Jump to content

Contae Dhún nan Gall

O Uicipeid
Contae Dhún na nGall
Suidheachadh
Dùthaich Èirinn
Còigeamh Còigeamh Uladh
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 4,831 km²
Àireamh-shluaigh 161,137 ()
Dlùths 33.35/km²
Duilleag oifigeil A' Chomhairle

'S e siorramachd (Gaeilge: Contae) ann am Poblachd na h-Èireann a tha ann an Dùn na nGall[1] (tuiseal ainmneach: Dún na nGall,[2] Laideann: Comitatus Dungalensis) no Tìr Chonaill mar a chanas a' mhòr-chuid ris. Tha 161,137 duine a' fuireach san t-siorramachd fad 4,831km²,[3] an ceithreamh siorramachd as motha na dùthcha a thaobh fharsaingeachd agus an 11mh a thaobh àireamh-sluaigh. Tha crìochan aig Contae Dhún nan Gall le Fear Manach, Tír Eoghain, Doire agus Liatroim.[4] Bha 296,448 nan tàmh sa chontae ann an 1841, ron a' Ghorta Mhòir.[5] 'S e An Earagail (751m) a th'ann a' beinn as àirde na siorramachd.[6]

Sgìrean Ionadail

[deasaich | deasaich an tùs]

Tha ochd baranachdan (Gaeilge: barúntacht) am broinn Dún na nGall: Báinigh, Baollaigh, Inis Eoghain Thoir, Inis Eoghain Thiar, Cill Mhic Réanáin, Ráth Bhoth Thuaidh, Ráth Bhoth Theas agus Tír Aodha. A bharrachd air sin, tha 52 parraistean[7] (a' mhòr-chuid ann an sgìreachdan-easpaig Ráth Bhoth agus Doire, ach tha dà dhuibh ann an Clochar)[8] agus 2,748 bailtean fearainn sa chontae.

Daoine Ainmeil

[deasaich | deasaich an tùs]

iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Sabhal Mòr Ostaig
  2. Logainm
  3. Statoids
  4. Scoil Cronáin Naofa
  5. Cenus of Britain 1841
  6. Peakbagger
  7. Irish Times
  8. Comhdháil Easpag Caitliceach Éireann