Jump to content

Sàil Chaorainn

O Uicipeid
Sàil Chaorainn

Mullach Sàil Chaorainn
Àirde (m) 1,002
Àirde (tr) 3,287
air liosta Beinn Rothaich
Suidheachadh
Sàil Chaorainn is located in Alba
Sàil Chaorainn
Sàil Chaorainn (Alba)
Suidheachadh Srath Chluanaidh
Mapa cumadh-tìre Landranger 34
Explorer 414
Comharradh-clèithe NH13321545

’S e beinn ann an Srath Chluanaidh air a’ Ghàidhealtachd a th’ ann an Sàil Chaorainn. Tha i 1,002m de dh’àirde agus ’s e Beinn Rothaich a th' ann. Tha e suidhichte eadar Loch Cluanaidh agus Gleann Afraig aig ceann droma a thig bho Chàrn Ghluasaid agus Sgùrr nan Conbhairean. 'S e an sreath de bheanntan sin a' chiad fhear a chithear nuair a thigear a Chinn Tàile bho Ghleann Moireasdan. Tha an t-ainm a' toirt iomradh air caorann, craobh a nochdas ann an iomadh ghleann san sgìre seo.

Mar as trice bithear ga streap bho Loch Cluanaidh gu dìreach agus ga cheangal le Càrn Ghluasaid agus Sgùrr nan Conbhairean. Dh'fhaodadh tilleadh tro Dhrochaid an Tuill Easaich agus Meall Breac[1].

Bhon mhullach gheibhear seallaidhean air beanntan Chinn Tàile, Gleann Seile, Gleann Afraig agus Chnòideirt.

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Càrn Ghluasaid, Sgùrr nan Conbhairean agus Sàil Chaorainn air Walkhighlands

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: