Ourense (provincia)
Ourense
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | An Spàinn | ||||
Prìomh-bhaile | Ourense | ||||
Stèidhichte | 1833 | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 7,273 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 333,257 (2014) | ||||
Dlùths | 45.82/km² | ||||
Àireamh fòn | + (988) | ||||
Duilleag oifigeil | Riaghaltas na Roinne |
'S e provincia na Spàinne a tha ann an Ourense (IPA: owˈɾɛnse, Spàinntis: Orense). Tha e na laighe anns A' Ghàilis, air an àirde an iar-thuath na dùthcha. 'S e Ourense a tha na phrìomh-bhaile. Chaidh an roinn a chruthachadh ann an 1833 le Javier de Burgos, a bha na Rùnaire na Stàite agus Leasachaidh aig an àm.[1] B' e an siostam-riaghalaidh iondail na Frainge a chleachd e mar mhodal. Chuireadh a-steach Coimhearsnachd fèin-riaghlaidh na Gàilise i ann an 1978, nuair a sgrìobhadh Bun-reachd ùr.[2] Sìnidh Lugo fad 7,273km²[3] agus tha 333,257 duine a' fuireach ann.[4] Le sin, 's e an 36mh roinn as motha na Spàinne a thaobh talmhainn agus an 39mh a thaobh àireimh-sluaigh. Tha crìochain aice le León, Lugo, Pontevedra, Zamora agus A' Phortagail.[5] 'S e Gailisis agus Spàinntis a tha gam bruidhinn an seo.
Freumhan an ainm
[deasaich | deasaich an tùs]Tha e coltach gur ann à Auriense ann an Laideann a tha an t-ainm - a tha a' ciallachadh Baile an Òir. Tha eachdraidh nam mèinean òir san sgìre a' gabhail ri sin. A dh'aindeoin sin, tha cuid ag ràdh gur ann à aquae urente (Gàidhlig: uisgeachan teth) no fiù' s Gearmailtis warmsee (Gàidhlig: loch blàth) a tha e.[6] Mar a b’àbhaist san Spàinn, b’ e dìreach ainm a’ bhaile a bu motha sa sgìre a chuireadh air an roinn.