Sgùrr nan Conbhairean
Coltas
Sgùrr nan Conbhairean | |
---|---|
Sgùrr nan Conbhairean bhon Cràileag | |
Àirde (m) | 1,109 |
Àirde (tr) | 3,638 |
air liosta | Beinn Rothaich |
Suidheachadh | |
Suidheachadh | Srath Chluanaidh |
Mapa cumadh-tìre | Landranger 34 Explorer 414 |
Comharradh-clèithe | NH13001388 |
’S e beinn ann an Srath Chluanaidh air a’ Ghàidhealtachd a th’ ann an Sgùrr nan Conbhairean. Tha i 1,109m de dh’àirde agus ’s e Beinn Rothaich a th' ann. Tha e suidhichte eadar Loch Cluanaidh agus Gleann Afraig eadar Càrn Ghluasaid agus Sàil Chaorainn. 'S e an sreath de bheanntan sin a' chiad fhear a chithear nuair a thigear a Chinn Tàile bho Ghleann Moireasdan. Tha an t-ainm a' toirt iomradh air neach a choimheadas às dèidh chon[1].
Mar as trice bithear ga streap bho Loch Cluanaidh gu dìreach agus ga cheangal le Càrn Ghluasaid agus Sàil Chaorainn. Dh'fhaodadh tilleadh tro Dhrochaid an Tuill Easaich agus Meall Breac[2].
Bhon mhullach gheibhear seallaidhean air beanntan Chinn Tàile, Gleann Seile, Gleann Afraig agus Chnòideirt.
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Drummond, Peter 1991; Scottish Hill and Mountain Names, Scottish Mountaineering Trust; d. 148
- ↑ Càrn Ghluasaid, Sgùrr nan Conbhairean agus Sàil Chaorainn air Walkhighlands