Òraid an t-Sabhail
Coltas
'S e sreath de dh’òraidean bhliadhnail a tha ann an Òraid an t-Sabhail, air an cur air dòigh le Sabhal Mòr Ostaig. Mar as trice tha iad a' gabhail àite aig Sabhal Mòr Ostaig fhéin anns an Eilean Sgitheanach, ach uaireannan tha iad ann an àite eil.
Tha Òraid an t-Sabhail air a bhith leantainn bho 1990 nuair a thug an Dr Seumas Mac an t-Sealgair seachad a’ chiad òraid. Bhon uair sin, tha leithid Máire Mhic Róibín, Ceann-Suidhe Poblachd na h-Èireann, Dòmhnall Mac an Deòir BPA, Prìomh Mhinistear na h-Alba, Ailig Salmond BPA, Prìomh Mhinistear na h-Alba, Gordon Brown BP, a bha na Sheansalair aig an àm, agus Seac MacConaill BPA, Prìomh Mhinistear na h-Alba air an òraid a thoirt seachad.
Bliadhna | Òraidiche |
---|---|
1990 | Dr Seumas Mac an t-Sealgair, sgrìobhadair, eòlaiche eachdraidh is rannsachaidh |
1991 | Am Morair Gus MacDhòmhnaill, Ministear ann an Oifis na h-Alba agus Roinn na Malairt is Gniomhachais |
1992 | John Goodlad, Rùnaire Chomainn Iasgairean Shealtainn |
1993 | An Dr Ùna NicGillEathain, lighiche agus neach-rannsachaidh slàinte sna coimhearsnachdan |
1994 | An Dr Iain Mac an Sporain, sgrìobhadair, sgrìobhaiche-ciùil agus neach-rannsachaidh ciùil |
1995 | Alastair Moffat, sgrìobhadair agus stiùiriche STV |
1996 | Donaidh Rothach, neach-ciùil, neach-ealain agus Reachdadair ann an Oilthigh Dhùn Èideann is Institiùd OGE nam Mìle Bliadhna |
1997 | An Ceann-suidhe Máire Mhic Róibín, Ceann-suidhe Phoblachd na h-Éireann |
1998 | Calum Dòmhnallach BP, Ministear Oifis na h-Alba |
Éamon Ó Cuív TD, Ministear na Gaeltachta an Éirinn | |
1999 | Gordon Brown BP, An Seansalair |
2000 | Dòmhnall Mac an Deòir BPA, Prìomh Mhinistear na h-Alba |
2002 | An t-Àrd-Oll. Mícheal Ó Súilleabháin, neach-ciùil, sgrìobhadair, agus stiùiriche Ionad Ceòl an t-Saoghail ann an Éirinn, Ollscoil Luimnigh |
2004 | Seac MacConaill BPA, Prìomh Mhinistear na h-Alba |
2005 | An t-Àrd-Oll. C. Duncan Rice, Ceannard agus Iar-seansalair Oilthigh Obar Dheathain |
2007 | Ailig Salmond BPA, Prìomh Mhinistear na h-Alba |
2009 | Mìcheal Ruiseal BPA, Rùnaire a’ Chaibineit airson Foghlaim agus Ionnsachadh Fad-beatha |
2010 | Andra Dixon, Àrd-oifigear, Alba Chruthachail |
2012 | Coinneach MacGuaire, Stiùiriche, BBC Alba |
2014 | Rita Izsák, Rapporteur Sònraichte air Còraichean Mhion-threubhan, Comhairle nan Còraichean Daonna |
2015 | Nicola Sturgeon BPA, Prìomh Mhinistear na h-Alba |
2017 | Julie Fowlis, seinneadair[1] |
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ “Julie Fowlis a' beachdachadh air cànan, ceòl agus cruth na tìre ann an Òraid an t-Sabhail”. Sabhal Mòr Ostaig. Air a thogail 19mh dhen t-Samhain 2017.