Donaidh Rothach
| Donaidh Rothach | |||
|---|---|---|---|
|
| |||
| |||
| Beatha | |||
| Breith | Ùige, 2 dhen Lùnastal 1953 | ||
| Dùthaich |
| ||
| Foghlam | |||
| Foghlam |
Oilthigh Dhùn Èideann Oilthigh Robert Gordon Gray's School of Art (en) | ||
| Cànain |
Beurla Gàidhlig | ||
| Dreuchd | |||
| Dreuchd | seinneadair agus neach-poileataigs | ||
| Fastaichean | Oilthigh Dhùn Èideann | ||
| Gnè ealain |
folk rock (en) | ||
| Inneal-ciùil |
giotàr acousticeach guth | ||
| Taigh-clàraidh | Greentrax Recordings | ||
| Creideamh | |||
| Pàrtaidh poileataigeach | Am Pàrtaidh Làbarach | ||
| IMDb | nm1069903 | ||
| donniemunro.co.uk | |||
Tha Donnie Rothach ’na sheinneadair a b’ àbhaist a bhith seinn còmhla ri Runrig. Rugadh e ann an Ùige, anns an Eilean Sgitheanach air an dàrna latha den Lùnastal 1953. Thogadh e lena phàrantan ann am Port Rìgh, ach chuir e seachad ùine cuideachd air croit a sheanar ’s sheanmhar ann an Ùige. Bha e a’ seinn bho aois gu math òg, agus ’s ann ann an Àrd Sgoil Phort Rìgh a thachair e ri Calum agus Ruairidh Dòmhnallach, a bha air còmhlan ùr a stèidheachadh – Runrig – agus, mar a chanas iad, ’s e eachdraidh a th’ ann an còrr. (Faic, mar eisimpleir, Going Home – the Runrig Story, le Tom Morton.) Dh’fhàg Donaidh Runrig ann an 1997 gus seasamh airson a’ Phàrtaidh Làbaraich ann an taghadh coitcheann Westminster, ach chaill e do Teàrlach Ceanadach bho na LibDems. Bha e na Reactar Oilthigh Dhùn Èideann eadar 1991 is 1994.[1] Tha e ’na stiùiriche leasachaidh agus nan ealan aig Sabhal Mòr Ostaig.
Ceanglaichean a-mach
[deasaich | deasaich an tùs]- Làrach-lìn oifigeil
- Tobar an Dualchais: Donaidh Rothach
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Oilthigh Dhùn Èideann: The Rector (Beurla)
