Borås

O Uicipeid
Jump to navigation Jump to search
Borås
Borås kommunvapen - Riksarkivet Sverige-vector.svg
Gearradh-arm
no Seula
Borås, Västergötland, Sweden (14974428431).jpg
Borås Municipality in Västra Götaland County.png
Suidheachadh
Dùthaich Flag of Sweden.svg An t-Suain
Ceàrn Västra Götaland vapen.svg Västra Götalands län
Sgìre Västergötland vapen.svg Västergötaland
Co-chomharran 57° 43 00' Tuath
12° 56 00′ Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 967.54 km²
Àireamh-shluaigh 108,488 (2015)
Dlùths 112.13/km²
Àireamh fòn 00 46 033[1]
Duilleag oifigeil http://www.boras.se

‘S e baile agus sgìre-riaghlaidh air an àirde an iar-dheas na Suaine a th’ ann am Borås (IPA: bʊˈroːs). Tha e suidhichte ri taobh na h-Aibhne Viskan, ann an Västra Götalands län, 347km air falbh bho Stockholm agus 58km bho Ghöteborg.[2] Tha 108,488 duine a' fuireach ann, 66,273 sa bhaile fhèin.[3]

Freumhan an Ainm[deasaich | deasaich an tùs]

Ged nach eil freumh-fhaclachd an ainm seo cho soilleir tha e coltach gur ann à ås (Gàidhlig: druim) agus bod (bùth), a tha an t-ainm.[4] Bheireadh sin Druim na Bùtha dhuinn sa Ghàidhlig an latha an-diugh.

Eachdraidh[deasaich | deasaich an tùs]

Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1622 leis an Rìgh Gustavus Adolphus, airson malairt nan ciùird san sgìre a bhrosnachadh.[5] Rinn teintean mòra sgrios air a' bhaile iomadh turas: 1681, 1727, 1822, 1827 agus 1865. Thogadh an sgrìobhadair Henning Mankell an seo.[6]

Daoine Ainmeil[deasaich | deasaich an tùs]

Bailtean Co-cheangailte[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Country Calling Codes
  2. Distance Calculator
  3. Riaghaltas na Suaine
  4. Runeberg
  5. Ortshistoria
  6. Borås Tidning
  7. IMDB

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]