Uilleam Uallas

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Uilleam Uallas, dealbh às an 18mh linn

Bu fhear-treòrachaidh Albannach Uilleam Uallas, a dh' èirich suas an aghaidh fòirneart Shasainn ann an Alba aig deireadh an 13mh linn.

Bha e air cheann airm Albannach a thug a' bhuaidh a-mach an aghaidh feachd Shasannach aig Sruighlea ann an 1297. Bha an t-arm Sasannach trì uairean na bu lìonmhoire na an t-armailt Albannach agus Iarla Shurreigh air a cheann.

Air do Uallas an t-saorsa a choisinn do Alba, bhrist e a-steach air taobh tuath Shasainn le 20 000 fear, agus rinn e mòran call air feadh na dùthcha sin mar dhìoghaltas airson an fhòirneirt a bha na Sasannaich a' dèanamh air Alba. Nuair a thill iad air ais bhon sgrìob sin ghairm an t-arm agus an sluagh Uallas gu bhith na Àrd-riaghladair air Alba. Theirteadh ris, an dèidh seo, Sìr Uilleam Uallas, Riaghladair Alba.

Air 22mh de mhìos deireannach an t-samhraidh, 1298, chaill Uallas Blàr na h-Eaglaise Brice an aghaidh armailt a bha trì uairean na bu lìonmhoire na an t-armailt aige fhèin. B' e Rìgh Eideard Shasainn a bh' air cheann an airm Shasannach an turas seo. B' fheudar dha Eideard an t-armailt Sasannach a bha a' cogadh san Fhraing a mhàrsail a-nall a dh'Albainn gus an Rìoghachd sin a cheannsachadh às ùr nuair a chaidh sgrios a dhèanamh air armailt an Iarla Shurreigh aig Sruighlea.

An dèidh a' chath fhuilteach seo, b' èiginn do Eideard, le cion bìdh, an fheachd a mhàrsail air ais do Shasann an ceann a dhà no thrì sheachdainnean gun bhuille tuilleadh a bhualadh. B' e innleachd Uallais an dùthaich fhàsachadh ach nach faigheadh arm coimheach a bheathachadh bhuaipe. Mar sin, fhuaireadh Baile Shruighlea, Cill Rìmhinn 's Peairt mar an ceudna nan lasraichinn nuair a chuireadh an t-arm tron dùthaich gus biadh a lorg.

Ged a chuir an t-acras dhachaigh Eideard goirid an dèidh buaidh na h-Eaglaise Brice, thill e agus ruith e thairis air Alba còig turais as a dhèidh le feachd lìonmhor. Mun cuairt de shia bliadhna an dèidh latha na h-Eaglaise Brice, bha gach uasal agus ìosal san rìoghachd ach a-mhàin Uallas fhèin air ùmhlachd aideachadh do Rìgh Shasainn. Bu tearc an luchd-leanmhainn dìleas a bh' aige.

Chuir Eideard suim mhòr de airgead-cinn air 's fa dheòigh thug fear dom b' ainm Sir Iain Menteith, a bha uaireigin na charaid aig Uallas, ach a-nis na cheannard air caisteal Dhùn Bhreatainn fo Eideard, brìb do aon de a sheirbhisich, Iain Cutach, airson a bhrath. Chaidh Uallas a ghlacadh na leapaidh san oidhche aig Robroyston, còig mìle an ear-thuath air Glaschu.

Thugadh a Lunnainn e agus air 23 Sultain, 1305 chaidh a dhìteadh mar reubaltach ged a thuirt Uallas fhèin nach b' urrainn dhaibh a dhearbhadh gum bu reubaltach e, a chionn 's nach do mhionnaich e riamh a bhith dìleas do Rìgh Shasainn, agus nach mionnaicheadh. Bha Uallas dìleas do Rìgh Iain Baliol. Mu dheireadh, chaidh a leth-chrochadh is a leigeil a-nuas leth-mharbh. Thugadh a mhionach às a chom agus loisgeadh mu choinneamh a shùl e. Thug iad an sin an ceann dheth, agus roinn iad a chorp na cheithir cheathramhan. Chuir iad a cheann air crann aig Drochaid Lunnainn agus a làmh dheas os cionn drochaid A' Chaisteal Nuaidh. Chuireadh a làmh thoisgeal an àite follaiseach ann am Bearaig, ceithreamh eile dheth gu ruige Peairt agus a cheamhramh clì do Obar Dheathain.

Buinteanas aig Uallas[deasaich | deasaich an tùs]

Rugadh Uilleam Uallas ann am Baile Inbhir Àir ri linn Rìgh Alasdair III. Cha b' ann de dh'àrd-mhaithean na h-Albann e, ach bu mhac e do dhuine uasail e dom b' ainm Shìr Maol-Chalum Uallas à Ach-na-Feàrna, Siorrachd Rinn Friù, agus do nighean aig Shìr Raoghnall MacCreamhain.

Pearsa Uallais[deasaich | deasaich an tùs]

Bu duine neo-chumanta calma e. Anns a bhodhaig, bha e garbh-chnàmhach; aghaidh fhada shoilleir; falt soilleir donn; sùilean soilleir geur-sheallach; sgor air taobh clì na smiogaid; coltas a ghnùis smuaireanach dubhach.

Bun-fiosrachaidh[deasaich | deasaich an tùs]

Aig an àm a bha Uallas na bhalachan, a' fuireach ann an Cill-spindi, Siorrachd Pheairt, chaidh Rìgh Alasdair III a mharbhadh le leigeil à bhàrr eich sa bhliadhna 1286, a' fàgail leanabh de nighinn, ogha dha, nach b' fhada a mhair beò. Uime sin, bha Alba gun oighre, agus bha Iain Baliol agus Raibeart Bruis a' streap ris a' chrùn. Chuir Eideard I, Rìgh Shasainn, armailt mòr a-nuas à Sasainn a thug buaidh air Baliol, no Rìgh Iain, mar a theirteadh ris, aig Dùn Barra.

Bha Alba ann an 1290 a-nis làn de shaighdearan Sasannach ri fòirneart air fireann 's air boireann, air saor 's air daor. Bha an t-àrd fhear-lagha, Ormeslie, a' gairm gu cunntas nan uile nach tugadh mionnan-strìochdaidh do dh'Eideard. Bha e a' toirt bhon Albannaich a bha a' diùltadh sin a dhèanamh an cuid fearainn agus maoin, 's gam peanasachadh air iomadh dòigh eile.

Bha Hugh de Cressingham, am fear-ionmhais Sasannach, mar an ceudna gam pianadh a' togail airgid bhuapa fo chaochladh leisgeulan. Cha robh Albannaich cleachdta ri bhith a' pàigheadh mòran do an rìghrean dùthchasach fhèin a bha a ghnàth a' taisbeanadh co-fhulangas a bhith aca rim bochdainn. Bha iad, mar sin, gu mòr air an tàmailteachadh le bhith air an èigneachadh gu suimean ro mhòr ìocadh do Chresingham airson adhbhar sam bith, no aig àm sam bith a b' àill leis.

A thuilleadh air sin, bheireadh na saighdearan Sasannach bhuapa gun fhaighneachd ni sam bith a chìtheadh iad aca anns an cuireadh iad sùil, 's nan gabhadh neach sam bith a bhiodh iad a' creachadh air cur nan aghaidh, gheibheadh e bhualadh 's a lotadh, 's bha iad eadhon a' cur cuid gu bàs airson a bhith a' dìonadh an codach fhèin bhuapa.

Uallas fon choill[deasaich | deasaich an tùs]

Chaidh Uallas a chur gu sgoil ann an Dùn Dèagh, ach mharbh e mac Sasannaich mhòir an sin, air dha tàmailt a thoirt dha. An làrna-mhàireach, chaidh athair 's bhràthair a mharbhadh le saighdearan Sasannach agus theich a mhàthair gu taobh tuath Uisge Tatha, far an robh a cuideachd. B' èiginn dha fhèin teicheadh bho thaigh a sheanair, Raghnall MacCreamhain, gu taigh bhràthair athar, Sìr Raibeart Uallas, ann an Riccarton, baile beag mu mhìle de Chill Mhearnaig.

Gaisgeachd Uallais[deasaich | deasaich an tùs]

Bha Uallas latha àraidh ag iasgach ann an Abhainn Inbhir (Uisge Irbhinn). An àm dha bhith tilleadh dhachaigh còmhla ri balachan a bha a' giùlan an èisg a ghlac e ann am bascaid, chaidh Morair Percy, fear-ionaid rìgh Shasainn agus a shaighdearan a bhuineadh do Ghearastan Àir seachad orra. An còignear mu dheireadh dhen bhuidheann, dh' fhàg iad air an ais ge-tà, 's rinn iad gu neo-modhail airson am bascaid leis na bh' ann a thoirt bhon bhalach. Bha Uallas deònach roinn de na bric a thoirt dhaibh. Ach bho nach biodh na Sasannaich riaraichte le na bu lugha na an t-iomlan, thàinig na fir bho fhaclan gu buillean. Tharraing Uallas an t-slat-iasgaich 's le aon bhuille bha fear dhiubh 's a chasan gobhlach os a chionn. Thug e dhen fhear sin, an claidheamh 's chog e cho duineil leis 's gun d' fhuair e dhachaigh leis a' bhascaid slàn fallainn. B' èiginn dha Uallas teicheadah 's a bhith fon choill car ùine, 's an dèidh sin àite eile den dùthaich a thoirt air far nach robh an gnìomh cho aithnichte.

