Ávila (provincia)
Ávila
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | An Spàinn | ||||
Prìomh-bhaile | Ávila | ||||
Stèidhichte | 1833 | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 8,050 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 172,704 (2014) | ||||
Dlùths | 21.45/km² | ||||
Àireamh fòn | + (920) | ||||
Duilleag oifigeil | Riaghaltas na Roinne |
'S e provincia na Spàinne a tha ann an Ávila (IPA: aβila). Tha e na laighe ann an Castilla y León, ann am meadhan na dùthcha. 'S e Ávila a tha na phrìomh-bhaile. Chaidh an roinn a chruthachadh ann an 1833 le Javier de Burgos, a bha na Rùnaire na Stàite agus Leasachaidh aig an àm.[1] B' e an siostam-riaghalaidh iondail na Frainge a chleachd e mar mhodal. Chuireadh a-steach Coimhearsnachd fèin-riaghlaidh Chastilla y León i ann an 1978, nuair a sgrìobhadh Bun-reachd ùr.[2] Sìnidh Ávila fad 8,050km²[3] agus tha 172,704 duine a' fuireach ann.[4] Le sin, 's e an 30mh roinn as motha na Spàinne a thaobh talmhainn agus an ceathramh as lugha a thaobh àireimh-sluaigh. Tha crìochain aice le Cáceres, Madrid, Salamanca, Segovia, Toledo agus Valladolid.[5] 'S e dìreach Spàinntis a tha ga bruidhinn an seo.
Freumhan an ainm
[deasaich | deasaich an tùs]'S ann connspaideach 's a tha freumh-fhaclachd an ainm. Tha e coltach gur ann à Obila no Abula ann am punagais no Basgais a tha a' ciallachadh cnoc no crìoch.[6] Dh'atharraich na Ròmanaich an t-ainm gu Abila/Abela ann an Laideann.[7] A dh'aindeoin sin, tha cuid a' gràdh gur ann às a' Ghotais Awilô no Awila,[8] ged nach eil mòran dhaoine a' gabhail ri sin. Mar a b’àbhaist san Spàinn, b’ e dìreach ainm a’ bhaile a bu motha sa sgìre a chuireadh air an roinn.
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Ethnoterritorial Concurrence and Imperfect Federalism in Spain
- ↑ Constitución Española de 1978
- ↑ Infoalso
- ↑ Classora
- ↑ Instituto Geográfico Nacional
- ↑ Biblioteca Digital
- ↑ Abulenses
- ↑ Topica Hesperica, Corominas J., 1972, ISBN 9788424904531