Càrn Ghluasaid
Coltas
Càrn Ghluasaid | |
---|---|
Mullach Cùirn Gluasaid | |
Àirde (m) | 957 |
Àirde (tr) | 3,139 |
Màthair-mhullaich | Sgùrr nan Conbhairean |
air liosta | Beinn Rothaich |
Suidheachadh | |
Suidheachadh | Srath Chluanaidh |
Mapa cumadh-tìre | Landranger 34 Explorer 414 |
Comharradh-clèithe | NH14591250 |
’S e beinn ann an Srath Chluanaidh air a’ Ghàidhealtachd a th’ ann an Càrn Ghluasaid. Tha i 957m de dh’àirde agus ’s e Beinn Rothaich a th' ann. Tha e suidhichte eadar Loch Cluanaidh agus Gleann Afraig. 'S e an sreath de bheanntan sin a' chiad fhear a chithear nuair a thigear a Chinn Tàile bho Ghleann Moireasdan. Tha an t-ainm a' toirt iomradh air sgàirneach air cliathaich na beinne a bhios a' sìor ghluasad sìos[1].
Mar as trice bithear ga streap bho Loch Cluanaidh gu dìreach agus ga cheangal le Sgùrr nan Conbhairean agus Sàil Chaorainn. Dh'fhaodadh tilleadh tro Dhrochaid an Tuill Easaich agus Meall Breac[2].
Bhon mhullach gheibhear seallaidhean air beanntan Chinn Tàile, Gleann Seile, Gleann Afraig agus Chnòideirt.
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Drummond, Peter 1991; Scottish Hill and Mountain Names, Scottish Mountaineering Trust; d. 170
- ↑ Càrn Ghluasaid, Sgùrr nan Conbhairean agus Sàil Chaorainn air Walkhighlands