Thairis air a' bhliadhna, chruinnicheadh buidheann bheag de dhaoine taghta a ghiùlaineadh bratach na h-Albann còmhla ris. Mhionnaich iad gun leanadh iad e troimh gach cunnart. Bhon uairsin, bha ainm Uallais a' cur eagal air na saighdearan Sasannaich a bh' air brùchadh a-steach do dh' Albainn, oir bha esan 's a luchd-leanmhainn a' siubhal na dùthcha 's a' dèanamh feall-fhalach iomadh turas orra. Sgap a' bhuidheann aige rè a' gheamhraidh agus phòs Uallas a leannain agus chaidh a chòmhnaidh ann am baile Lannraig.

Air latha àraidh, ann an àm an earraich, bha e a' coiseachd tron bhaile 's e air a sgeadachadh le deise uaine a bha fasanta measg nan uaislean san àm sin dhen bhliadhna. Còmhlar ris bha grunnan beag de luchd-leanmhainn 's de chàirdean, 'nam measg Sìr Iain Greumach. Thàinig Sasannach mì-mhodhail an rathad, 's thòisich e ri magadh orra.

Ghabh Uallas air adhart a' giùlan na h-athais gu foighidneach, ain-deònach air miothlachd sam bith a thogail. Ach dh' iadh mòran den phrabair Shasannach mu thimcheall a' sìor thilgeil athais air. Mu dheireadh, bhuail fear dhiubh ceann na truaill anns an robh an claidheamh a bha Uallas a' giùlan air a thaobh. Ann an tiota, bha an t-sabaid air a bonn, agus mu dheireadh, na Sasannaich nan sìneadh air an làr.

Fir Lannraig an guaillibh Uallais[deasaich | deasaich an tùs]

B' e fear dom b' ainm Heselrig a bha na riaghladair Sasannach air a' bhaile. A-rèir coltais, rinn e dìoghaltas eagalach air Uallas airson na thachair. Loisg e taigh Uallais 's chuir e a bhean gu bàs. Mar sin, air an dearbh oidhche sin, thionail Uallas deich fir fichead de dhaoine dìleas misneachail 's chaidh e gu sàmhach a-steach don bhaile. Ràinig iad taigh an uachdarain. Dh' fhàisg Uallas a-steach agus bhuail e cho guiniche 's gun do sgoilt e a cheann 's gun deach a chlaidheamh sìos gu cnàimh na h-amhach. Thionndaidh na Sasannaich a-mach agus dh' èirich fir Lannraig chun a' chòmhraig. Nuair a shoilleirich a' mhadainn bha 51 de na Sasannaich nan laighe marbh air na sràidean 's na h-Albannaich nam maighstrean air a' bhaile.

Innleachdan-cogaidh Uallais[deasaich | deasaich an tùs]

B' e an rian a ghabh Uallas na chiad èiridh a bhith cumail grunnan beag de luchd-leanmhainn còmhla ris fhèin, leis an tugadh e garg-ionnsaigh air buidheann bhig sam bith den arm Shasannach a gheibheadh e air leth bho chàch. Agus leis sin ghlacadh e stòr bìdh no armachd a bhiodh a' dol gu aonan sam bith de na caistealan. Leis an rian seo, bha e a' dèanamh mòran call air an nàmhaid. Aig an àm cheudna bheireadh e aire gun seachnadh e aghaidh a thoirt air buidheann lìonmhor sam bith dhiubh air nach robh e cinnteach gum b' urrainn dha buaidh fhaotainn. Bha aig an àm cheudna mòran de luchd-fearainn 's de àrd-mhaithean na rìoghachd ag obrachadh fo òrdagh-san, agus dhèanadh iad creachadh agus marbhadh air na Sasannach agus chuireadh iad na h-uile maille a b' urrainn orra.

Bigear[deasaich | deasaich an tùs]

Choinnich Uallas feachd Shasannach aig Bigear, baile beag deas air Dhùn Èideann agus chuir iad an ruaig orra. Rinn Eideard sìth ri Alba; ga cheangail ann an Eaglais An Ruadh Ghleann an ciad mhìos an earraich, 1297. Ach, an ceann leth-bhliadhna an dèidh don t-sìth bhith ceangailte, thàinig òrdagh à Sasann mòd mhòr a chumail ann an Baile Inbhir Àir. Cha b' e ach ribe a bh' ann, ris a' canas na h-Albannaich, Saibhlean Àir (Barns of Ayr).

