Ceoltóirí Chualann

O Uicipeid
Jump to navigation Jump to search

B' e còmhlan-ciùil Èireannach a bh' ann an Ceoltóirí Chualann a bha air a stiùireadh le Seán Ó Riada eadar 1960 is 1969, 's bhon a thàinig The Chieftains an dèidh làimh. 'S ann ann an Cualann, sgìre taobh a-muigh Bhaile Àtha Cliath, far an robh Ó Riada a' fuireach aig an àm, 's sin mar a chaidh an còmhlan ainmeachadh.

Bha na Ceoltóirí dha-rìribh cudromach ann an ath-bheòthachadh ceòl traidiseanta na h-Èireann.'S iad a chleachd am bòdhran a-rithist, inneal-ciùil faraim a tha fhathast fasanta bhon uair sin, is chluicheadh iad puirt le Toirdhealbhach Ó Cearbhalláin.

A-rèir coltais, 's ann a bha Seán Ó Riada a' lorg cheòladairean airson dealbh-chluich le Bryan MacMahon ris an canar The Song of the Anvil nuair a smaoinich e gum biodh e iomchaidh còmhlan-ciùil a chur air dòigh. Bhiodh iad ag ullachadh nam port aig taigh Sheáin, is bhiodh Paddy Moloney air a' phìob uilne, Sean Potts air an fhìdeag, Sonny Brogan air a' bhocsa agus John Kelly air an duiseil. Mar sin, thòisich iad anns an dearbh bhliadhna, is chluich iad a' chiad turas mar chòmhlan aig Féile Téatar Bhaile Átha Cliath san t-Sultain 1960, ann an tachartas ainmichte mar Reacaireacht an Riadaigh, is ghabh iomadh seinneadair is bàrd pàirt ann, leithid Seán Ó Ríordáin agus Seán Ó Tuama.

Bhiodh iad a' cluich an dèidh sin airson prògram rèidio a bh' aig Seán, Reacaireacht an Riadaigh, is dh'fhàs iad ainmeil air feadh na dùthcha.

'S e puirt agus amhrain traidiseanta à Èirinn a bhiodh iad a' cluich, ge-tà, ann an dòigh caran Clasaigeach, coltach ri foireann-ciùil, is 's e Seán Ó Sé a bhiodh a' seinn còmhla riutha mar as trice.

Bhiodh iad fhathast a' seinn suas gu 1969, is chaochail Ó Riada ann an 1971.

Clàran

  • Reacaireacht an Riadaigh: Gael-Linn CEF 010 (LP, 1961).
  • The Playboy of the Western World: Gael-Linn CEF 012 (LP, 1962).
  • Ceol na nUasal: Gael-Linn CEF 015 (LP, 1967).
  • ding dong: Gael-Linn CEF 016 (LP, 1967).
  • Ó Riada sa Gaiety: (LP, 1971); Gael-Linn ORIADACD01.
  • Ó Riada's Farewell: Claddagh Records CC 12 (LP, 1972).
  • Port na bPúcaí : Gael-Linn ORIADACD07 (CD, 2014)