Västra Götalands län
Västra Götalands län
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | An t-Suain | ||||
Prìomh-bhaile | Göteborg | ||||
Stèidhichte | 1998 | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 25,246.9 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 1,615,084 (2015) | ||||
Dlùths | 63.97/km² | ||||
Àireamh fòn | + (46) 03/05 | ||||
Duilleag oifigeil | Riaghaltas na Roinne |
'S e Roinn (Suainis: län) na Suaine a th' ann am Västra Götalands län (Suomais: Länsi-Götanmaan lääni). Tha i na laighe air na crìochan le Nirribhidh, air an àirde an iar-dheas na dùthcha, gu deas air Värmlands län agus Örebro län. 'S e Göteborg a tha na phrìomh-bhaile. Chaidh an roinn a chruthachadh ann an 1998. Sìnidh Västra Götalands län fad 25246.9 km² agus tha 1,615,084 duine a' fuireach ann.[1] Le sin, 's e an còigeamh roinn as motha na Suaine a thaobh talmhainn agus an dara tè as motha a thaobh àireimh-sluaigh. 'S e Suainis tha ga bruidhinn an seo. Chan eil ach 10 sgìrean-riaghlaidh sa roinn seo, Borås agus Göteborg nam measg.
Freumhan an ainm
[deasaich | deasaich an tùs]Ged nach eil freumh-fhaclachd an ainm seo cho soilleir tha e coltach gur ann à väster (Gàidhlig: siar), agus Götaland (tìr nan Gotach) ann an Suainis a tha an t-ainm.[2]
Eachdraidh
[deasaich | deasaich an tùs]B' e Göte Bernhardsson a' chiad riaghladair nan roinne.[3]
Daoine Ainmeil
[deasaich | deasaich an tùs]- Octavia Carlén: (1828 - 1881). Sgrìobhadair.
- Nils Holmer: (1904 - 1994). cànanaiche.
- Björn Ulvaeus: (1945). Ceòladair.
- Martin Bagge (1958). Ceòladair.
- Adam Lundgren (1986). Actair.