Jump to content

Berdychiv

O Uicipeid
Бердичів
Berdychiv
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula

Suidheachadh
Dùthaich An Ucràin
Ceàrn Berdychikskiy Raion
Sgìre Zhytomyrska Oblast
Co-chomharran 49° 54 00' Tuath
28° 34 00' Ear
Feartan fiosaigeach
Àireamh-shluaigh 73,999 (2021)
Àireamh fòn +380 4143
Duilleag oifigeil Duilleag oifigeil

'S e baile mòr air an àirde an iar na h-Ucràine a th' ann am Berdychiv (Ucranais: Бердичів, Pòlais: Berdyczów, Iùdais: באַרדיטשעװ). Tha e suidhichte 189km air falbh bho Kyiv, san roinn Zhytomyrska Oblast agus tha 73,999 duine a' fuireach ann.

Chaidh Berdychiv a stèidheachadh ann an 1430 agus bhuineadh e dhan Pòlainn ro 1945. Phòs Honoré de Balzac aig Ewelina Hańska an seo ann an 1850. Bha am baile fo sgàile agus fo bhuaidh nan Nàsach eadar 1941 agus 1944. Chuir iad seo 38,536 Iùdhachd gu bàs, màthair Ghrossman nam measg.[1] Chaidh beagan thogalaichean a leagail.[2] Ann an 1991, thàinig Berdychiv gu bhith na phàirt de nàisean neo-eisimeileach na h-Ucràine. Air 16 am Màrt 2022, ri linn Ionnsaigh na Ruise air an Ucràin, chaidh Berdychiv a bhomadh on adhar leis na Ruiseanaich.

Eòlas-sluaigh

[deasaich | deasaich an tùs]

A rèir a' Chunntais-shluaigh a rinneadh ann an 2001, 's e Ucràinis a tha a' mhòr-chuid nan daoine ann am Berdychiv a' bruidhinn (88.96%), ged a tha mion-chuid ann le Ruisis cuideachd (10.59%).[3] Tha an uiread dhaoine a tha a' fuireach ann am Berdychiv air thuiteam trì tursan: an dèidh Cogadh a' Cheusair, an uair sin an an dèidh An Dàrna Cogaidh agus cuideachd anns na bliadhnaichean a lean neo-eisimeileachd na dùthcha. B' ann ann an 1989, mus bhris An t-Aonadh Sobhiatach a-mach à chèile nuair a bha àireamh-sluaigh Bherdychiv na b' àirde na bha i a-riamh.

Daoine Ainmeil

[deasaich | deasaich an tùs]

Ceanglaichean A-mach

[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Історія міст і сіл УРСР (житомирська область) Бердичів, Є. Громенко, О. О. Павлов, 1973)
  2. Українська правда
  3. Ukcensus