Dalarnas län
Dalarnas län
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | An t-Suain | ||||
Prìomh-bhaile | Falun | ||||
Stèidhichte | 1634 | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 28,188.8 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 276,770 (2015) | ||||
Dlùths | 9.82/km² | ||||
Àireamh fòn | + (46) 02/05 | ||||
Duilleag oifigeil | Riaghaltas na Roinne |
'S e Roinn (Suainis: län) na Suaine a th' ann an Dalarnas län (Suomais: Taalainmaan lääni). Tha i na laighe air na crìochan le Nirribhidh, ann am meadhan na dùthcha, gu deas air Gävleborgs län agus Jämtlands län. 'S e Falun a tha na phrìomh-bhaile. Chaidh an roinn a chruthachadh ann an 1634. Sìnidh Dalarnas län fad 28,188.8km² agus tha 276,770 duine a' fuireach ann.[1] Le sin, 's e an ceathramh roinn as motha na Suaine a thaobh talmhainn agus an ochdamh tè as motha a thaobh àireimh-sluaigh. 'S e Suainis tha ga bruidhinn an seo. Chan eil ach 15 sgìrean-riaghlaidh sa roinn seo, Borlänge, Falun, agus Mora nam measg.
Freumhan an ainm
[deasaich | deasaich an tùs]Ged nach eil freumh-fhaclachd an ainm seo cho soilleir tha e coltach gur ann à dalr (Gàidhlig: Dail) ann an Suainis a tha an t-ainm.[2]
Eachdraidh
[deasaich | deasaich an tùs]Chanadh Kopparbergs län dhan roinn seo gu ruige 1997.[3] B' e Peter Kruse a' chiad riaghladair nan roinne.[4]
Daoine ainmeil
[deasaich | deasaich an tùs]- Gunnar Myrdal: (1898 – 1987) Eaconamaiche a bhuannaich an Duais Nobel ann an 1974.[5]