Jump to content

Octavia Carlén

O Uicipeid
Octavia Carlén
Beatha
Breith Skara city parish (en) Translate, 22 dhen t-Samhain 1828
Dùthaich  An t-Suain
Bàs Hedvig Eleonora parish (en) Translate agus Stockholm City (en) Translate, 30 dhen Fhaoilleach 1881
Teaghlach
Athair Carl Gabriel Carlén
Bràithrean ⁊ peathraichean
Foghlam
Cànain Suainis
Dreuchd
Dreuchd sgrìobhadair

B’ e sgrìobhadair agus leabharlannaiche às an t-Suain a bha ann am Maria Octavia Carlén (Skara, 22 an t-Samhain 1828 - Stockholm, 30 am Faoilleach 1881).[1] B' e nighean bhàilidh a bh' innte agus bha dithis bhràthair agus a piuthar: Johann Gabriel - na sgrìobhadair cuideachd, Richard - fear-lagha - agus Christina, a bha na leabharlannaiche. Chuir an dithis phiuthar seachad bliadhnaichean sna 60an is 70an a' ruith leabharlann ann an Stockholm. Sgrìobh Carlén mòran mu dheidhinn siubhail, tursan agus eachdraidh, ann an rosg gu math aotrom tlachdmhor. B' ann mar leabhraichean-iùil a chleachdadh a cuid obrach, ged nach do chuireadh cuid nan leabhraichean a sgrìobh i sa chlò ach an dèidh a bàis.[2] Mar iomadh boireannach aig an àm le beatha innleachdail pearsanta, cha do phòs i a-riamh. B' e J. Stalin Forshem, deagh charaid athar a thug buaidh làidir oirre a thaobh litreachais[3] Buineadh Carlén do theaghlach gu math cùramach creideamhach.[4] B' ann à coimhearsnachd shoisgeulach ann an Sagsainn às an tàinig teaghlach a mhàthar, na Mathesius. Bha athair, Carl, na shaighdear sna cogaidhean a-nall ann an Suòmaidh.

Leabhraichean

[deasaich | deasaich an tùs]
  • Ny och nedan, poemer och noveller (1859)
  • Birger Ulfssons löfte: historisk-romantisk berättelse från konungarne Johan III:s och Sigismunds tid (1860)
  • Fem noveller (1861)
  • Kung Eriks gästabud: historisk berättelse (1863)
  • Skiftande blad: saml. poemer och noveller (1877)
  • Kärlek och pligt: historisk-romantisk berättelse (1879)
  • Poemer och noveller (1879)
  • Birger Ulfssons löfte: Hist. roman (1880)
  • Hjeltemod och ädelmod: episod från skånska fälttåget (1880)
  • Ring och boja: historisk-romantisk berättelse (1880)
  • Torneringen: historisk-romantisk teckning (1880)
  • Alf den starke (1883)

Ceanglaichean A-muigh

[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Heggestad, Eva (1991). Fången och fri: 1880-talets svenska kvinnliga författare om hemmet, yrkeslivet och konstnärskapet. Uppsala: Avd. för litteratursociologi vid Litteraturvetenskapliga institutionen, Univ. Libris 7746142. ISBN 91-85178-19-5
  2. Worldcat
  3. Riksarkivet
  4. Runeberg