Saibhlean Àir[deasaich | deasaich an tùs]

Bha Uallas 's a luchd-leanmhainn a' taisbeanadh uiread threubhantas agus de ghliocas nan oidhirpean air an tìr a shaoradh bho luchd-fòirneart gun robh na Sasannaich a-nis a' tòiseachadh air gabhail eagal rompa. Mar sin, leig na Sasannaich orra gun robh iad airson sìth a dhèanamh. Thug iad cuireadh do chuid de luchd-riaghlaidh Uallas agus d'a chuid oifigearan gu co-labhairt riutha fhèin mu chùmhnantan sìth. Bha a' choinneamh gu bhith air a cumail an taobh a-muigh de Bhaile Àir, ann an aitreabh mhòr fhiodha. Gun fhios dha na h-Albannaich, bha àireamh shaighdearan a' feitheamh airson gnìomh chrochadairean a dhèanamh. B'e Sìr Raoghnall MacCreamhain, siorram a' bhaile, agus bràthair-màthar Uallais, aon den chiad fheadhainn a thuit san ribe ud. Lean mòran as a dhèidh-san, nam measg Sìr Brus Blàir, Sìr Nìall MacGumaraid, Baran Choill, Baran Choinneagan, Baran Charraig, Baran Srath-Chluaidh gun duine a thoirt rabhadh dhaibh. Chaidh iad uile a dhìteadh mar shlaightearan agus a chrochadh. Ach fhuair boireannach sa choimhearsnachd innleachd èiginn air sealltainn a-steach agus na nithean a bha dol air adhart fhaicinn. Thug i rabhadh do Uallas agus fhuair esan às le bheatha. Theirteadh Saibhlean Àir(Barns of Ayr) ri na thachair ann an ceann a deas na h-Alba.

An dèidh na thachair, chruinnich Uallas a dhaoine air an oidhche sin fhèin. Thug e òrdagh don bhoireannach dhìleas comharra so-fhaicsinneach a chur le cailc air na taighean anns an robh na Sasannaich a' cur seachad na h-oidhche. Thàinig e fhèin air mharbhan a' mheadhan-oidhche le 300 fear, 's le mòran de bhuill chainbe, 's cheangail iad cho diongalta bhon taobh a-muigh na h-uile taigh air an d' fhuair iad an "comharra" 's nach gabhadh iad fosgladh bhon taobh a-staigh. Chuir e na h-aitreabhan fiodha ud ri theine agus bha mòran air an losgadh gun dùsgadh idir à cadal. 'S ann a bha na saighdearan Sasannach air roinn mhòr dhen oidhche a chur seachad le dannsa agus misg. Nuair a dh' fhàg buidheann Uallas an t-àite sa mhadainn, cha robh ri fhaicinn ach làraichean nan aitreabhan a bha nan connadh gus cuirp na marbh a losgadh. Mar seo, chrìochnaich Pàrlamaid Dhubh Àir.

Alba ag èirigh suas[deasaich | deasaich an tùs]

An dèidh Saibhlean Àir 's an dìoghaltas a lean, dhùisg spiorad an t-sluaigh air feadh na dùthcha gu lèir, 's fhuair Uallas uiread de luchd-leanmhainn 's nach gabhadh na Sasannaich orra coinneamh a thoirt dha san àm ann am blàr fhosgailte. Ach dhruid iad iad fhèin suas sna daingnichean gus an tigeadh tuilleadh cuideachaidh à Sasainn. Thoilich mòran a-nis druideadh suas ri brataich Uallais air son na dùthcha agus an aghaidh Shasainn. Nam measg bha: Raibeart Brus, Iarla Caisteal Charraig; Raibeart, Easbaig Ghlaschu; Morair Seumas, Àrd-thànaiste na h-Alba; Sìr Aindreas Mac-Mhuirich; Triath Bhoth Chluaidh; Sìr Uilleam Dùghlasach; agus Raibeart Baoideach.

Nuair a thàinig seo gu cluais Eideird, Rìgh Shasainn, chuir e nìos 40,000 fear-cogaidh a thoirt còmhdhail dhaibh. Choinnich na h-airm aig Irbhinn, ach bho nach robh na h-Albannaich ach tearc rinn iad cùmhnantan sìth gun bhuille a bhualadh. Cha b' fhada a sheas na Sasannaich rim facal. Chuir iad an t-Easbaig san toll-dhubh ann an Caisteal Rosbrog agus Sìr Uilleam Dùghlasach am prìosan an Caisteal Bhearaig. Nuair a chunnaic Uallas seo, rug e air a' champ Shasannach a' dol troimh Ghallghaidheil. Ghlac e an stòr agus 300 fear a bha na chois.

