Treas Poblachd na Frainge

O Uicipeid
Treas Poblachd na Frainge
République Française
18701940
[[Faidhle:|140px]]
Bratach na dùthcha gun ghearradh-arm
Mapa
Fiosrachadh
Bliadhna Tòiseachaidh 1870
Bliadhna mu Dheireadh 1940
Prìomh-Bhaile Paris, Versailles
Càna(i)n Oifigeil Fraingis

B' e ìre phoblachdach ann an eachdraidh na Frainge, a mhair bho na chailleadh an cogadh an aghaidh na Prùise ann an 1870 gu ruige na thug Hitler ionnsaigh air an dùthaich 1940,[1] a bh' ann an Treas Poblachd na Frainge (Fraingis: Troisième République Française). Chuireadh às dhan mhonarcachd air an robh an Dàrna Impireachd is Paris air a chuairteachadh le feachdan na Gearmailt, nuair a ghairm Léon Gambetta A' Phoblachd air 4 an t-Sultain 1870, dà latha ann dèidh dhan rìgh ghèilleadh dhan Cheusar aig Sedan.[2] Thoisich an stàit ùr ann an stàit gu math cugallach. Bha Riaghaltas ann am Paris fhèin, air an robh An Comann (Fraingis: La Commune), a ghabhadh ri Sòisealachd agus a sheas an aghaidh Riaghaltas na Poblachd ann am Versailles.[3] Thugadh ionnsaigh air Paris agus chaidh na mìltean a mharbhadh. Dh' fhàs an stàit ùr na bu shoirbheachaile an ceann beagan bliadhnaichean agus fo dhaoine mar Jules Ferry chaidh foghlam ùrachadh agus an impire leasachadh thall thairis.[4] Thàinig an stàit bheò às A' Chogadh Mhòr[5] ach dh'fhàs i gu math lag fad na 30an agus le sin cha do sheas An Fhraing an aghaidh Francisco Franco aig àm Cogadh Sìobhalta na Spàinne. Mu dheireadh thall, dhìobair Breatainn i agus chaill An Fhraing an cogadh an aghaidh Hitler: sgar e an dùthaich ann an dà leth, an taobh a tuath fo bhuaidh na Gearmailt agus an taobh a deas fon deachdaire Philippe Pétain. Chaidh poblachd ùr a chruthachadh ann an 1945.[6] Mhair an Treas Poblachd 70 bliadhna, an ìre na b' fhaide a mhiar stàit neo Bun-reachd anns an Fhraing bho àm Ar-a-mach na Frainge ann an 1789.

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Jacques Belle, La défaite française, un désastre évitable, tome 2 : Le 16 juin 1940, non à l'armistice !, Paris, Economica, coll. « Campagnes & stratégies » 2009, ISBN 978-2-7178-6590-5
  2. Franco-Prussian War
  3. Commune 1871
  4. Sénat de la France
  5. Madeleine Rebérioux, La République radicale ? 1898-1914, Paris, les éditions du Seuil, 1975
  6. Jean-Jacques Becker, Histoire politique de la France depuis 1945, Paris, Armand Colin, Cursus, huitième édition, 2005, ISBN 2-200-26475-5