Tryggvi Þórhallsson
Tryggvi Þórhallsson | |||||||||||||||
---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|
28 dhen Lùnastal 1927 - 3 dhen Ògmhios 1932 ← Jón Þorláksson - Ásgeir Ásgeirsson →
19 dhen Fhaoilleach 1928 - 14 dhen Ghiblean 1931 ← Magnús Guðmundsson - Sigurður Kristinsson (en) →
19 dhen Fhaoilleach 1928 - 18 dhen Chèitean 1929
15 dhen Ghearran 1929 - 7 dhen Mhàrt 1929 ← Magnús Kristjánsson (en) - Einar Árnason (en) →
15 dhen Iuchar 1931 - 19 dhen Lùnastal 1931 ← Einar Þórhallsson (en) - Ásgeir Ásgeirsson →
15 dhen Iuchar 1931 - 19 dhen Lùnastal 1931 ← Jónas Jónsson (en) - Jónas Jónsson (en) →
20 dhen Lùnastal 1931 - 3 dhen Ògmhios 1932 ← Sigurður Kristinsson (en) - Þorsteinn Briem (en) → | |||||||||||||||
Beatha | |||||||||||||||
Breith | Reykjavík, 9 dhen Ghearran 1889 | ||||||||||||||
Dùthaich | Innis Tìle | ||||||||||||||
Bàs | Reykjavík, 31 dhen Iuchar 1935 | ||||||||||||||
Foghlam | |||||||||||||||
Foghlam | Oilthigh Innis Tìle | ||||||||||||||
Dreuchd | |||||||||||||||
Dreuchd | neach-poileataigs | ||||||||||||||
Creideamh | |||||||||||||||
Pàrtaidh poileataigeach | Am Pàrtaidh Adhartach |
B' e diadhair, sagart agus neach-poileataigs à Innis Tìle a bh' ann an Tryggvi Þórhallsson.[1] Rugadh e air 9 an Gearran 1889 ann an Reykjavík.[2] Fhuair e a chuid foghlaim aig Menntaskólinn í Reykjavík agus Oilthigh Innis Tìle, far an robh e cuideachd na Neach-teagaisg. Mar shagart, bha e os cionn pharaiste ann an Vesturland bho 1913 gu ruige 1916, nuair a thill e a Reykjavík. Chaidh a thaghadh dhan Alþingi airson a' chiad turais ann an 1923 agus bha e na labhraiche ann an 1933. Bha e na fhorsætisráðherra (Gàidhlig: Prìomh-mhinistear) bho 1927 gu ruige 1932 às leth Framsóknarflokkurinn (Gàidhlig: Am Pàrtaidh Adhartach). Phòs e aig Anna Guðrún Klemensdóttir ann an 1913 agus fhuair iad seachdnar duine cloinne còmhla.[3] Bha athair, Þórhallur Bjarnarson,[4] na easbaig nàiseanta, agus bha a phiuthar, Dora Þórhallsdóttir, pòsta aig Ásgeir Ásgeirsson, a lean Þórhallsson mar fhorsætisráðherra, cuideachd airson Framsóknarflokkurinn, bho 1932 gu ruige 1934. Dheasaicheadh e am pàipear-naidheachd Tíminn fad 10 bliadhna.[5] Chaochail Þórhallsson ann an Reykjavík air 13 an t-Iuchar 1935.
Caibineit Þórhallsson
[deasaich | deasaich an tùs]Seo, mar a leanas, liosta nan daoine a ghabh pàirt ann an caibineit fhad 's a bha Þorláksson os cionn an riaghaltais.[6] Bhuinneadh ias uile gu Framsóknarflokkurinn:
- Tryggvi Þórhallsson, Prìomhaire (gu ruige 20.04.1931) agus (an dèidh 20.08.1931) Cosnadh (bho 08.12.1928 gu ruige 07.03.1929) Ionmhais agus (bho 20.04.1931 - 20.08.1931) Ceartas
- Jónas Jónsson frá Hriflu: (gu ruige 20.04.1931 bho 20.08.1931) Ceartas agus Foghlam
- Einar Árnason: (bho 07.03.1929 gu ruige 20.04.1931) Ionmhais
- Magnús Kristjánsson: (gu ruige 08.12.1928) Ionmhais - nuair a Caochail e
- Sigurður Kristinsson: (bho 20.04.1931 gu ruige 20.08.1931) Cosnadh
- Ásgeir Ásgeirsson: (bho 20.08.1931) Ionmhais
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]Ceanglaichean a-mach
[deasaich | deasaich an tùs]Ro-theachdair: Jón Þorláksson (1927) |
Forsætisráðherra |
Neach-ionlaid: Ásgeir Ásgeirsson (1932) |