Uallas na cheannard airm

Bhon a rinneadh Uallas na cheannard air an arm Albannach agus na chileadair air an rìoghachd mar fhear-ionaid Rìgh Iain, thòisich na h-Albannaich air glacadh nan daingnichean Sasannach fhèin, 's air marbhadh na dream a bha cumail freiceadan annta. Bha na h-Albannaich a' spealgadh às a chèile len cuid tuaighean na geatachan aig cuid de na caistealan 's gun na saighdearan Sasannach comasach air an cur air falbh. Agus bha iad a' glacadh cuid eile dhiubh le seòltachd. Thriall Uallas troimh thaobh an ear Alba air ceann armailt lionmhoir ann an deagh òrdagh, agus cha robh caisteal eadar uisge Thatha agus Crombagh, nach do thuit roimhe ann am beagan sheachdainnean, ach a-mhàin caisteal Dhùn Dèagh. Thill Uallas gu deas a chur sèis ris an daingneach seo air a' chiad mhìos den fhoghair, 1297, dìreach an ceann bliadhna an dèidh do dh'Eideard tilleadh gu Sasann, 's e an dùil gun robh e air Alba aonadh gu do-sgaraichte aige a-nis ri a rìoghachd fhèin.

'S ann a teannachadh air caisteal Dhùn Dèagh a bha Uallas leis an arm Albannach nuair a chuireadh teachdairean thuige gun robh Iarla Shurreigh a' tighinn na aghaidh le feachd Shasannach san robh 50,000 fear 's gun robh e a' cur roimhe thighinn thairis air Abhainn Foirthe aig drochaid Shruighlea. Rinn Uallas airson a bhith aig an drochaid, nam b'urrainn dha mun ruigeadh na Sasannaich i.

Blàr Drochaid Shruighlea[deasaich | deasaich an tùs]

Ràinig an t-arm Albannach mullach cnuic a tha dà mhìle an ear air Sruighlea mun tàinig Sasannach idir air fàire. Bu Sìr Iain Greumach aon de na càirdean bu dealaidh aig Uallas, agus bha Sìr Uilleam Dùghlas, uachdaran Shrath Dhùghlais mar an ceudna a' dlùth-leantainn ris.

Nuair a dhlùthaich an t-arm Sasannach le bhrataichean a' snàmh sa ghaoith ris an drochaid, sheas Uallas agus a luchd-leanmhainn gu neo-sgàthach, a' gabhail ealla ris. Bha an t-arm Sasannach faisg air a' bhruaich dheis, trì uairean na bu lìonmhoire, 's na h-Albannaich air tulaichean àrda air taobh tuath na h-aibhne. Nuair a chunnaic iad an t-armailt seo a' tighinn air adhart, rinn cuid de na tighearnan Albannach cabhag gus iad fhèin ùmhlachadh do rìgh Shasainn, air eagal 's gun cailleadh iad an cuid fearainn. Cha robh iad a' creidsinn gum b' urrainn do Uallas seasamh ris an fheachd ud.

Cha robh dòigh air faotainn seachad air an abhainn ach air drochaid fhada chumhaing fhiodha a bha na b' fhaide shuas air an abhainn na drochaid an latha an-diugh. Gun fhios dha na Sasannaich, bha fir Uallais air sailthean na drochaid a ghearradh latha no dhà roimhe.

Chuireadh dithis shagart a-null far an robh Uallas a thairgsinn maitheanas dha fhèin 's do a luchd-leanmhainn nan leigeadh iad sìos an armachd. Dh' fhreagair Uallas nach b' ann a dhèanamh chùmhnantan sìth a thàinig iad, ach a thoirt blàir do na Sasannaich agus saorsa aiseag don dùthaich.

Bha Iarla Shurreigh glè shean 's ann an droch slàinte. Uime sin, b' ann aig Hugh de Cresingham, Fear-ionmhais Alba, a bha command' an airm da-rìreadh. Bu shagart Cresingham, duine dàna, fuilteach, leis am bu roghnaiche gu mòr clogaid an t-saighdear na còta an t-sagairt. Ged a chomhairlich Albannach, fear Lunndaidh a bh' anns a' champa Shasannach, dhaibh amharc rompa, cha bu nì leotha cluas a thoirt dha. Bha Cresingham airson a dhol air adhart air na h-uile cor, 's crìoch a chur air a' chogadh leis an aon bhlàr, 's cha ghabhadh a dhiùltadh.

