Zamora
Zamora
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | An Spàinn | ||||
Ceàrn | Zamora | ||||
Sgìre | Castilla y León | ||||
Co-chomharran | 41° 30' 56' Tuath 05° 44' 00' Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 149.28 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 66,293 (2009) | ||||
Dlùths | 444.08/km² | ||||
Àireamh fòn | + 34 980 | ||||
Duilleag oifigeil | Duilleag Oifigeil |
’S e baile mòr faisg air Valladolid ann an cridhe na Spàinne a th’ ann an Zamora (IPA: θaˈmoɾa). Tha e suidhichte aig 652m os cionn ìre na mara,[1] 210km air falbh bho Mhadrid, prìomh-bhaile na Spàinne, agus 660km bho Bharcelona.[2] Tha 66,293 daoine a’ fuireach ann an Zamora.[3] A bharrachd air sin, ‘s e prìomh-bhaile na Roinne Zamora a th’ann cuideachd.
Freumhan an ainm
[deasaich | deasaich an tùs]'S ann connspaideach 's a tha freumh-fhaclachd an ainm. Tha cuid dhen bheachd gur ann à Οκελοδούρον (Okelodùron), a bha fo bhuaidh nan Vettoni, treubh Cheilteach às a' bhaile seo, mar a sgrìobh Strabo. Bha Dia Ceilteach ann air an robh Octo.[4] A dh' aindeoin sin, tha cuid eile a' cantainn gur mathaid gur ann à Ocelus (Gàidhlig: Cnoc) agus Durum (Gàidhlig: Dùn), eileamaidean a tha gu math cumanta ann an Ceiltis air feadh na Spàinne. B' e Oceloduri (Sùilean an Duro) a bha air fo na Ròmanaich.[5] Nochd am foirm Semure fo na Godaich, a chaidh arabachadh gu سمورة (Samura). Tha teòiridh eile ann, a chanas gur ann às a' ghnìomhair Samar ann an Eabhra,[6] ged nach eil mòran dhaoine a' gabhail ri sin.
Eachdraidh
[deasaich | deasaich an tùs]B' e na Ceiltich o shean a stèidhich am baile. Bha baile ann nuair a bha an sgìre fo bhuaidh nan Ròmanach, ged nach do deach an t-ainm a chlàrach ach ann an 569. Mar a b’àbhaist san Spàinn, chuireadh ainm a’ bhaile air an roinn nuair a chaidh a stèidheachadh ann an 1833.[7] Thuit am baile dha na reubaltaich Faisisteach beagan an dèidh an ar-a-maich an aghaidh an Riaghaltais aig toiseach toisichidh Cogadh Sìobhalta na Spàinne ann an 1936.[8]
Cruinn-eòlas
[deasaich | deasaich an tùs]A rèir figearan an Riaghlatais, 's e an t-Iuchar a' mhìos as teotha agus e am Faoilleach a' mhìos as fhuaire ann an Zamora.[9] Cha tuit ach 476mm de dh'uisge air a' bhaile fad na bliadhna - 794mm nas lugha na Steòrnabhagh - leis gur e àite uabhasach tioram a th' ann.
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Aemet
- ↑ Distance Calculator
- ↑ Cunntas-sluaigh na Spàinne
- ↑ Schulten A., (1937), "Octodurum", RE. XVI1, nº2 col, 1868
- ↑ Álvarez Martínez U., Historia General Civil y Eclesiástica de la Provincia de Zamora, Madrid, Editorial Revista de Derecho Privado.
- ↑ Instituto Cervantes
- ↑ Ethnoterritorial Concurrence and Imperfect Federalism in Spain
- ↑ Hurtado V., La Sublevación, 2010, Barcelona: DAU. ISBN 978-84-936625-6-1
- ↑ Aemet