Alasdair III na h-Alba

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Alasdair III
Alexander III and Ollamh Rígh.JPG Lionrampant.svg
Dealbh Seula
054 schottland (1905).png
Fiosrachadh
Tiotal Rìgh na h-Albann
Rìoghachadh 1249 gu 1286
Ro-theachdaiche Alasdair II na h-Alba
Neach-ionlaid Mairead à Nirribhidh
Uachdaranachd Dùn Chailleann
Companaich Yolande a Dreux
Clann Mairead à Nirribhidh, Alasdair Prionnsa na h-Albann

Rìgh Alasdair III ( 4 an t-Sultain 1241 - 19 a Mhairt 1286 ) 1249 - 1286 mar rìgh. 'Se rìgh làidir a bh' ann an Alasdair agus bha àm air an cathrach-rìoghal mar bu trice glè sìtheil. Aig an àm seo bha buaidh làidir Ceilteach ann an Alba fhathast agus ceangal ri Sasainn oir bha nighean rìgh Shasainn - Èideard I - ,am bana-phrionnsa Mairead , aig Alasdair mar bhean.

'Se rìgh cho cumhachdach 'sa lorgadh tu aig àm no aite sam bith ann an eachdraidh a bh' ann an Èideard I. Bha e mur tha air ionnsaigh a thoirt air Èirinn agus a' Chuimrigh leis a Chuimrigh a nis mar aon de na roinnean aig Sasainn. Thoisich cuisean a fàs nas miosa an deidh do bean agus mic Alasdair bàsachadh ann an tìde ghoirid. Bha seo a fàgail Rìgh na h-Alba as aonais mac a leanadh e agus e dà fhichead sa còig bliadhna a dh'aois.

Phòs e a rithist aig Abaid Jedburgh ri nighean òg brèagha den ainm Yolande a Dreux. Air an dara latha deug den Mhàirt 1286 bhàsaich Rìgh Alasdair. Bha e air tilleadh bho Caisteal Dhùn Èideann gu Ceann Gronna far an robh a mhnaoi. Ged a bha na h-uaislean is thriathran a bha còmhla ris aig iarraidh air fuireach gu fàsadh an aimsir nas fhearr sa mhaidinn chan èisdeadh e rubha. Chaill e a chompanaich san dorchadas agus an ath mhaidinn lorg iad a chorp aig bonn bearraidh. Dh'fhàg seo Alba gun rìgh agus rinn Èideard a h-uile oidhirp smachd fhaighinn air Alba agus is ann mar seo a thoisich linn de chreach agus sabaid eadar an dà rìoghachd.


Aistean co-cheangailte:

Rìghrean na h-Alba