Ghabh Sìr Marmaduke Teng air thoiseach air ceann nan rèisimeid each, a bha còmhdaichte le armachd thruim stàilinn, maraon each agus marcach. Lean Cresingham an dèidh sin leis an roinn den arm a bha fo a chommanda fhèin. Fhuair an rèisimeid each an òrdagh cath air an taobh tuath; ach dh' òrdaich Uallas buidheann threun luchd-sleagha a dhol timcheall sìos air taobh na h-aibhne 's nuair a bha mu leth an airm air tighinn a-nall, smèid e orra iad a ghabhail sealbh air an drochaid 's na bha thall a chumail thall, 's na bha bhos a chumail a-bhos. Bhuail na h-Albannaich len uile neart air na marcaichean a bha a' dìreadh leathad an tulaich, 's ruaig iad sìos iad air muin nan coisichean a bh' air ùr thighinn a-nall. Chaidh na coisichean 's na marcaichean troimh a chèile, 's an àite a bhith cuideachadh 's ann a bha iad a' cur maille air a chèile, 's na h-Albannaich gan sgathadh sìos mar am feur air gach taobh. Bha mu 7,000 de na Sasannaich a' gabhail thairis air an drochaid nuair a bhrist e agus mar a bha na saighdearan ud cho trom len cuid armachd, bha iad a' dol fodha air ball, air neo, bha an sruth gan giùlan sìos na b' fhaide far nach robh dol às bho bhàthadh. Den àireamh mhòr sluaigh a thàinig thar an drochaid, cha d' fhuair às beò ach triùir. B' e Marmaduke Teng an treas fear dhiubh sin. Bha Cresingham measg a' chiad fheadhainn a chaidh a mharbhadh.

Bha Surreigh 's a chuid eile den arm Shasannach air taobh deas na h-aibhne gun chomas buille a bhualadh no dol ceum air aghaidh. Bha an Stiùbhartach mòr, tànaiste na rìoghachd agus Iarla An Leamhanaich am feall-fhalach air a chùlaibh. Leum iad seo a-nis suas air agus nuair a chunnaic Iarla Shurreigh 's na oifigearan eile mar a bha an latha a' dol 's mar a chaidh e, 's nach b' urrainn dhaibhsan a leasachadh, thug iad na buinn dhith gu deas. Cha do lasaich Iarla Shurreigh ionga gus an do ràinig e Bearaig aig a' chrìoch Shasannaich. Thilg a fheachd bhuapa an cuid armachd agus bhrataichean gus am faigheadh iad an casan às bho na h-Albannaich ghuineach a lean gu dian air an tòir.

Bha fuath cho mòr aig na h-Albannaich air Cresingham gun do rinneadh fionnadh-balgain air a chlosach. Thiormaich 's chruadhaich iad a sheiche, rinn iad spliùchain bheaga, an leigeil faicinn mar inisg air a chàirdean agus mar dhùbhlain do a dhùthaich.

Saighdearan Sasannach ri teicheadh[deasaich | deasaich an tùs]

Cho luath 's a sgaoil iomradh an latha ud air feadh na tìre, thrèig na saighdearan Sasannach gu h-iomlan an grunnan beag de chaistealan a bha fhathast nan làmhan an ceann a deas Alba, 's theich iad a-mach às an rìoghachd.

14 mìosan bhon deach Rìgh Iain a chur far a' chrùin, bha Alba gun chìs do choigreach, gun aithne air prionnsa-fuadain agus chaidh ainm Uallais a-nis cho fada 's cho farsainn 's gum b' e bu chòmhradh anns gach comann san Fhraing cho math ri Sasainn. Bha Uallas air fiù 's ionnsaigh a thoirt air caistealan is bailtean taobh tuath Shasainn mar dhìoghaltas air na rinneadh ann an Alba. Theirteadh ris an uairsin Sìr Uilleam Uallas "Riaghladair Alba".

