An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Beurla"

O Uicipeid
Content deleted Content added
b r2.6.5) (Robot: Modifying tpi:Tokples Inglis
b r2.7.1) (Robot: Adding vep:Anglijan kel'
Loidhne 57: Loidhne 57:
[[Category:Cànain Ghearmaineach]]
[[Category:Cànain Ghearmaineach]]
[[Category:Cànanan sa' Bhreatainn Mhòr]]
[[Category:Cànanan sa' Bhreatainn Mhòr]]

[[lez:Инглис чӀал]]


[[ace:Bahsa Inggréh]]
[[ace:Bahsa Inggréh]]
Loidhne 177: Loidhne 175:
[[lb:Englesch]]
[[lb:Englesch]]
[[lbe:Ингилис маз]]
[[lbe:Ингилис маз]]
[[lez:Инглис чӀал]]
[[li:Ingels]]
[[li:Ingels]]
[[lij:Lèngoa ingleise]]
[[lij:Lèngoa ingleise]]
Loidhne 275: Loidhne 274:
[[uz:Ingliz tili]]
[[uz:Ingliz tili]]
[[vec:Łéngua inglexe]]
[[vec:Łéngua inglexe]]
[[vep:Anglijan kel']]
[[vi:Tiếng Anh]]
[[vi:Tiếng Anh]]
[[vo:Linglänapük]]
[[vo:Linglänapük]]

Mùthadh on 01:46, 18 dhen Chèitean 2012

A' Bheurla
English
Far a bheil i 'ga bruidhinn
Luchd-labhairt iomlan

1.8 billean

Reangach 3 (fileantach bho dhùthchas), 1/2 (iomlan)
Teaghlach-chànan

Ind-Eòrpach

Siostam-litreachaidh Aibidil Laideannach
Còdan Cànan
ISO 639-1 en
ISO 639-2 eng
ISO 639-3 eng
Roinnean, far a bheil Beurla ga bruidhinn

Is cànan Gearmailteach a tha ann am Beurla (English sa Bheurla) mar a tha Duitsis, Gearmailtis agus cànanan Lochlainn msa. 'S i a' Bheurla tè dhe na cànanan as motha air an t-saoghal; a thaobh àireamh luchd-labhairt dùthchasach, tomhaisear gur i an treasamh cànan sa chruinne an dèidh Sìonais(1mh) agus Hindi (2mh); ach canar le cuid eile gum bheil i aig a' chòigeamh àite an dèidh na Spàinntis. Measar gur i a' Bheurla an cànan as motha a tha ga labhairt agus ga ionnsachadh mar dàrna cànan air feadh an t-saoghal mhòr. 'S ise aon de shia cànanan oifigeil, agus dà chànan obrach, nan Dùthchannan Aonaichte, còmhla ri Fraingis.

Beurla sa Ghàidhlig agus cànanan eile

Ged is i Sasainn a' Ghàidhlig air an dùthaich, agus Sasannach air nithean a bhuineas do Shasainn, thàinig gur i Beurla a ghabhas air a' chànan. Tha Beurla a' buntainn do Bélre san t-seann Ghàidhlig, a' tighinn bho "beul" agus "re".[1] Mar seo, tha i cuideachd a' ciallachadh cainnt, no teanga san fharsaingeachd a bharrachd air a brìgh san latha a th' ann. Tha a' Ghàidhlig, a-rèiste, a' cur dealachadh eadar a' Bheurla Shasannach, mar a labhras ann an Sasainn i, agus Beurla Albannach, Beurla leathann, no mar as fheàrr a dh' aithnichear an-diugh i, a' Bheurla Ghallta air an cuireadh Albais bho chionn goirid air sgrìobhainnean oifigeil na h-Alba. 'S ann a tha cùisean a' tighinn nas toinnte buileach nuair a bheachdaicheas gur i Beurla na Fèinne a chanas ris an t-seann Ghàidhlig a bh' air a bruidhinn measg muinntir na Fèinne san t-seann aimsir.[2]

