Fedir Drobitko
Coltas
| Fedir Drobitko | |
|---|---|
| Beatha | |
| Breith | Trostianets, 5 dhen Ògmhios 1904 |
| Dùthaich |
Impireachd na Ruise |
| Bàs |
Okhtyrka (en) |
| Dreuchd | |
| Dreuchd |
bandurist (en) |
| Inneal-ciùil |
bandura (en) |
B' e neach-ciùil, ball còisire, stiùiriche-ciùil agus ceàrdair Ucràineach/Sobhiatach a chluicheadh a' bhandura/kobza a bh' ann am Fedir Fedorovitch Drobitko (Ucràinis: Дробітько Федір Федорович, Trostianets, 5 an t-Ògmhios 1904 - Okhtyrka, 16 an t-Iuchar 1949).[1] Chuir e seachad na 1930an ag obair ann am bùth gus a thoisich e ris a' bhandura ionnsachadh. Bha e na shaighdear san arm tro bhliadhnaichean a' Chogaidh agus, ann an 1946 ghluais e gu Okhtyrka, 21km air falbh bho Throstianets fhèin. Chaochail e ann an tubaist chàir air 16 an t-Iuchar 1949 agus e air an t-slighe gu cuirm-chiùil. A thaobh ciùird, rinn e 15 bandura dha fhèin.
Obair
[deasaich | deasaich an tùs]Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Мошик М. Г., Жеплинський Б. М., Горнаткевич А. Д. Кобзарі та бандуристи Сумщини: Довідник. — Суми: Козацький вал, 1999. — 79 с. ISBN 966-589-065-4