Seán Ó Riada

O Uicipeid
Seán Ó Riada
Beatha
Breith Adare (en) Translate, 1 dhen Lùnastal 1931
Dùthaich  Poblachd na h-Èireann
Bàs Lunnainn, 3 dhen Dàmhair 1971
Nàdar a’ bhàis adhbharan nàdarra (caitheamh a' ghrùthain)
Teaghlach
Clann
Foghlam
Foghlam Colaiste Oilthigh Chorcaigh
St Munchin's College (en) Translate
Dreuchd
Dreuchd ceòl-sgrìobhaiche agus eòlaiche-ciùil
Gnè ealain ceòl Èireannach
Inneal-ciùil fìdheallan
Taigh-clàraidh Shanachie Records (en) Translate
IMDb nm0642498

B' e cumadair-ciùil Èireannach a bh' ann an Seán Ó Riada (Corcaigh, 1 an Lùnastal 1931Lunnainn, 3 an Dàmhair 1971), no John Reidy mar a chaidh a bhaisteadh. 'S dòcha gum b’ e esan an duine aig an robh am buaidh a bu mhotha air ath-nuadhachadh a’ chiùil thraidiseanta ann an Èireann o na 1960an. Gabh e pàirt air Ceoltóirí Chualann mar neach-ciùil, agus bha e na threòraiche-ciùil, na neach-ealain, agus na neach-film. Dh’fhàg e a shaothair, a tha na dhìleab chultarail ann an Saoghal Gàidhlig na h-Èireann, is fhuair e urram is cliù air feadh an t-saoghal.

Òigridh[deasaich | deasaich an tùs]

Rugadh John Reidy ann an Contae Chorcaí, is ghluais a theaghlach gu Áth Dara, ann an Contae Luimnigh, goirid an dèidh sin. Chaidh e gu Coláiste Naomh Fionnbarra, is sheinneadh e air an fhidheall, air a’ phiàno agus air an òrgan, is dh’ionnsaich e cultar clasaigeach le Aloys Fleischmann aig Coláiste na hOllscoile, ann an Corcaigh, far an robh e na reactar air Comann Fheallsanachd. Chomharraich e a cheumnachd ann an 1952. Am bliadhna sin, chuideachadh e le stiùireadh air Raidió Éireann, is phòs e Ruth Coughlan ann an 1953. Sna feasgaran sheinneadh e air a’ phiàno airson chòmhlanan-dannsa, is chaidh e dhan Fhraing airson greis , far an d’ fhuair e ùidh ann an ceòl avant-garde. Nuair a thill e a dh’Èirinn bha e na stiùiriche is na treòraiche-ciùil air Amharclann na Mainistreach ann am Baile Àtha Cliath gu 1962, aig an aon àm a chumadh e a dhreuchd air an rèidio. B’ ann aig an àm sin nuair a rinn e a mhòr chuid de cheòl avant-garde, m.e. “Nomos No. 1: Hercules Dux Ferrariae” (1957), no “Triptyche Pour Orchestre” (1960).

Mise Éire[deasaich | deasaich an tùs]

Rinn agus threòraich an Riadach ceòl airson foireann-ciùil le buaidh o Sheann-Nòs agus o cheòl Clasaigeach a bha air a chleachdadh air filmichean is dealbhan-cluiche, mar a rinn cumadairean Eòrpach eile mar Dvořák (An t-Seic), Bartók (an Ungair) agus Ralph Vaughan Williams (Sasainn). Ann an 1959, cho-obraich e le George Morrison air film ris an canar “Mise Éire”, mu dheidhinn stèidheachadh Phoblachd na h-Èireann. Choisinn e cliù gu nàiseanta, is rinn e sreathan is filmichean eile, m.e. “Saoirse” (1960), “An Tine Bheo” no prògram air rèidio, “Our Musical Heritage”. Thuirt Ó Riada gum bu chòir do dhuine èisteachd ri Seann-Nòs mar a dh’èisteadh pàiste ri òrain às na h-Innseachan.

Ceoltóirí Chualann[deasaich | deasaich an tùs]

