Valladolid (provincia)
Valladolid
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | An Spàinn | ||||
Prìomh-bhaile | Valladolid | ||||
Stèidhichte | 1833 | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 8,110 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 534,874 (2014) | ||||
Dlùths | 65.95/km² | ||||
Àireamh fòn | +(983) | ||||
Duilleag oifigeil | Riaghaltas na Roinne |
'S e provincia na Spàinne a tha ann am Valladolid (IPA: baʎaðoˈlið). Tha e na laighe ann an Castilla y León, ann an ceann a tuath na dùthcha. 'S e Valladolid a tha na phrìomh-bhaile. Chaidh an roinn a chruthachadh ann an 1833 le Javier de Burgos, a bha na Rùnaire na Stàite agus Leasachaidh aig an àm.[1] B' e an siostam-riaghalaidh iondail na Frainge a chleachd e mar mhodal. Chuireadh a-steach Coimhearsnachd fèin-riaghlaidh Chastilla y León i ann an 1978, nuair a sgrìobhadh Bun-reachd ùr.[2] Sìnidh Valladolid fad 8,110 km²[3] agus tha 534,874 duine a' fuireach ann.[4] Le sin, 's e an 28mh roinn as motha na Spàinne a thaobh talmhainn agus an 29mh a thaobh àireimh-sluaigh. Tha crìochain aice le Ávila, Burgos, León, Palencia, Salamanca, Segovia agus Zamora.[5] 'S e dìreach Spàinntis a tha ga bruidhinn an seo.
Freumhan an ainm
[deasaich | deasaich an tùs]'S ann connspaideach 's a tha freumh-fhaclachd an ainm. Tha cuid dhen bheachd gur ann à Vallis Tolitum (Gàidhlig: Gleann nan Uisgeachan), ann an Ceilteach-ibearais. A dh'aindeoin sin, tha cuid eile a' cantainn gur mathaid gur ann à Vallis Olivetum (Gàidhlig: Gleann nan Dearcan-ola) B' e Vallisoletum a bha air fad nam meadhan aoisean.[6] Chaidh an t-ainm arabachadh gu بلد الوليد (Balad al-Walīd): Bheireadh sin Baile Walid dhuinn anns a' Ghàidhlig.[7] Mar a b’àbhaist san Spàinn, b’ e dìreach ainm a’ bhaile a bu motha sa sgìre a chuireadh air an roinn.
Cruinn-eòlas
[deasaich | deasaich an tùs]Tha dà iadhtag ann a bhuineas do Valladolidː Roales y Quintanilla ann an ceann air an àirde an iar-thuatha tuath na roinne, ann an Zamora agus Dehesa de San Llorente, ann an León ann an ceann a tuath.[8] 'S e adhbharan laghail agus poileataigeach a tha as coireach gu bheil e na àite fa leth.
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Ethnoterritorial Concurrence and Imperfect Federalism in Spain
- ↑ Constitución Española de 1978
- ↑ Infoalso
- ↑ Classora
- ↑ Instituto Geográfico Nacional
- ↑ Álvarez Martínez U., Historia General Civil y Eclesiástica de la Provincia de Zamora, Madrid, Editorial Revista de Derecho Privado.
- ↑ Marín M., et al., The Formation of Al-Andalus: History and Society, Ashgate, 1998, ISBN 0-86078-708-7
- ↑ Pueblo en Pueblo