Eideard a' màrsail do Alba[deasaich | deasaich an tùs]

Nuair a chunnaic Eideard seo, cheangail e sìth sa thiota ri Filib-Fionn, Rìgh na Frainge, a' toirt a thoil fhèin dha anns gach ni ach a chuideachadh leis Alba a chìosnachadh. Chaidh armailt mòr a thogail. Choinnich iad aig A' Chaisteal Nuaidh. Mhèars iad do dh'Alba, 8,000 each agus còrr is 100,000 saighdear-coise. Cha robh dad a' coinneachadh ris na Sasannaich an ceann a deas Alba ach bailtean air am fàsachadh, 's taighean air an losgadh 's machraichean air an gearradh sìos, ged nach robh an t-arbhar fhathast abaich. B'e seo an rian a ghabh Uallas air a' mhàrsail a dhèanamh doirbh do na Sasannaich, 's nach faigheadh iad biadh dhaibh fhèin no do an cuid each. Leis na h-uile ni a bh' ann, bha na Sasannaich gu mòr air an sàrachadh mun do ràinig iad faisg air Dùn Èideann, far an robh dùil aig Eideard ri tionaladh bho loingeas cogaidh a bh' air an t-slighe gu Lìte.

Fòir-bhrath[deasaich | deasaich an tùs]

Ged a bha Uallas air a ghairm leis an t-sluaigh gu bhith na Àrd-uachdaran Alba, 's ged a bha e a' cleachdadh nam meadhanan bu fhreagarraiche airson an tìr a dhìon bho nàimhdean, bha mòran de mhaithean na dùthcha aig an robh cus farmaid ris airson cho measail 's a bha e aig an t-sluagh, 's leis nach bu diù gum biodh iad air an riaghladh le neach bu lugha inbhe na iad fhèin, 's nach robh 'na tighearna fearainn mar a bha iadsan.

Bha mòran de na h-uaislean ud nach do chruinnich an luchd-leanmhainn idir gus Uallas a chaomhnadh an aghaidh a nàimhdean. Ach an dèidh siud, fhuair Uallas feachd mhath chruinn bho a-measg an t-sluaigh chumanta agus bho nan uaislean a bha ag aideachadh a bhith dìleas dha. A-rèir coltais, cha b' e an rùn aig Uallas Eideard a choinneachadh am blàr fosgailte, ach na h-uile dragh agus maille a b' urrainn dha a chur air, gus am b' èiginn dha tilleadh dhachaigh.

Ach thàinig dithis bhrathadairean, Iarla Dhùn Barra agus Iarla Aonghais do champa nan Sasannach, agus dh'innis iad do Eideard gun robh Uallas na laighe ann am frìth na h-Eaglaise Brice, fa rùn ionnsaigh a thoirt air na Sasannaich an oidhche sin fhèin. Ann an uair a thìde, bha an t-arm Sasannach ullamh gus gluasad air adhart gus Uallas a choinneachadh. Ghabh iad air adhart mu bhriseadh na fàire troimh Bhaile Ghlinn Iucha, 's nuair a shoilleirich an latha chunnaic iad na h-Albannaich air aghaidh cnuic mun coinneimh dlùth air an Eaglais Bhric.

Blàr na h-Eaglaise Brice[deasaich | deasaich an tùs]

Ged a bha triùir aig Eideard mu choinneamh gach duine a bh' aig Uallas fhèin, cha do mheas e iomchaidh teicheadh ron nàmhaid, a thàinig cho dlùth a thairgsinn còmhraig. Cha robh aige ach 1,000 marcach. Bu luchd-sleagha 's fir-bhogha a' chuid eile den arm, a bha uile nan coisichean. Roinn Uallas an luchd-sleagha nan ceithir buidhnean cruinn air leth 's na fir-bhogha nan sreathan eatorra sin. Shuidhich e na marcaichean mar bhuidheann còmhnaidh air cùl a' chuid eile den arm, airson buidheann sam bith den nàmhaid, a dh' oirdhirpicheadh tighinn orra bhon cùl, a chumail air ais.

Thàinig na Sasannaich air adhart nan trì buidhnean. Nuair a chunnaic na morairean a bha stiùireadh na rèisimeid each an dà thaobh a' tighinn gu ionad tharraing lann, agus a' cheart da-rìreabh a' tòiseachadh air obair a' mharbhaidh, thionndaidh iad ceann an cuid each, 's ruith iad air falbh bhon àraich le leum cheithir bonn, a' fàgail an luchd-dùthcha bochd gu iad fhèin a dhìon bho nàimhdean mar a b' fheàrr a dh' fhaodadh iad. Dh' aithnich Uallas agus na h-uile eile gun robh an fhoill ann, ach co-dhiù, lean iad air an còmhrag cho fad 's a chaidh aca air, gus am faca Uallas gun robh an latha gu bhith air a chall. Thug e an sin an t-òrdagh airson ratreut gu h-athaiseach, òrdail, 's thog e fhèin 's a' chuid eile de na h-oifigich a b' fheàrr a bh' air an armachadh an àite air deireadh an airm, mar a bha iad a' màrsail air falbh bhon àraich. Cha do lean na Sasannaich air an ruaig, 's cho mòr a bha iad air an claoidh le obair an latha, ach cha robh teagamh sam bith nach h-ann aig na Sasannaich a bha onair na buaidh-làraich. Nuair a thill Uallas an làrna-mhàireach air ais a dh' ionnsaigh na h-àrach, fhuaireadh 15,000 de na h-Albannaich nan laighe marbh air an achadh, 's nam measg sin Sìr Iain Greumach. Tha esan air adhlacadh ann an cladh na h-Eaglaise Brice agus seann leac-lighe fhathast a' comharrachadh an àite 's am bheil e na laighe, agus an dòigh san robh e air a mharbhadh.