Bha e na cheannard air Ceoltóirí Chualann bho 1961 gu 1969, is ged a chluicheadh iad ann an talla-ciùil, is deiseachan dubh snasail orra, b’ e puirt is òrain traidiseanta a sheinneadh iad. Bhiodh Seán fhèin a’ cluich air bodhran no cruit-chòrda aig meadhan an àrd-ùrlair. Cha robh am bodhran cumanta aig an àm, biodh e dìreach air a chleachdadh le balaich sna sràidean, is cha robh fiù ‘s clàrsaichean fo an cothrom, mar sin chluicheadh e cruit-chòrda a dhèanadh Cathal Gannon dha. Ged a bha na h-òrain is puirt ud air an cluiche ann an taighean-seinnse ann an Lunnainn, le Èireannaich a bha a’ fuireach ann, cha chluinneadh iad roimhe an ceòl sna tallachan-ciùil. Chlàr iad ceòl airson “Playboy of the Western World” (1962), is chluich iad an turas mu dheireadh ann an 1969, na tha clàraichte air “Ó Riada Sa Gaiety". Ghabh buill Cheoltóirí Chualann pàirt ann an còmhlan-ciùil ùr a nochd aig an àm, The Chieftains. Rinn Ceoltóirí Chualann agus daoine eile ath-bheòthachadh air cèol Uí Chearbhalláin san darna leth dhen 20mh Linn agus tha pìosan mar "Sí Bheag, Sí Mhór"[1] agus na pìosan a chleachd Planxty ainmeil gus ar làithean.

Bliadhnaichean mu dheireadh[deasaich | deasaich an tùs]

Bha Ó Riada na òraidiche-ciùil aig Gaeltacht Chúil Aodha, ann an taobh an Iar Chorcaí, is stèidhich e còisir fireann ann, Cór Chúil Aodha. Rinn e an sin ceòl airson aifreann ann an Gàidhlig na h-Èireann, m.e. “Ceol an Aifrinn”, "Ag Críost an Síol", is “Aifreann 2”, a bhuannaich duais ann an 1979, an dèidh e bàsachadh. Ghabh e pàirt ann an poileataics na h-Èireann is bhiodh e am measg daoine cudromach aig an àm. Chaochail e ann an Lunnainn air sgàth caitheamh a' ghrùthain ann an 1971. Fhuair e tìodhlacadh ann am Baile Mhúirne, Contae Chorcaí, is chluich am pìobaire Willie Clancy ann.

Clàran[deasaich | deasaich an tùs]

  • Ceolta Éireann / Music of Ireland: Gael-Linn CEF 001 (LP, 1958), re-issued as Gael-Linn CEFCD 001 (CD, 2009).
  • Mise Éire: Gael-Linn CEF 002 (EP, 1960); re-issued on Gael-Linn CEF 080 (LP & MC, 1979).
  • Saoirse?: Gael-Linn GL 1 (EP, 1960); re-issued on Gael-Linn CEF 080 (LP & MC, 1979).
  • Irische Volkslieder: Harmonia Mundi HMS 30691 (LP, 1965). Contains five traditional Irish songs arranged for chamber choir.
  • An Tine Bheo: Gael-Linn GL 2 (EP, 1966); re-issued on Gael-Linn CEF 080 (LP & MC, 1979).
  • Ceol na Laoi: Gael-Linn GL 14 (EP, 1966).
  • Vertical Man (Claddagh Records CSM 1 (LP & MC, 1969). Contains: Nomos No. 1: Hercules Dux Ferrariae, Three Poems by Thomas Kinsella, In memoriam Aloys G. Fleischmann, Hill Field, Sekundenzeiger, Lovers on Aran.
  • Ceol na hÉireann - Music of Ireland: Gael-Linn CEF 019 (LP, 1969). Contains: Slán le máigh, Feirmeoir an ghallbhaile (trad. arr. for orch.).
  • Ceol an Aifrinn / Ó Riada Mass: Gael-Linn CB 3 (LP & MC, 1971).
  • Aifreann nua / Aifreann 2: Gael-Linn CEF 081 (LP & MC, 1979).
  • Mise Éire: Gael-Linn CEF CD 134 (CD & LP, 1987). Contains: Mise Éire, Saoirse?, An Tine Bheo.
  • Romantic Ireland: Marco Polo 8.223804 (CD, 1995). Contains: The Banks of Sulán.
  • Seán Ó Riada: Orchestral Works: RTÉ Lyric fm CD 136 (CD, 2011). Contains: Overture Olynthiac, The Banks of Sulán, Nomos No. 1: Hercules Dux Ferrariae, Seoladh na nGamhan, Nomos No. 4, Mise Éire.

Clàran le Ceoltóirí Chualann

  • Reacaireacht an Riadaigh: Gael-Linn CEF 010 (LP, 1961).
  • The Playboy of the Western World: Gael-Linn CEF 012 (LP, 1962).
  • Ceol na nUasal: Gael-Linn CEF 015 (LP, 1967).
  • ding dong: Gael-Linn CEF 016 (LP, 1967).
  • Ó Riada sa Gaiety: (LP, 1971); Gael-Linn ORIADACD01.
  • Ó Riada's Farewell: Claddagh Records CC 12 (LP, 1972).
  • Port na bPúcaí : Gael-Linn ORIADACD07 (CD, 2014)

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Old Music Project