Trostianets

O Uicipeid
Trostianets
Тростянець
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula

Suidheachadh
Dùthaich An Ucràin
Ceàrn Sumska Oblast
Sgìre Trostianetskyi Raion
Co-chomharran 50° 28 27' Tuath
34° 57 43' Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 7.16 km²
Àireamh-shluaigh 20,638 (2021)
Dlùths 2,882.4/km²
Àireamh fòn + 380 5458
Duilleag oifigeil Duilleag Oifigeil

'S e baile beag faisg air Kharkiv agus Sumy air an àirde an iar-thuath na h-Ucràine a th' ann an Trostianets (Ucràinis: Тростянець, Pòlais: Trościaniec, IPA: trosʲtʲɐˈnɛt͡sʲ).[1] Tha e suidhichte ri taobh na h-Aibhne Boromlya, san roinn Sumska Oblast agus tha 20,638 duine a' fuireach ann.

Eachdraidh[deasaich | deasaich an tùs]

Chaidh Trostianets a stèidheachadh uaireigin sa chiad leth dhen 17mh Linn. Ann an 1833, thog Ivan Skoropadski lùchairt fiodha roghainneil agus pàirc a chithear ann chun an latha an-diugh. Tha an lùchairt air a bhith fo chùram Acadamaidh Saidheansan SSR na h-Ucràine o 1951, agus chuireadh air dòigh arboretum ann. Chaidh stèisean rèile fhosgladh ann an Smorodyne, air an taobh sear a' bhaile ann an 1877, a cheangail Trostianets ri Kharkiv agus Sumy. Ann an 1930, thòisicheadh pàipear-naidheachd fhoillseachadh sa bhaile. Bha am baile fo sgàile agus fo bhuaidh nan Nàsach eadar 1941 agus 1943. Chruthaicheadh A' Chiad Bhragàd Eachraidh Neo-eisimeileach Warszawa (Pòlais: 1 Warszawska Samodzielna Brygada Kawalerii) an seo as t-earrach 1944. Aig toiseach tòisichidh ionnsaigh na Ruise air an Ucràin ann an 2022, chaidh ionnsaigh a thoirt air Trostianets - ann an suidheachadh ro-innleachdail eadar na bailtean mòra Sumy agus Kharkiv - le feachdan Mhosgo agus chaidh a ghlacadh air 1 am Màrt 2022.[2] Chaidh am baile a shaoradh air 26 am Màrt 2022. Mar thoradh air an t-sabaid fòirneartach, chaidh milleadh mòr air dachaighean agus bun-structair a chlàradh.

Eòlas-sluaigh[deasaich | deasaich an tùs]

A rèir a' Chunntais-shluaigh a rinneadh ann an 2001, 's e Ucràinis a tha a' mhòr-chuid nan daoine ann an Trostianets a' bruidhinn (98.52%), ged a tha mion-chuid ann le Ruisis cuideachd (1.48%).[3] Ann an 1975, bha mu 20,700 mìle duine a' fuireach ann, mòran dhuibh ag obair ann am factaraidh siùcair. Ann an 1991, thàinig Trostianets gu bhith na phàirt nàisean neo-eisimeileach na h-Ucràine. Tha an uiread dhaoine a tha nan tàmh ann air thuiteam on latha seo.[4]

Àireamh-sluaigh
1979 1989 2001 2012 2021
23 655 25 706 23 308 21 463 20 638

Daoine Ainmeil[deasaich | deasaich an tùs]

Bailtean Co-cheangailte[deasaich | deasaich an tùs]

Ceanglaichean A-mach[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Trościaniec. Filip Sulimierski, Władysław Walewski: Słownik geograficzny Królestwa Polskiego i innych krajów słowiańskich, Szlurpkiszki–Warłynka. Walewskiego, Warszawa, 1892.
  2. Ultima Ora
  3. Ukcensus
  4. UKSSR
  5. УІНП
  6. Мошик М. Г., Жеплинський Б. М., Горнаткевич А. Д. Кобзарі та бандуристи Сумщини: Довідник. — Суми: Козацький вал, 1999. — 79 с. ISBN 966-589-065-4