Thachair gur e facal ceangailte ri ainm aon de na treubhan Gearmailteach - na h-Anglaich - a chuireadh air Sasainn agus air a' Bheurla Shasannach sa chànan fhèin; England, English. Mar an ceudna, anns a' chuid as motha de chànanan an t-saoghail ma-tà, tha am facal a thathas a' cur air Beurla, a' buntainn don fhacail a thathas a' cleachdadh mar ainm Shasainn (m.e. Angleterre, anglais; Inglaterra, ingles) ach ann an cànanan mar Shìonais no Iapanais, chan eilear a' cur dealachadh eadar Sasainn, Beurla Shasainn no Breatainn, a dh' aindeoin 's gum bheil faclan eile aca air Alba, a' Chuimrigh ag]us Èirinn a Tuath. Mar eisimpleir, ann an Iapanais, canar 英語 (eigo) ri Beurla Shasainn, agus 英国(eikoku) ri Breatainn, Sasainn no an Rìoghachd Aonaichte am bitheantas ach, 's e a th' ann am barail mòr-shluagh na dùthcha sin an da-rìreabh, ach Sasainn a-mhàin, oir chan eil eadar-dhealachadh ann eadar Breatainn (英国), agus an R.A (イギリス) no Sasainn (英国、イギリス、イングランド) nan eanchainnean, do bhrìgh 's gum bheil dlùth-cheangail sa chainnt mhàthaireil aca eadar an cànan fhèin (Beurla Shasannach) agus na h-ainmean Breatainn, an R.A agus Sasainn uile. Thathar a-nis a' cur dealachadh eadar イングランド ingurando (Sasainn),スコットランドsukottorando (Alba), ウエールズueeruzu (A' Chuimrigh), 北アイルランドkitaairurando(Èirinn a Tuath) agus イギリスigirisu (Sasainn, An Rìoghachd Aonaichte), gu h-àraid bhon a bha Sgioba Ball-coise Shasainn a' cluich ann an Cuach na Cruinne ann an Iapan an 2002. Gidheadh, 's e facal a bhuineas don fhacail Phortagailis - ingles - a th' ann an イギリス.

  • N.B (Ged a tha abairt ann mar 連合王国(Rengououkoku - An Rìoghachd Aonaichte), chan eil e air a cleachdadh gu tric. Cleachdaidh Seirbhis Puist Nàiseanta Iapain イギリス(igirisu) mar ainm airson An Rìoghachd Aonaichte.)

Eachdraidh

Thàinig a' Bheurla bho thùs gu bith bho na dual-chainntean Angla-Fhreaslainnis a bh' air an labhairt leis na treubhan Gearmailteach - Anglaich, Sagsanaich, Diutaich agus Freaslainnich - a bhruth a-steach doBhreatainn a Deas aig toiseach a' chòigeamh linn agus a bhuineadh do sgìrean far am bheil Iar-thuath na Gearmailt agus Tìrean Ìsle a Tuath an-diugh.

An dèidh do Uilleam Diùc Normandaidh na Sasannaich a cheannsachadh, chuir e fhèin agus na h-uaislean aige dìmeas air a' Bheurla agus gach ni Sasannach. Cha robh cànan sam bith air a theagasg ann an sgoiltean no oilthighean ach Fraingis no Laideann rè mòran linntean an dèidh sin. Is mòr an t-atharrachadh a thàinig air a' Bheurla bho na làithean ud.

Cha robh a' Bheurla gu deireadh linn an treasamh Ìomhair, Rìgh Shasainn, idir coltach ris a' Bheurla a tha air a labhairt san latha an-diugh. Air an adhbhar sin, chan eil seann leabhraichean sgrìobhte rim faighinn anns a' Bheurla mar a gheibhtear ann an Gàidhlig, Laideann no seann chànanan eile. [3]

An dèidh Buaidh nan Normanach, chaidh Seann Bheurla na Beurla Mheadhanach, a' gabhail a-steach an t-uabhas fhaclan-iasaid agus gnàthsan litreachaidh bho chainnt nan Normanach (Sasannach-Fhrangach). Thàinig Beurla an latha an-diugh gu bith bhon uairsin, agus san latha a th' ann, 's ann a tha i a' leantainn oirre faclan-iasaid cèin a thoirt a-steach bho chaochladh chànanan, a thuilleadh air a briathrachais fhèin a chruthachadh.

Aistean co-cheangailte

Iomraidhean

  1. Faclair MhicBheathain
  2. Dwelly-d
  3. Mac-Talla, Mart 14, 1896; d7

ak:English