Jump to content

Bun na Dubh Abhann

O Uicipeid
Am mùthadh mar a bha e 16:53, 17 dhen Ghearran 2019 le CreagNamBathais (deasbaireachd | mùthaidhean) (teacsa eile)
(diofar) ← Mùthadh nas sine | Am mùthadh mu dheireadh (diofar) | Mùthadh nas ùire → (diofar)
Bun na Dubh Abhann

Suidheachadh
Dùthaich Alba
Comhairle Siorrachd Àir a Tuath
Siorrachd Siorrachd Bhòid
Co-chomharran 55° 30′ 6″ T
5° 20′ 1″ I
Comharradh-clèithe NR895281
Feartan fiosaigeach

'S e baile ann an Arainn, eilean ann an Linne Chluaidh, a tha ann am Bun na Dubh Abhann, Bun na h-Abhann[1] no Bun na Dubh Abhainn (Beurla: Blackwaterfoot).[2] Tha am baile suidhichte ann an Gleann Sheasgann air àird an iar-dheas an eilein.

Tha cala beag ann.[3] Faisg air a' baile tha Rubha a' Bharra (no Rubha an Dùin) (Beurla: Drumadoon Point), far a bheil seann dùn à Linn an Iarainn. Rud beag tuath air Uamh an Rìgh far an do dh'fhuirich Raibeart Brus a rèir beul-aithris, agus far an deach gearraidhean meadhan-aoiseach, ogham is crois mòr cloiche lorg.[4] Chaidh lorgan de shnàigeach ro-eachdraidheil, Chirotherium, lorg faisg air.[5]

Tha aon den dà raon goilf le 12 toll san Roinn Eòrpa ann.

Gailearaidh

[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Mac an Tailleir, Iain: “Ainmean-àite le buidheachas do dh' Iain Mac an Tailleir / Placenames collected by Iain Mac an Tailleir”. Pàrlamaid na h-Alba. Air a thogail 17mh dhen Ghearran 2019.
  2. Bun na Dubh-Abhainn”. Stòr-dàta Briathrachais Gàidhlig. Sabhal Mòr Ostaig. Air a thogail 17mh dhen Ghearran 2019.
  3. Arran, Blackwaterfoot Harbour”. Canmore. Àrainneachd Eachdraidheil Alba. Air a thogail 17mh dhen Ghearran 2019.
  4. Arran, Drumadoon, King's Cave”. Canmore. Àrainneachd Eachdraidheil Alba. Air a thogail 17mh dhen Ghearran 2019.
  5. Fossil Reptile Footprints”. SCRAN. Àrainneachd Eachdraidheil Alba. Air a thogail 17mh dhen Ghearran 2019.