León (provincia)

O Uicipeid
León
Bratach na Roinne Gearradh-arm
no Seula
Suidheachadh
Dùthaich An Spàinn
Prìomh-bhaile León
Stèidhichte 1833
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 15,570 km²
Àireamh-shluaigh 497,799 (2014)
Dlùths 31.97/km²
Àireamh fòn + (987)
Duilleag oifigeil Riaghaltas na Roinne

'S e provincia na Spàinne a tha ann an León (IPA: leˈon, Leonais: Llión, IPA: ʎiˈoŋ). Tha e na laighe ann an Castilla y León, ann an ceann a tuath na dùthcha. 'S e León a tha na phrìomh-bhaile. Chaidh an roinn a chruthachadh ann an 1833 le Javier de Burgos, a bha na Rùnaire na Stàite agus Leasachaidh aig an àm.[1] B' e an siostam-riaghalaidh iondail na Frainge a chleachd e mar mhodal. Chuireadh a-steach Coimhearsnachd fèin-riaghlaidh Chastilla y León i ann an 1978, nuair a sgrìobhadh Bun-reachd ùr.[2] Sìnidh León fad 15,570km²[3] agus tha 497,799 duine a' fuireach ann.[4] Le sin, 's e an seachdamh roinn as motha na Spàinne a thaobh talmhainn agus an 32mh a thaobh àireimh-sluaigh. Tha crìochain aice le Astùrias, Cantàbria, Lugo, Ourense, Palencia, Valladolid agus Zamora.[5] 'S e dìreach Spàinntis a tha ga bruidhinn an seo.

Freumhan an ainm[deasaich | deasaich an tùs]

Tha e coltach gur ann à Legio ann an Laideann a tha an t-ainm - tha lucas a' ciallachadh Lèigiun.[6] Bha gearastan an VI Lèigiun an seo o chion fhada. Fad nan linntean dh' atharraicheadh sin mar a leanas: Legio → Leionem → Leio → León/Llión.[7] Mar a b’àbhaist san Spàinn, b’ e dìreach ainm a’ bhaile a bu motha sa sgìre a chuireadh air an roinn.

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Ethnoterritorial Concurrence and Imperfect Federalism in Spain
  2. Constitución Española de 1978
  3. Infoalso
  4. Classora
  5. Instituto Geográfico Nacional
  6. A Xunta
  7. La Crónica 16 de León, (1997). Historia de León, Prehistoria-Edad Antigua-Edad Media I, 84-920557-7-4.