Sibiu

O Uicipeid
Sibiu
Nagyszeben
Hermannstadt
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula

Suidheachadh
Dùthaich Romàinia
Ceàrn Sibiu
Co-chomharran 45° 47 47' Tuath
24° 08 59' Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 121 km²
Àireamh-shluaigh 147,245 (2011)
Dlùths 1,216.9/km²
Àireamh fòn +40 02 69
Duilleag oifigeil Duilleag Oifigeil

'S e baile mòr eadar Brașov agus Alba Iulia, ann an cridhe Romàinia a th' ann an Sibiu (IPA: ˈsiˈbiw, Ungairis: Nagyszeben, IPA: ˈnɒt͡sːɛbɛn, Gearmailtis: Hermannstadt, IPA: ˈhɛʁmanʃtat). Tha e suidhichte ri taobh na h-Aibhne Cibin, aig 431m os cionn ìre na mara, san t-siorrachd (Romàinis: Județ) Sibiu. Tha 147,245 duine a' fuireach ann.[1]

Eachdraidh[deasaich | deasaich an tùs]

'S ann à ainm na h-Aibhne Cibinium ann an Laideann s' a tha ainm a' bhaile.[2] Bhuinneadh an t-àite dhan roinn Ròmanach Dacia. Chanadh Cedonia ris an àite aig àm nan Daci agus Impireachd na Ròimhe. Chaidh am baile a chlàradh airson a' chiad turais ann an 1191 mar Cipin agus an uair sin mar Prepositus Scibiniensis ann an 1211. Bha an t-ainm air atharrachadh gu Villa Hermanni ann an 1223 ann an ònoir an àrd-easbaige Hermann II à Köln. Nuair a dh' iarr Rìgh na h-Ungair air na Sagsannaich gun gabhadh iad còmhnaidh ann an Transsilvania anns na meadhannan aoisean, stèidhich iad seachd bailtean daingnichte, Sibiu nam measg. 'S e an adhbhar a chanar Siebenbürgen (Gàidhlig: seachd caistealan) ri Transsilvania ann an Gearmailtis.[3] Bhuinneadh am baile dhan Phrionnsalachd Transsilvania bho 1541 gu ruige 1699.[4] Ghabh am baile ris an Ath-Leasachadh agus na sgrìobh Màrtainn Lùtair ann an 1523.[5] B' ann ann an Sibiu a chaidh a stèidheachadh a' chiad bhanca Romàinianach. Bhuinneadh am baile dhan Ostair-Ungaire gu ruige 1922, nuair a ghabh Romàinia os làimh e. Bha mòr-chuid Gearmailteach ann ach dh'fhalbh iad uile gu lèir an dèidh An Dàrna Cogaidh agus, gu seachd-àraidh, fhad's a bha Nicolae Ceauşescu os cionn na dùthcha.

Daoine ainmeil[deasaich | deasaich an tùs]

Bailtean co-cheangailte[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Institutul Național de Statistică.
  2. Iorgu Iordan - Dicționar onomastic românesc, Bucharest, 1963.
  3. Harald Roth: Kleine Geschichte Siebenbürgens. Böhlau, Köln/Weimar/Vienna, 2003.
  4. Gerald Volkmer, Das Fürstentum Siebenbürgen (1541-1691). Außenpolitik und völkerrechtliche Stellung], Arbeitskreis für Siebenbürgische Landeskunde Heidelberg, 2002.
  5. Ulrich Andreas Wien: Siebenbürgen - Pionierregion der Religionsfreiheit: Luther, Honterus und die Wirkungen der Reformation. Schiller Verlag, Sibiu/Bonn, 2017, ISBN 978-3-946954-05-7