Zamora (provincia)
Zamora
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | An Spàinn | ||||
Prìomh-bhaile | Zamora | ||||
Stèidhichte | 1833 | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 10,561 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 193,383 (2014) | ||||
Dlùths | 18.31/km² | ||||
Àireamh fòn | + (980) | ||||
Duilleag oifigeil | Riaghaltas na Roinne |
'S e provincia na Spàinne a tha ann an Zamora (IPA: θaˈmoɾa). Tha e na laighe ann an Castilla y León, ann an ceann a tuath na dùthcha. 'S e Zamora a tha na phrìomh-bhaile. Chaidh an roinn a chruthachadh ann an 1833 le Javier de Burgos, a bha na Rùnaire na Stàite agus Leasachaidh aig an àm.[1] B' e an siostam-riaghalaidh iondail na Frainge a chleachd e mar mhodal. Chuireadh a-steach Coimhearsnachd fèin-riaghlaidh Chastilla y León i ann an 1978, nuair a sgrìobhadh Bun-reachd ùr.[2] Sìnidh Zamora fad 10,561km²[3] agus tha 193,383 duine a' fuireach ann.[4] Le sin, 's e an 26mh roinn as motha na Spàinne a thaobh talmhainn agus an 45mh a thaobh àireimh-sluaigh. Tha crìochain aice le León, Ourense, Salamanca, Valladolid agus A' Phortagail.[5] 'S e dìreach Spàinntis a tha ga bruidhinn an seo.
Freumhan an ainm
[deasaich | deasaich an tùs]'S ann connspaideach 's a tha freumh-fhaclachd an ainm. Tha cuid dhen bheachd gur ann à Οκελοδούρον (Okelodùron), a bha fo bhuaidh nan Vettoni, treubh Cheilteach às an sgìre seo, mar a sgrìobh Strabo. Bha Dia Ceilteach ann air an robh Octo.[6] A dh' aindeoin sin, tha cuid eile a' cantainn gur mathaid gur ann à Ocelus (Gàidhlig: Cnoc) agus Durum (Gàidhlig: Dùn), eileamaidean a tha gu math cumanta ann an Ceiltis air feadh na Spàinne. B' e Oceloduri (Sùilean an Duro) a bha air fo na Ròmanaich.[7] Nochd am foirm Semure fo na Godaich, a chaidh arabachadh gu سمورة (Samura). Tha teòiridh eile ann, a chanas gur ann às a' ghnìomhair Samar ann an Eabhra,[8] ged nach eil mòran dhaoine a' gabhail ri sin. Mar a b’àbhaist san Spàinn, b’ e dìreach ainm a’ bhaile a bu motha sa sgìre a chuireadh air an roinn.
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Ethnoterritorial Concurrence and Imperfect Federalism in Spain
- ↑ Constitución Española de 1978
- ↑ Infoalso
- ↑ Classora
- ↑ Instituto Geográfico Nacional
- ↑ Schulten A., (1937), "Octodurum", RE. XVI1, nº2 col, 1868
- ↑ Álvarez Martínez U., Historia General Civil y Eclesiástica de la Provincia de Zamora, Madrid, Editorial Revista de Derecho Privado.
- ↑ Instituto Cervantes