Raquel Liberman
Raquel Liberman | |
---|---|
Beatha | |
Breith | Berdychiv, 10 dhen Iuchar 1900 |
Dùthaich |
Impireachd na Ruise An t-Aonadh Sobhiatach |
Bàs | Buenos Aires, 7 dhen Ghiblean 1935 |
Nàdar a’ bhàis | adhbharan nàdarra (Aillse) |
Dreuchd | |
Dreuchd | siùrsach agus neach-iomairt |
Creideamh | |
Creideamh | Iùdhachd |
B' e strìopach agus neach-iomairt feimineach Ucràineach/Pòlach a chaidh tro gach cruadal air sgàth siùrsachd-èiginn a bh' ann an Raquel Liberman (Ucràinis: Ракель Ліберман, Eabhra: רחל ליברמן, Berdychiv, 10 an t-Iuchar 1900 - Buenos Aires, 7 an Giblean 1935).[1] Bhuinneadh i do theaghlach Iùdhach gu math bochd.[2]
B' ann de shliochd Ruiseanach-Iùdhach a bha Liberman agus rugadh e ann am Berdichev san Ucràin, a bha na phàirt Iompaireachd na Ruise aig an àm. Nuair a bha i na leanabh, rinn an teaghlach eilthireachd dhan a' Phòlainn, far an do phòs i aig an tàillear Yaacov Ferber ann an Warszawa ann an 1919. Ann an 1921 shiubhail Ferber gu Tapalqué, san Argantain, far an robh a phiuthar agus an duine aice a' fuireach ann. Anns an Dàmhair 1922, ràinig Raquel Liberman còmhla ri a dithis mhac agus lorg iad an duine aice ann an droch shlàinte.[3] Chaochail esan beagan mhìosan an dèidh sin. Thug Raquel Liberman a' chlann do choimhearsnaich a bràthar-chèile agus dh' fheuch i ri obair a lorg ann an coimhearsnachd Iùdais ann am Buenos Aires.
A rèir an t-Ollamh Nora Glickman,[4] chan eil e idir soilleir mar a chaidh Raquel Liberman an sàs ann an siùrsachd. Dh' fhaodadh boireannaich singilte a thàinig gu Buenos Aires gun chompanach a bhith air am fastadh le maoir-strìopaich no air an toirt am bruid gu taighean-siùrsaich. 'S e seòrsa tràilleachd a th' ann siùrsachd-èiginn. Bha Liberman an dèidh sin ag innse dha na h-ùghdarrasan gun do shiubhail i gu dìreach bho Warszawa gu Buenos Aires ann an 1924, còmhla ri maor-strìopaich a thug oirre strìopachas a dhèanamh. Bha còir aice a bhith sàmhach mu a clann agus an duine aice a chaochail. 'S e an rud a tha cinnteach gun robh i ag obair dha maor-strìopaich air an robh Jamie Cissinger, a thugadh oirrese an t-airgead a thoirt dhàsan. Às deidh còig bliadhna, dh' fhosgail i seann bhùth leis an airgead a shàbhail i. Nuair a theab fear eile a thoirt oirrse ri dhol air ais dhan siùrsachd, thionndaidh i a-steach dha na poileis esan, air 29 an Dùbhlachd 1929.
Phòs Liberman aig José Salomón Korn ann an sionagog far an robh prìomh oifis Zwi Migdal, rudeigin a tha Glickman ag ràdh nach robh fios aice. B' e buidheann eucoireach a bh' ann an Zwi Migdal. Thug Korn air Liberman thilleadh dhan siùrsachd a-rithist.[5] Às deidh dhi fheuchainn gu neo-shoirbheachail ri na rudan aice fhaighinn air ais, chuir Liberman fios chun na poileis a-rithist, le cuideachadh bho Ezrat Nashim, agus thug esan fianais an-aghaidh Zwi Migdal ron britheamh Julio Alsogaray. Ann an 1930, an dèidh do Hipólito Yrigoyen a bhith air a sgrios le José Félix Uriburu, dh'atharraich beachd nan ùghdarrasan a thaobh siùrsachd. Chaidh Zvi Migdal a phronnadh, chaidh 108 de na 434 ball a dhìteadh, agus theich mòran às an dùthaich. Chaid siùrsachd a dhèanamh mì-laghail san Argantain ann an 1935. Bhàsaich Raquel Liberman le aillse ann an ospadal ann am Buenos Aires ann an 1935.
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Deutsch, Sandra McGee (2010). Crossing Borders, Claiming a Nation: A History of Argentine Jewish Women, 1880 – 1955. Durham N.C.: Duke University Press. ISBN 978-0822346494.
- ↑ Alsogaray, Julio. Trilogía de la trata de blancas: Rufianes-Policía-Municipalidad. Buenos Aires: 1933
- ↑ Arlt, Roberto. “Que no quede en agua de borraja.” Diario Crítica, Mayo 23, 1930; Bra, Gerardo. La organización negra: la increíble historia de la Zwi Migdal. Buenos Aires: 1982
- ↑ Glickman, Nora (2000). The Jewish white slave trade and the untold story of Raquel Liberman. Eabhraig Nuadh: Garland Publ. ISBN 978-0815333005.
- ↑ Clarín