Jump to content

Alasdair MacIlleBhàin

O Uicipeid
Alasdair MacIlleBhàin
Beatha
Breith An t-Sàilean
Dùthaich  Alba
Foghlam
Foghlam Oilthigh Ghlaschu ceum dotaireachd
Cànain Gàidhlig
Beurla
Dreuchd
Dreuchd bàrd agus seinneadair
Fastaichean Oilthigh Ghlaschu
Inneal-ciùil guth

'S e seinneadair Muileach a th' ann an Alasdair MacIlleBhàin.

Làithean Tràth

[deasaich | deasaich an tùs]

'S ann às an t-Sàilean ann am Muile a tha Alasdair. Bha ùidh mhòr aige san dualchas agus sna h-òrain Ghàidhlig bho aois òg.[1]

Seinn 'sa Ghàidhlig

[deasaich | deasaich an tùs]

Choisinn Alasdair MacIlleBhàin Bonn Òir a’ Chomuinn ann an Dùn Omhain ann an 2006 is e 19 bliadhna a dh’aois.[2] Tha Alasdair na òranaiche is na sgrìobhaiche-ciùil agus sgaoilteadh a chiad chlàr, 'Las', air a bheil an dà chuid òrain à sgìreachd àraich agus a chuid òrain fèin, san Dùbhlachd 2012.

Tha e air a bhith na bhritheamh cuideachd aig Mòdan ionadail agus aig a’ Mhòd Nàiseanta o 2012.[1]

A thuilleadh air nam pròiseactan ciùil, tha Alasdair na rannsaiche ann an roinn na Ceiltis is na Gàidhlig aig Oilthigh Ghlaschu an-dràsta far a bheil e a' dèanamh ollamhachd (PhD) air ainmean-àite ann an sgìre Torosaigh am Muile.[1]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. 1.0 1.1 1.2 Àrd-Sgoil Thobar Mhoire Litir bho Alasdair dhan Àrd-sgoil. A' tarraing air 21 an Dàmhair 2014
  2. Eachdraidh-beatha Alasdair aig Struileag

Ceanglaichean a-muigh

[deasaich | deasaich an tùs]