An Dùn Beag
Dùthaich | Rìoghachd Aonaichte |
---|---|
Sgìre riaghaltais ionadail | Earra-Ghaidheal agus Bòd |
Roinn-tìde | UTC±00:00 |
Siorrachd eachdraidheil | Earra-Ghàidheal |
Domhan-leud is -fhad | 56°26′45″N 5°26′34″W |
Comharran-cléithe SO | NM881334 |
‘S e baile beag a th’ ann an Dùn Beag agus tha e 15m os cionn na mara agus tha e mu 4km air falbh bhon Òban[1][2]. Bha 610 daoine a’ fuireach anns an Dùn Bheag ann an 2010[3]. Tha aon bhun-sgoil anns an Dùn Bheag, ‘S e Dunbeg Primary School an t-ainm a th’ oirre, agus tha aon sgoil-àirich ann, ‘S e Dunbeg Early Learning and Childcare Centre an t-ainm a th’ oirrese agus bha i stèidhichte ann an 1996[4].
Cuideachd, tha aon eaglais ann, Eaglais Sgìre Dhùn Beag, a chaidh a thogail ann an 1981, faisg air a’ bhun-sgoil[5]. Tha an Dùn Beag na dhachaigh airson Scottish Association for Marine Science (SAMS), aon de na prìomh ionadan eòlas-mara anns an Rìoghachd Aonaichte[2]. Tha an t-ainm “An Dùn Beag” a’ tighinn bho “Dùn Staidhinis” mar a bh’ air a’ bhaile bho thùs, le “dùn” a’ ciallachadh “fortress” anns a' Bheurla, a tha freagarrach on a tha caisteil Dùn Staidhinis anns a’ bhaile[2]. ‘S ann leis na Caimbeulaich a tha an caisteil sin ach chaidh a thogail e anns an 13mh linn mar chathair le Donnchadh MacDhùghaill[6]. A thuilleadh, tha tobht àrd-eaglais ann faisg air Caisteil Dhùn Staidhinis.
O chionn ghoirid, chaidh ceum a thogail bho ceann a' Dhùin Bhig gu Tràigh Gaineamhan, mu 2km a dh'fhaid, agus tha e a’ còrdadh gu mòr le rothaichean agus luchd-coiseachd. Thòisich Parkrun air a' cheum sin cha mhòr 3 bliadhna air ais agus tha sin a’ còrdadh gu mòr leis na daoine ‘sa bhaile cuideachd. Thairis air 2 bhliadhna seo chaidh, chaidh mu 50 taigh ùr a thogail agus tha planaichean ann airson barrachd taighean anns an aithghearrachd. Anns an leasachadh bho chionn goirid, ‘s ann air Sìne MacVicar a chaidh an t-sràid ainmeachadh, “MacVicar Court”, oir bha i na ceannard-sgoile aig Bun-sgoil An Dùin Bhig airson 44 bhliadhna agus thug i a' choimhearsnachd anns an Dùn Bheag ri chèile.
Tha beagan goireasan ann anns a’ bhaile cuideachd: tha bùth baile ann, gruagaire, bùth chuimhneachan ri taobh a' chaisteil, sgoil-àirich phrìobhaideachd agus taigh airson seann daoine.
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ “Dunbeg, Argyll and Bute - area information, map, walks and more” (Beurla). Air a thogail 24 An t-Sultain 2018.
- ↑ 2.0 2.1 2.2 “Dunbeg” (Beurla). Air a thogail 24 An t-Sultain 2018.
- ↑ “Population: Where We Live” (Beurla). Air a thogail 24 An t-Sultain 2018.
- ↑ “ELCC News│Dunbeg Primary School” (Beurla). Air a thogail 24 An t-Sultain 2018.
- ↑ “Dunbeg Parish Church - Scotlands Churches Trust” (Beurla). Air a thogail 24 An t-Sultain 2018.
- ↑ “Dunstaffnage Castle - Wikipedia” (Beurla). Air a thogail 24 An t-Sultain 2018.