Làithean deireannach Uallais[deasaich | deasaich an tùs]

An dèidh Blàr na h-Eaglaise Brice, leig Uallas dheth dreuchd Uachdarain Alba, a chionn 's gum faca e cho neo-shàbhailte 's a bha e dha earbsa a chur ann an cuid de àrd-uaislean na tìre, 's nach b' urrainn dha cumail air na b' fhaide le tairbhe don adhbhar a bha e a' dìon. Rinn e na b' urrainn dha mar shaighdear cumanta, no co-dhiù, oifigeach os cionn àireamh de shaighdearan.

Ged a b' fheudar do Eideard Alba fhàgail goirid an dèidh a bhuaidh air sgàth cion bìdh, thill e agus ruith e thairis air Alba corra thuras le feachd lìonmhor. Bha gach uasal san dùthaich air ùmhlachd a thoirt do Eideard ach Uallas a-mhàin. Lean Uallas air na b' urrainn dha, sia bliadhna an dèidh a' bhlàir, dhragh 's a chall a chur air na Sasannach, còrr is bliadhna an dèidh do gach dùthchair eile a armachd a leigeil sìos. Bha e fhèin 's a luchd-leanmhainn a' tighinn beò air a' chreach a bha iad a' toirt bho na Sasannaich.

Chuir Eideard suim mhòr de dh' airgead air a cheann agus thug Sìr Iain Menteith, ceannard air caisteal Dhùn Breatainn, brìb do aon de a sheirbhisich airson a bhrath. Thàinig iad air Uallas 's e na chadal ann an uamhag anns a' choille. Chaidh a ghiùlan gu ruige Lunnainn, trom luchdaichte le iarann. Thugadh fa chomhair cùirt-lagha e gu dhol fo dheuchainn airson a bheatha. B' i a' chiad chùis-dhìtidh a chuireadh às a leth, gun robh e na cheannairceach an aghaidh crùin Shasainn. Dh' fhreagair e nach b' urrainn dha bhith na cheannairceach bho nach robh e riamh na ìochdaran aige.

B' i an ath-chasaid, gun do mharbh e mòran dhaoine 's gun do rinn e mòran ainneart. Fhreagair esan gun robh sin fìor gun do mharbh e mòran Shasannach, ach gur h-ann a chionn 's gun robh iad a' dol a cheannsachadh 's a chreachadh na dùthcha dom buineadh e fhèin - Alba. Dhìt Eideard 's a chuid bhritheamhan Uallas co-dhiù gu bhith air a chur gu bàs leis a' cheann a chur dheth. Chaidh a ghiùlan gu Smithfield, àite a' chasgraidh, air an 23 latha de chiad mhìos an fhoghair, 1305, 's a làmhan ceangailte air a chùlaibh. An sin, chaidh a leth-chrochadh is a leigeil a-nuas leth-mharbh. Thugadh a mhionach às a chom agus loisgeadh mu choinneamh a shùl e. Thug iad an sin an ceann dheth, agus roinn iad a chorp na cheithir cheathramhan. Chuir iad a cheann air crann aig Drochaid Lunnainn agus a làmh dheas os cionn drochaid A' Chaisteal Nuaidh. Chuireadh a làmh thoisgeal an àite follaiseach ann am Bearaig, ceithreamh eile dheth gu ruige Peairt agus a cheamhramh clì do Obar Dheathain.

Shaoil Eideard gun sgaoileadh e leithid de chrith-oillt 's de uamhas a-measg chàirdean na h-Albann 's nach gabhadh aon sam bith dhiubh a dhànadas air tuilleadh ar-a-mach a dhèanamh na aghaidh. Shaoil e gum biodh muinntir na dùthcha fo a mheachainn, 's gum biodh iad gu bràth tuilleadh a' ghabhail ri na laghan a b' àill leis-san 's r'a shliochd a thoirt seachad, 's ri bhith air an riaghladh san dòigh am faiceadh esan iomchaidh.

Aistean co-cheangailte[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]