Jump to content

Värmlands län

O Uicipeid
Värmlands län
Gearradh-arm
no Seula
Suidheachadh
Dùthaich An t-Suain
Prìomh-bhaile Karlstad (en) Translate
Stèidhichte 1779
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 17,583 km²
Àireamh-shluaigh 275,904 (2015)
Dlùths 15.69/km²
Àireamh fòn + (46) 05
Duilleag oifigeil Riaghaltas na Roinne

'S e Roinn (Suainis: län) na Suaine a th' ann an Värmlands län (Suomais: Värmlannin lääni). Tha i na laighe air na crìochan le Nirribhidh, ann am meadhan na dùthcha, gu deas air Dalarnas län. 'S e Karlstad a tha na phrìomh-bhaile. Chaidh an roinn a chruthachadh ann an 1779. Sìnidh Värmland län fad 17,583km² agus tha 275,904 duine a' fuireach ann.[1] Le sin, 's e an ochdamh roinn as motha na Suaine a thaobh talmhainn agus an 11mh tè as motha a thaobh àireimh-sluaigh. 'S e Suainis a tha ga bruidhinn an seo. Chan eil ach 16 sgìrean-riaghlaidh sa roinn seo, Karlstad agus Sunne nam measg.

Freumhan an ainm

[deasaich | deasaich an tùs]

Ged nach eil freumh-fhaclachd an ainm seo cho soilleir tha e coltach gur ann à vœrma/vœrmo (Gàidhlig: ar) agus land (lann/tìr) ann an Suainis a tha an t-ainm.[2] Chaidh an t-ainm a chur gu Laideann mar Vermelandia.

Chaidh an roinn a chruthachadh nuair a chuireadh sgìrean mòra ann an Närke agus Värmland ri chèile. B' e Johan Gustaf friherre Uggla a' chiad riaghladair nan roinne.[3]

Daoine ainmeil

[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. SCB
  2. Runeberg
  3. Elgenstierna, Gustaf, red (1925-1936). Den introducerade svenska adelns ättartavlor. Stockholm: Norstedt